Eclesiastes 3
3
1 Tha àm aig gach rùn fo nèamh. 11 Rinn Dia gach nì maiseach ged nach urrainn duine obair‐san fhaotainn a‑mach. 16 Tha breitheanas chloinn nan daoine claon, ach bheir Dia breith gu cothromach.
1Aig gach nì tha tràth, agus àm aig gach rùn fo nèamh:
2Am gu breith, agus àm gu bàs fhaotainn#Eabh 9:27; àm gu suidheachadh, agus àm gus an nì a shuidhicheadh a spìonadh suas;
3Am gu marbhadh, agus àm gu leigheas; àm gu briseadh sìos, agus àm gu togail suas;
4Am gu gul#Ròm 12:15, agus àm gu gàire; àm gu caoidh, agus àm gu dannsa#Salm 150:4;
5Am gu clachan a thilgeadh air falbh, agus àm gu clachan a chruinneachadh; àm gu gabhail an glacan#1 Cor 7:3‐5, agus àm gu fantainn o ghabhail an glacan#Ecs 19:15; Ioel 2:16;
6Am gu cosnadh#3:6 faotainn, iarraidh., agus àm gu call; àm gu gleidheadh, agus àm gu tilgeadh air falbh;
7Am gu reubadh, agus àm gu fuaigheal; àm gu bhith tosdach#Amos 5:13, agus àm gu labhairt#Iob 32:4, etc.;
8Am gu gràdhachadh, agus àm gu fuathachadh#Salm 139:21; Lùc 14:26; Ròm 2:2; àm gu cogadh, agus àm gu sìth;
9Ciod an tairbhe a tha aigesan a dh’obraicheas, anns an nì sin anns an saothraich e?
10Chunnaic mi an t‑saothair a thug Dia do chloinn nan daoine, a‑chum an cleachdadh fhèin rithe.
11Rinn e gach nì maiseach na àm fhèin: chuir e mar an ceudna an saoghal nan cridhe, air chor is nach urrainn aon duine an obair fhaotainn a‑mach a tha Dia a’ dèanamh#Iob 11:7, 8; Ròm 11:33, o thoiseach gu deireadh.
12Tha fhios agam nach eil math air bith annta, ach gum biodh duine subhach, agus gun dèanadh e math rè a bheatha#Salm 37:3.
13Agus mar an ceudna gun itheadh agus gun òladh gach duine, agus gum mealadh e math a shaothrach uile, is e sin tìodhlac Dhè#Daniel 2:24.
14Tha fhios agam gach nì a nì Dia, gum bi e ann gu bràth#Seum 1:17; cha ghabh aon nì cur ris#Gnà 30:6, no aon nì toirt uaithe: agus nì Dia seo, a‑chum gum biodh eagal air daoine roimhe.
15An nì a bha, tha e ann a‑nis#Daniel 1:9; agus an nì a bhitheas, bha e ann cheana; agus iarraidh Dia an nì a chaidh seachad.
16Agus os bàrr, chunnaic mi fon ghrèin àit a’ bhreitheanais#Daniel 5:8; Ier 5:1, 2, gu robh euceart an sin; agus àite na fìreantachd, gu robh aingidheachd an sin.
17Thubhairt mi am chridhe, Bheir Dia breith air an fhìrean agus air an aingidh#Mat 25:32; Ròm 2:6‐8; 2 Cor 5:10; 2 Tes 1:6‐10: oir tha àm an sin a‑chum gach uile rùin, agus a‑chum gach uile obrach.
18Thubhairt mi ann am chridhe a‑thaobh staid clann nan daoine, gun glanadh Dia iad, agus gum faiceadh iad gur ainmhidhean iad fhèin#Salm 49:12, 20; 73:22.
19Oir an nì sin a thachras do chloinn nan daoine, tachraidh e do na h‑ainmhidhean; tachraidh dìreach an aon nì dhaibh: mar a dh’eugas aon dhiubh, is ann mar sin a dh’eugas an t‑aon eile; seadh, is i an aon anail a tha aca uile; agus chan eil barrachd aig duine air ainmhidh, oir is dìomhanas iad uile.
20Thèid iad uile do aon àite; tha iad uile on duslach#Gen 3:19, agus tillidh iad uile don duslach.
21Cò don aithne spiorad clann nan daoine a thèid suas, agus spiorad an ainmhidh a thèid sìos a‑chum na talmhainn?
22Uime sin tha mi ag aithneachadh nach eil nì as fheàrr na gun dèanadh duine gàirdeachas na obraichean#Daniel 2:24, a chionn gur e sin a chuibhreann: oir cò a bheir e a dh’fhaicinn an nì a bhios na dhèidh?
Currently Selected:
Eclesiastes 3: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017