Biểu trưng YouVersion
Biểu tượng Tìm kiếm

Laoidhean 13

13
LAOIDH 13
Gnàth‑fhac. 8.22-36
1Bibh tosdach uile, chlann nan daoin,
tràth ghlaodhas Gliocas Dé,
A bhriathra thugar leibh fa'near,
's d'a earail thugaibh géill.
2Bu mhise Annsachd Dhè o thùs,
mu'n robh na nèamha ann;
'S mu'n d'fhuair an domhan mòr a bhith,
bha mise, feadh gach àm.
3Mu'n robh ann sléibhte mòr no beag',
mu'n robh ann muir no tìr.
No ni air bith sa' chruinne‑ché;
aig deas làimh Dhé bha mi.
4Tràth dhealbh e neòil is athar àrd,
an talamh tràight 's an cuan,
'S tràth ghearr e 'n criochan doibh fa leth,
bha mise leis san uair.
5Tràth chroch e 'n talamh cothromaicht'
gun taic ris o aon taobh,
Dhearc mi le gàirdeachas an sin
air ionad còmhnuidh dhaoin'.
6Dhealbh smuain mo chridh' o shiorruidheachdd
làn‑tearmunn doibh o'n bhàs;
Neo‑chaochlaidheach, uaith sin gu so,
tha m'iochd dhoibh is mo ghràdh.
7Ri m' theagasg éisdibh uime sin,
is gheibh sibh beatha uaith,
Is sona 'n ti bheir géill do m' lagh;
bidh 'n ti nach tabhair truagh.
8Is mise ni gu nèamh an t‑iùl,
's an slighe réidh do m' shluagh:
Tha beatha 's càirdeas aig gach neach
a leanas mi gach uair.
9Ach 's naimhde mòr' d'an an'maibh féin
na dhiultas géill do m' reachd;
'S na bheir sìor‑fhuath do m'theagasg naomh,
chum ifrinn théid gu beachd.

Tô màu

Sao chép

So sánh

Chia sẻ

None

Bạn muốn lưu những tô màu trên tất cả các thiết bị của mình? Đăng ký hoặc đăng nhập