Ròmanaich 5
5
1Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd:
2Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè.
3Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn;
4Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:
5Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
6Oir air dhuinn a bhith fhathast gun neart, ann an àm iomchaidh bhàsaich Crìosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh.
7Oir is gann a dh’fhuilingeas duine bàs airson duine chothromaich; ach theagamh gum biodh aig neach-eigin de mhisnich eadhon bàs fhulang airson duine mhaith.
8Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.
9Is mò gu mòr uime sin, air dhuinn a‑nis a bhith air ar fìreanachadh tre a fhuil, a shaorar trìdsan o fheirg sinn.
10Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn.
11Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite.
12Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile.
13Oir gus an lagh, bha peacadh anns an t‑saoghal: ach cha chuirear peacadh as leth dhaoine far nach eil lagh.
14Gidheadh, rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, eadhon thar an dream nach do pheacaich a rèir coslas eas-ùmhlachd Adhaimh, neach as e samhladh an tì ud a bha ri teachd:
15Ach chan ann mar an cionta a tha an saor-thìodhlac. Oir ma fhuair mòran bàs tre chionta aoin, is mò gu mòr na sin a tha gràs Dhè, agus an tìodhlac tro ghràs a tha tre aon duine, Iosa Crìosd, pailt do mhòran.
16Agus chan ann mar tre aon duine a pheacaich, mar sin a tha an tabhartas: oir bha am breitheanas tre aon chionta, a‑chum dìtidh: ach tha an saor-thabhartas o mhòran euceartan a‑chum fìreanachaidh.
17Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis, agus tabhartas na fìreantachd, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd.
18Uime sin mar tre chionta aon duine a thàinig breitheanas air na h‑uile dhaoine a‑chum dìtidh, is amhail sin mar an ceudna tre fhìreantachd aoin a thàinig an saor-thìodhlac air na h‑uile dhaoine a‑chum fìreanachadh na beatha.
19Oir mar tre eas-ùmhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacaich, is amhail sin tre ùmhlachd aon duine a nìthear mòran nam fìreanan.
20Ach thàinig an lagh a‑steach, a‑chum gum meudaichte an cionta: ach far an do mheudaicheadh am peacadh, bu ro‑mhò a mheudaicheadh gràs:
21A‑chum is mar a rìoghaich am peacadh a‑chum bàis, mar sin gun rìoghaicheadh gràs tre fhìreantachd a‑chum na beatha maireannaich tre Iosa Crìosd an Tighearna.
اکنون انتخاب شده:
Ròmanaich 5: ABG1992
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
مقایسه
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017