1
Mata 26:41
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
ATN
Dèanaibh faire agus ùrnaigh airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu deimhinn deònach, ach tha an fheòil lag.”
ប្រៀបធៀប
រុករក Mata 26:41
2
Mata 26:38
An uair sin thuirt e riutha, “Tha m' anam ro bhrònach, fiù 's gu bàs. Fuirichibh an seo agus dèanaibh faire còmhla riumsa.”
រុករក Mata 26:38
3
Mata 26:39
Agus a' dol beagan na b' fhaide air adhart, thuit e air aghaidh, agus rinn e ùrnaigh, ag ràdh, “M' Athair, ma tha e an comas, leig leis a' chupa seo a dhol seachad orm. A dh'aindeoin sin, chan ann mar as toigh leamsa, ach mar as toigh leatsa.”
រុករក Mata 26:39
4
Mata 26:28
oir is i seo m' fhuil‑sa, fuil a' chùmhnaint, a tha air a dòrtadh a‑mach airson mhòran airson mathanas pheacaidhean.
រុករក Mata 26:28
5
Mata 26:26
Fhad 's a bha iad ag ithe, ghabh Ìosa thuige aran, agus às dèidh a bheannachadh, bhris e e is thug e dha na deisciobail e, agus thuirt e, “Gabhaibh, ithibh, is e seo mo chorp‑sa.”
រុករក Mata 26:26
6
Mata 26:27
Agus ghabh e thuige cupa, agus às dèidh dha taing a thoirt, thug e dhaibh e, ag ràdh, “Òlaibh uile às a seo
រុករក Mata 26:27
7
Mata 26:40
Agus thàinig e chun nan deisciobal agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thuirt e ri Peadar, “Seadh, nach b' urrainn dhuibh faire a dhèanamh còmhla rium airson uair a thìde?
រុករក Mata 26:40
8
Mata 26:29
Tha mi ag ràdh ribh, chan òl mi à seo suas de thoradh seo an fhìonain gus an latha sin nuair a dh'òlas mi nuadh e còmhla ribhse ann an rìoghachd m' Athar.”
រុករក Mata 26:29
9
Mata 26:75
Is chuimhnich Peadar air dè a thuirt Ìosa, “Mun gairm coileach, àicheidh tu mi trì tursan.” Agus chaidh e a‑mach is chaoin e gu geur.
រុករក Mata 26:75
10
Mata 26:46
Èiribh! Rachamaid! Seallaibh, tha mo neach‑brathaidh air tighinn faisg!”
រុករក Mata 26:46
11
Mata 26:52
An uair sin thuirt Ìosa ris, “Cuir do chlaidheamh air ais na àite fhèin. Oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, tuitidh iad leis a' chlaidheamh.
រុករក Mata 26:52
គេហ៍
ព្រះគម្ពីរ
គម្រោងអាន
វីដេអូ