Gnìomhan 2
2
An Spiorad Naomh a' Tighinn aig a' Chaingis
1Nuair a thàinig latha na Caingis, bha iad uile còmhla san aon àite. 2Agus gu grad thàinig o nèamh fuaim mar dhian‑ruith gaoithe chumhachdaich, agus lìon i an taigh gu lèir anns an robh iad nan suidhe. 3Agus nochd teangannan sgoilte mar theine riutha agus shìn e air gach aon dhiubh. 4Agus bha iad uile air an lìonadh leis an Spiorad Naomh agus thòisich iad air bruidhinn ann an teangannan eile, mar a thug an Spiorad comas còmhraidh dhaibh.
5A‑nis bha Iùdhaich a' fuireach ann an Ierusalem, daoine cràbhach bhon a h‑uile nàisean fo nèamh. 6Agus nuair a chaidh am fuaim seo a dhèanamh, thàinig an sluagh còmhla, agus chuir seo troimh‑a‑chèile iad a chionn 's gun robh gach aon dhiubh gan cluinntinn a' bruidhinn na chànan fhèin. 7Agus bha iad uile fo iongnadh 's fo mhòr‑iongantas, ag ràdh, “Èist, nach e Galilèaich a th' annta sin uile a tha a' bruidhinn? 8Agus ciamar a tha sinne gan cluinntinn, gach aon againn nar cànan fhèin, anns an deach ar breith? 9Partaich is Medich is Elamaich is luchd‑còmhnaidh Mhesopotamia, Iudèa is Chapadòcia, Phontuis is Àisia, 10Phrigia is Phamphilia, na h‑Èipheit is na pàirtean de Libia timcheall Chirène, agus luchd‑tadhail on Ròimh, 11an dà chuid Iùdhaich is proseilitich, Cretich is Arabaich – tha sinn gan cluinntinn a' bruidhinn nar teangannan fhèin mu ghnìomhan cumhachdach Dhè.” 12Agus bha iad uile fo iongnadh agus fo dhragh mòr, ag ràdh ri càch‑a‑chèile, “Dè a tha seo a' ciallachadh?”
13Ach rinn feadhainn eile magadh ag ràdh, “Tha iad làn de dh'fhìon ùr.”
Peadar a' Bruidhinn ris an t‑Sluagh
14Ach, a' seasamh còmhla ris an aon fhear deug, thog Peadar a ghuth agus thuirt e riutha, “Fheara Iudèa, agus a luchd‑còmhnaidh Ierusaleim uile, biodh fios agaibh air a seo, agus èistibh rim bhriathran‑sa. 15Oir chan eil iad seo air mhisg, mar a tha sibhse a' saoilsinn, o nach eil e ach naoi uairean sa mhadainn!#2:15 Gu lit.: “treas uair den là” 16Ach is e seo an rud a chaidh a ràdh leis an fhàidh Ioel:
17“‘Agus tachraidh anns na làithean deireannach, tha Dia ag ràdh,
gun dòirt mise a‑mach dhem Spiorad air a h‑uile feòil;
agus nì ur mic is ur nigheanan fàidheadaireachd,
agus chì ur fir òga seallaidhean is bidh ur seann daoine ag aisling aislingean.
18Is fiù 's air mo sheirbheisich agus air mo bhana‑sheirbheisich
anns na làithean sin dòirtidh mise a‑mach mo Spiorad,
agus nì iad fàidheadaireachd.
19Agus seallaidh mise iongantasan anns na nèamhan shuas
agus comharraidhean air an talamh shìos:
fuil, agus teine, agus smùid de cheò.
20Bidh a' ghrian air a tionndadh gu dorchadas
agus a' ghealach gu fuil,
mun tig latha mòr agus glòrmhor an Tighearna.
21Agus tachraidh gun tèid a h‑uile neach a ghairmeas
air ainm an Tighearna a shàbhaladh.’#Ioel 2:28‑32
22“Fheara Israeil, èistibh ris na briathran seo: Ìosa o Nàsaret, duine a chaidh a dhearbhadh le Dia dhuibhse, le obraichean cumhachdach is iongantasan is comharraidhean, a rinn Dia troimhesan nur measg‑se, mar tha fios agaib' fhèin, 23an t‑Ìosa seo, a chaidh a thoirt thairis le comhairle chinntich agus ro‑eòlas Dhè, ga cheusadh le làmhan dhaoine mì‑riaghailteach, mharbh sibh e. 24Ach thog Dia suas e, ga shaoradh o phiantan a' bhàis, a chionn 's nach robh e an comas dha a bhith air a chumail leis a' bhàs. 25Oir thuirt Daibhidh ma dheidhinn:
“‘Chunnaic mi an Tighearna an‑còmhnaidh mum choinneamh,
oir tha e aig mo dheas‑làimh,
airson 's nach tèid mo chrathadh.
