1
Eclesiastes 3:1
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Aig gach nì tha tràth, agus àm aig gach rùn fo nèamh
Compare
Explore Eclesiastes 3:1
2
Eclesiastes 3:2-3
Am gu breith, agus àm gu bàs fhaotainn; àm gu suidheachadh, agus àm gus an nì a shuidhicheadh a spìonadh suas; Am gu marbhadh, agus àm gu leigheas; àm gu briseadh sìos, agus àm gu togail suas
Explore Eclesiastes 3:2-3
3
Eclesiastes 3:4-5
Am gu gul, agus àm gu gàire; àm gu caoidh, agus àm gu dannsa; Am gu clachan a thilgeadh air falbh, agus àm gu clachan a chruinneachadh; àm gu gabhail an glacan, agus àm gu fantainn o ghabhail an glacan
Explore Eclesiastes 3:4-5
4
Eclesiastes 3:7-8
Am gu reubadh, agus àm gu fuaigheal; àm gu bhith tosdach, agus àm gu labhairt; Am gu gràdhachadh, agus àm gu fuathachadh; àm gu cogadh, agus àm gu sìth
Explore Eclesiastes 3:7-8
5
Eclesiastes 3:6
Am gu cosnadh, agus àm gu call; àm gu gleidheadh, agus àm gu tilgeadh air falbh
Explore Eclesiastes 3:6
6
Eclesiastes 3:14
Tha fhios agam gach nì a nì Dia, gum bi e ann gu bràth; cha ghabh aon nì cur ris, no aon nì toirt uaithe: agus nì Dia seo, a‑chum gum biodh eagal air daoine roimhe.
Explore Eclesiastes 3:14
7
Eclesiastes 3:17
Thubhairt mi am chridhe, Bheir Dia breith air an fhìrean agus air an aingidh: oir tha àm an sin a‑chum gach uile rùin, agus a‑chum gach uile obrach.
Explore Eclesiastes 3:17