Skip to content

Gnìomhan 4

4
Peadar agus Eòin mu choinneamh na Comhairle
1Agus fhad 's a bha iad a' bruidhinn ris an t‑sluagh, thàinig na sagartan is caiptean an teampaill is na Sadusaich thuca, 2fo dhragh mòr a chionn 's gun robh iad a' teagasg an t‑sluaigh agus a' searmonachadh aiseirigh o na mairbh tre Ìosa. 3Agus chuir iad an grèim iad is chuir iad ann am prìosan iad gus an ath latha, oir bha am feasgar ann mu thràth. 4Ach chreid mòran dhiubhsan a bh' air am facal a' chluinntinn; agus thàinig àireamh nan daoine gus a bhith mu thimcheall air còig mìle.
5Air an ath latha chruinnich na riaghladairean is na seanairean is na sgrìobhaichean aca ann an Ierusalem, 6agus Annas an t‑àrd‑shagart is Caiaphas is Eòin is Alecsander is iadsan uile a bha de theaghlach an àrd‑shagairt. 7Agus nuair a bha iad air an suidheachadh sa mheadhan dh'fhaighnich iad, “Dè an cumhachd, no dè an t‑ainm leis an do rinn sibh seo?”
8An uair sin, làn dhen Spiorad Naomh, thuirt Peadar riutha, “A riaghladairean is èildearan an t‑sluaigh, 9ma tha sinne an‑diugh air ar ceasnachadh mu dheagh ghnìomh a chaidh a dhèanamh do chrioplach, a thaobh ciamar a chaidh a shlànachadh, 10biodh e aithnichte dhuibhse uile is do shluagh Israeil gu lèir gur ann le ainm Ìosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh – le ainm‑san tha an duine seo na sheasamh slàn an seo nur làthair‑se. 11Is esan
“‘a' chlach a chaidh a dhiùltadh leibhse, an luchd‑togail,
a thàinig gus a bhith na clach‑cinn an oisein.’#Salm 118:22
12“Agus chan eil slàinte ann an neach sam bith eile; oir chan eil ainm sam bith eile fo nèamh air a thoirt am measg dhaoine leis am feum sinn a bhith air ar sàbhaladh.”
13A‑nis nuair a chunnaic iad dànadas Pheadair is Eòin, agus a thuig iad gum b' e daoine gun fhoghlam agus cumanta a bh' annta, ghabh iad iongnadh. Agus dh'aithnich iad gun robh iadsan air a bhith còmhla ri Ìosa. 14Ach a' faicinn an duine a chaidh a leigheas na sheasamh còmhla riutha, cha robh sìon aca ri ràdh mar fhreagairt. 15Ach nuair a bha iad air òrdachadh dhaibh a' Chomhairle fhàgail, rinn iad còmhradh ri chèile, 16ag ràdh, “Dè a nì sinn leis na daoine seo? Oir tha e aithnichte gun deach comharra mìorbhaileach a dhèanamh tromhpa – follaiseach do luchd‑àiteachaidh Ierusaleim gu lèir – agus chan urrainn dhuinne sin àicheadh. 17Ach airson 's nach tèid seo a sgaoileadh nas fhaide buileach am measg an t‑sluaigh, thugamaid rabhadh dhaibh gun a bhith a' bruidhinn tuilleadh ri neach sam bith anns an ainm seo.”
18Agus ghairm iad orra agus dh'àithn iad dhaibh gun a bhith a' bruidhinn no a' teagasg idir ann an ainm Ìosa. 19Ach fhreagair Peadar is Eòin iad, “A bheil e ceart ann am fianais Dhè èisteachd ribhse seach ri Dia? Breithnichibh, 20oir chan urrainn dhuinne ach na rudan a chunnaic is a chuala sinn innse.”
21Agus nuair a bha iad air barrachd maoidhidh a dhèanamh orra, leig iad às iad, gun dòigh fhaighinn air am peanasachadh, air sgàth an t‑sluaigh, oir bha iad uile a' moladh Dhè airson an rud a thachair. 22Oir bha an duine air an deach an comharra leigheis a dhèanamh còrr is ceathrad bliadhna a dh'aois.
Ùrnaigh nan Creidmheach
23Nuair a chaidh an leigeil às, thàinig iad gu 'n cuideachd fhèin, agus thug iad cunntas air a h‑uile rud a bha na h‑àrd‑shagartan is na h‑èildearan air a ràdh riutha. 24Agus nuair a chuala iad seo, a dh'aon inntinn thog iad suas an guth ri Dia agus thuirt iad, “A Thighearna, is tusa a rinn nèamh is talamh is a' mhuir is a h‑uile sìon a th' annta, 25a thuirt leis an Spiorad Naomh, tro bheul ar n‑athar Daibhidh, do sheirbheiseach:
“‘Carson a ghabh na Cinnich an caoch,
agus a rinn an sluagh innleachd dhìomhain?’
26Sheas rìghrean na talmhainn suas,
agus chaidh na riaghladairean a chruinneachadh còmhla
an aghaidh an Tighearna,
agus an aghaidh an Aoin Ungte#4:26 'S e sin am Mesiah, no Crìosd aige.'#Salm 2:1‑2
27“Oir gu fìrinneach sa bhaile seo bha, air an cruinneachadh còmhla an aghaidh do sheirbheisich naoimh Ìosa, a dh'ung thu, an dà chuid Herod is Pontius Pìlat, còmhla ris na Cinnich is slòigh Israeil, 28a dhèanamh ge b' e dè a ro‑òrdaich do làmh 's do rùn a thachradh. 29A‑nis, a Thighearna, thoir aire dha na maoidhidhean aca agus ceadaich dhad sheirbheisich gum bruidhinn iad d' fhacal leis a h‑uile dànachd, 30fhad 's a shìneas tu a‑mach do làmh airson leigheas, agus a tha comharraidhean is iongantasan air an dèanamh trod sheirbheiseach naomh Ìosa.”
31Agus nuair a bha iad air ùrnaigh a dhèanamh, bha an t‑àite san robh iad cruinn air a chrathadh, agus chaidh iad uile a lìonadh leis an Spiorad Naomh agus dh'aithris iad facal Dhè le dànachd.
Na Creidmhich a' Roinn an Cuid
32Agus bha a' chuideachd dhiubhsan a chreid de dh'aon chridhe is anam, agus cha tuirt neach sam bith gum bu leis fhèin a bha gin dhe na rudan a bu sheilbh dha, ach bha a h‑uile rud aca gu coitcheann. 33Agus le sàr‑chumhachd bha na h‑abstoil a' toirt fianais do dh'aiseirigh an Tighearna Ìosa, agus bha mòr‑ghràs orra uile. 34Cha robh aon neach ann an dìth nam measg, oir na h‑uimhir 's aig an robh fearainn no taighean, reic iad iad agus, a' toirt leotha luach nan rudan a chaidh a reic, 35shìn iad e aig casan nan abstol agus bha e air a roinn do gach neach mar a bha feum aige air.
36Mar sin reic Iòsaph, dhan tug na h‑abstoil an t‑ainm Barnabas (a tha a' ciallachadh ‘Mac na Cofhurtachd’) Lèbhitheach dham bu dùthaich Cìopras, 37achadh a bh' aige agus thug e an t‑airgead leis agus chuir e aig casan nan abstol e.