Ròmanaich 7
7
1Nach eil fhios agaibh, a bhràithrean (oir is ann riùsan don aithne an lagh a tha mi a’ labhairt), gu bheil tighearnas aig an lagh air duine, am fad is beò e?
2Oir a’ bhean a tha pòsda ri fear, tha i ceangailte leis an lagh ra fear am fad is beò e: ach ma gheibh a fear bàs, tha i fuasgailte o lagh a fir.
3Uime sin am feadh is beò a fear, ma phòsar i ri fear eile, goirear ban-adhaltranach dhith: ach ma gheibh a fear bàs, tha i saor on lagh sin, air chor is nach ban-adhaltranach i, ged robh i aig fear eile.
4Air an adhbhar sin, mo bhràithrean, tha sibhse mar an ceudna marbh don lagh tre chorp Chrìosd; ionnas gum biodh sibh pòsda ri fear eile, eadhon ris-san a thogadh o na mairbh, a‑chum gun tugamaid toradh a‑mach do Dhia.
5Oir nuair a bha sinn anns an fheòil, bha miannan nam peacaidhean, tre an lagh, ag obrachadh nar buill, a‑chum toradh a thoirt a‑mach gu bàs.
6Ach a‑nis tha sinn air ar dèanamh saor on lagh, air dha sin a bhith marbh leis an do chumadh sinn; a‑chum gun dèanamaid seirbhis ann an nuadhachd spioraid, agus chan ann ann an aosmhorachd na litreach.
7Ciod uime sin a their sinn? A bheil an lagh na pheacadh? Nar leigeadh Dia. Chan eadh, cha b’aithne dhomh peacadh, ach tre an lagh: oir cha bhiodh eòlas agam air sannt, mura abradh an lagh, Na sanntaich.
8Ach air don pheacadh fàth a ghlacadh tre an àithne, dh’obraich e annam gach uile ghnè an‑tograidh: oir as eugmhais an lagha bha am peacadh marbh.
9Oir bha mise beò as eugmhais an lagha uair-eigin: ach air teachd don àithne, dh’ath-bheothaich am peacadh, agus fhuair mise bàs.
10Agus an àithne a dh’òrdaicheadh a‑chum beatha, fhuaireadh dhòmhsa a‑chum bàis i.
11Oir air don pheacadh fàth a ghlacadh tre an àithne, mheall e mi, agus le sin mharbh e mi.
12Air an adhbhar sin tha an lagh naomh; agus tha an àithne naomh, agus cothromach, agus math.
13Uime sin an do rinneadh an nì sin a bha math na bhàs dhòmhsa? Nar leigeadh Dia. Ach rinneadh am peacadh mar sin, a‑chum gum faicte gur peacadh e, ag obrachadh bàis annamsa, leis an nì sin a tha math: a‑chum tre an àithne gum fàsadh am peacadh ro‑pheacach.
14Oir tha fhios againn gu bheil an lagh spioradail: ach tha mise feòlmhor, air mo reic fon pheacadh.
15Oir an nì a tha mi a’ dèanamh, cha taitneach leam e: oir an nì a b’àill leam, chan e a tha mi a’ dèanamh; ach an nì as fuathach leam, is e sin a tha mi a’ dèanamh.
16Uime sin ma tha mi a’ dèanamh an nì nach b’àill leam, tha mi ag aontachadh leis an lagh, gu bheil e math.
17A‑nis, matà, cha mhise nas mò a tha a’ dèanamh seo, ach am peacadh a tha a’ gabhail còmhnaidh annam.
18Oir tha fhios agam, annamsa (sin ri ràdh, ann am fheòil) nach eil math sam bith a’ gabhail còmhnaidh: oir tha an toil an làthair maille rium, ach dòigh sam bith a‑chum math a dhèanamh chan eil mi a’ faotainn:
19Oir chan eil mi a’ dèanamh a’ mhaith a bu mhiann leam: ach an t‑olc nach b’àill leam, is e sin a tha mi a’ dèanamh.
20A‑nis ma tha mi a’ dèanamh an nì nach b’àill leam, cha mhise nas mò a tha a’ dèanamh seo, ach am peacadh a tha a’ gabhail còmhnaidh annam.
21Uime sin tha mi a’ faotainn lagha, nuair a b’àill leam am math a dhèanamh, gu bheil an t‑olc an làthair agam.
22Oir tha tlachd agam ann an lagh Dhè, a rèir an duine an taobh a‑staigh:
23Ach tha mi a’ faicinn lagha eile am bhuill, a’ cogadh an aghaidh lagh m’inntinn, agus gam thoirt am bruid do lagh a’ pheacaidh, a tha ann am bhuill.
24Och is duine truagh mi! Cò a shaoras mi o chorp a’ bhàis seo?
25Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, tre Iosa Crìosd ar Tighearna. Uime sin, tha mise fhèin leis an inntinn a’ dèanamh seirbhis do lagh Dhè; ach leis an fheòil do lagh a’ pheacaidh.
اکنون انتخاب شده:
Ròmanaich 7: ABG1992
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
مقایسه
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017