1
Eclesiastes 4:9-10
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
ABIG
Is fheàrr dithis na aon duine, a chionn gu bheil deagh dhuais aca airson an saothrach. Oir ma thuiteas duine dhiubh togaidh an duine eile suas a chompanach: ach mo thruaighe esan a tha na aonar nuair a thuiteas e; oir chan eil neach eile aige ga thogail suas.
Compare
Explore Eclesiastes 4:9-10
2
Eclesiastes 4:12
Agus ma bhuadhaicheas aon air, seasaidh dithis na aghaidh; agus cha bhrisear còrd thrì dual gu h‑obann.
Explore Eclesiastes 4:12
3
Eclesiastes 4:11
Mar an ceudna ma laigheas dithis cuideachd, bidh iad blàth: ach cionnas a bhios aon blàth leis fhèin?
Explore Eclesiastes 4:11
4
Eclesiastes 4:6
Is fheàrr làn dùirn le suaimhneas, na an dà làimh làn le saothair agus buaireadh spioraid.
Explore Eclesiastes 4:6
5
Eclesiastes 4:4
A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.
Explore Eclesiastes 4:4
6
Eclesiastes 4:13
Is fheàrr leanabh bochd agus glic na rìgh sean agus amaideach, nach gabh comhairle nas mò.
Explore Eclesiastes 4:13