26Mar sin bha mo chridhe toilichte agus rinn mo theanga gàirdeachas;
agus bidh m' fheòil cuideachd beò ann an dòchas.
27Oir chan fhàg thu m' anam ann an Ifrinn,
cha mhotha a leigeas tu led Aon Naomh gum faic e truaillidheachd.
28Tha thu air slighean na beatha a dhèanamh aithnichte dhòmhsa;
lìonaidh tu le aoibhneas mi led làthaireachd.’#Salm 16:8‑11 (LXX)
29“A bhràithrean, faodaidh mi a ràdh ribh le dànadas mun phrìomh‑athair Daibhidh, gun do bhàsaich e is gun deach adhlacadh, agus gu bheil an tuam aige againn gus an latha an‑diugh. 30Agus, mar sin, a chionn 's gum b' e fàidh a bh' ann agus e fiosrach gun robh Dia air bòideachadh le mionnan dha gun suidhicheadh e aon dhe a shliochd air a rìgh‑chathair‑san, 31chunnaic e ro‑làimh is bhruidhinn e mu dheidhinn aiseirigh Chrìosd, nach robh e air a thrèigsinn do dh'Ifrinn; cha mhotha a chunnaic fheòil‑san truaillidheachd. 32An t‑Ìosa seo thog Dia suas, agus dhe sin tha sinne uile nar fianaisean. 33Mar sin, air àrdachadh gu deas‑làimh Dhè agus air gealladh an Spioraid Naoimh fhaighinn on Athair, tha e air an rud seo a dhòrtadh a‑mach a tha sibhse a' faicinn agus a' cluinntinn. 34Oir cha deach Daibhidh suas dha na nèamhan, ach tha esan e fhèin ag ràdh:
“‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna:
“Suidh aig mo dheas‑làimh
35gus an cuir mi do nàimhdean
nan stòl fod chasan.”’#Salm 110:1
36“Mar sin biodh fios cinnteach aig taigh Israeil gu lèir gun do rinn Dia an dà chuid, na Thighearna agus na Chrìosd, an t‑Ìosa seo a cheus sibhse.”
37A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air an lot chun a' chridhe, agus thuirt iad ri Peadar 's ris a' chòrr dhe na h‑abstoil, “A bhràithrean, dè a nì sinn?”
38Agus thuirt Peadar riutha, “Dèanaibh aithreachas agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Ìosa Crìosd airson mathanas ur peacaidhean, agus gheibh sibh tiodhlac an Spioraid Naoimh. 39Oir tha an gealladh dhuibhse agus dhur cloinn agus dha na h‑uile a tha fad' às, na h‑uiread 's a ghairmeas an Tighearna ar Dia thuige fhèin.”
40Agus le mòran bhriathran eile thug e fianais agus chùm e air gan earalachadh, ag ràdh, “Sàbhailibh sib' fhèin on ghinealach choirbte seo.” 41Mar sin bha iadsan a ghabh ri fhacal‑san air am baisteadh, agus chaidh mu thrì mìle anam a chur riutha an latha sin.
Co‑Chomann nan Creidmheach
42Agus choisrig iad iad fhèin do theagasg nan abstol agus do cho‑chomann, agus do bhriseadh arain agus do dh'ùrnaighean. 43Agus thàinig eagal air a h‑uile h‑anam agus bha mòran mhìorbhailean is chomharraidhean gan dèanamh leis na h‑abstoil. 44Agus bha iadsan uile a chreid anns an aon àite agus bha a h‑uile rud aca gu coitcheann. 45Agus bha iad a' reic an saidhbhreis is am maoin agus a' roinn seo am measg nan uile, a rèir 's mar a bha feum aig gach neach. 46Agus latha às dèidh latha, a' leantainn orra a dh'aon inntinn san teampall, agus a' briseadh arain o thaigh gu taigh, ghabh iad am biadh le cridheachan aoibhneach is iriosal, 47a' moladh Dhè agus iad le fàbhar aca on t‑sluagh gu lèir. Agus chuir an Tighearna iadsan a bha gan teàrnadh ris an àireamh aca latha às dèidh latha.
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024