Ròmanaich 3
3
1Ciod e uime sin barrachd an Iùdhaich? No ciod e tairbhe an timcheall-ghearraidh?
2Is mòr sin air gach dòigh: air tùs, do bhrìgh gur ann riùsan a dh’earbadh briathran Dhè.
3Oir ciod e sin ged nach do chreid cuid? An dèan am mì‑chreideamh-san fìrinn Dhè gun èifeachd?
4Nar leigeadh Dia: ach biodh Dia fìor, agus gach duine na bhreugaire; a rèir mar a tha e sgrìobhte, A‑chum gum bi thu ceart ann ad bhriathran, agus gun toir thu buaidh nuair a bheirear breith ort.
5Ach ma mholas ar n‑eucoir-ne fìreantachd Dhè, ciod a their sinn? A bheil Dia eucorach a tha a’ dèanamh dìoghaltais (tha mi a’ labhairt mar dhuine)?
6Nar leigeadh Dia: no cionnas a bheir Dia breith air an t‑saoghal?
7Oir ma tha fìrinn Dhè tre mo bhrèig-sa air a meudachadh a‑chum a ghlòire-san, carson a tha mise air mo dhìteadh mar pheacach?
8Agus carson nach dèan sinn olc, a‑chum gun tig math as? (mar a labhrar gu toibheumach umainn, agus mar a thubhairt cuid gu bheil sinn ag ràdh), muinntir dom bheil an dìteadh a rèir ceartais.
9Ciod uime sin? A bheil barrachd againne? Chan eil air aon chor: oir dhearbh sinn roimhe gu bheil araon na h‑Iùdhaich agus na Cinnich uile fo pheacadh;
10Mar a tha e sgrìobhte, Chan eil ionracan ann, chan eil fiù a h‑aon:
11Chan eil neach ann a thuigeas, chan eil neach ann a tha ag iarraidh Dhè.
12Chlaon iad uile as an t‑slighe, tha iad uile mì‑thairbheach; chan eil neach a tha a’ dèanamh maith, chan eil fiù a h‑aon.
13Is uaigh fhosgailte an sgòrnan; labhair iad cealg len teangaidhean; tha nimh nan nathraichean nimhe fo am bilean:
14Aig a bheil am beul làn de mhallachadh agus de sheirbhe:
15Tha an casan luath a dhòrtadh fala:
16Tha lèirsgrios agus truaighe nan slighean:
17Agus slighe na sìthe cha b’aithne dhaibh:
18Chan eil eagal Dhè fa chomhair an sùl.
19A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.
20Uime sin cha bhi feòil air bith air a fìreanachadh na fhianais-san, tre obraichean an lagha: oir is ann tre an lagh a tha eòlas peacaidh.
21Ach a‑nis tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh as eugmhais an lagha, a’ faotainn fianais on lagh agus o na fàidhean;
22Eadhon fìreantachd Dhè tre chreideamh Iosa Crìosd, do na h‑uile, agus air na h‑uile a chreideas; oir chan eil eadar-dhealachadh ann:
23Oir pheacaich na h‑uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè:
24Air dhaibh a bhith air am fìreanachadh gu saor le a ghràs, tre an t‑saorsa a tha ann an Iosa Crìosd;
25Neach a shònraich Dia na ìobairt-rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad-fhulangas Dhè;
26A dh’fhoillseachadh, tha mi ag ràdh, a fhìreantachd-san anns an àm a tha an làthair; a‑chum gum biodh e cothromach, agus gum fìreanaicheadh e an tì a chreideas ann an Iosa.
27Càit uime sin a bheil uaill? Dhruideadh a‑mach i. Ciod e an lagh leis an do dhruideadh a‑mach i? An ann tre lagh nan obraichean? Chan ann; ach tre lagh a’ chreidimh.
28Tha sinn uime sin a’ meas gu bheil duine air fhìreanachadh tre chreideamh as eugmhais obraichean an lagha.
29An e Dia nan Iùdhach a‑mhàin e? Nach e mar an ceudna Dia nan Cinneach? Gu deimhinn nan Cinneach mar an ceudna:
30Do bhrìgh gur aon Dia, a dh’fhìreanaicheas an timcheall-ghearradh o chreideamh agus an neo-thimcheall-ghearradh tre chreideamh.
31A bheil sinn uime sin a’ cur an lagha ann an neo-bhrìgh tre an chreideamh? Nar leigeadh Dia: ach tha sinn a’ daingneachadh an lagha.
اکنون انتخاب شده:
Ròmanaich 3: ABG1992
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
مقایسه
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017