Gnìomharan 12
12
1A‑nis mun àm sin, shìn Herod an rìgh a làmhan, a dhèanamh uilc air dream àraidh den eaglais.
2Agus mharbh e Seumas bràthair Eòin leis a’ chlaidheamh.
3Agus nuair a chunnaic e gun do thaitinn sin ris na h‑Iùdhaich, chaidh e air aghaidh a ghlacadh Pheadair mar an ceudna. (Agus b’iad làithean an arain neo-ghortaichte a bha ann.)
4Agus ghlac e agus chuir e ann am prìosan e, agus thug e e ra ghleidheadh do cheithir cheathrar shaighdearan, fo rùn a thoirt a‑mach don t‑sluagh an dèidh na càisge.
5Air an adhbhar sin ghleidheadh Peadar anns a’ phrìosan: ach bha bith-ùrnaigh air a dèanamh leis an eaglais ri Dia air a shon.
6Agus nuair a b’àill le Herod a thoirt a‑mach, anns an oidhche sin fhèin bha Peadar na chadal eadar dithis shaighdearan, ceangailte le dà shlabhraidh: agus bha an luchd-faire fa chomhair an dorais a’ coimhead a’ phrìosain.
7Agus, feuch, thàinig aingeal an Tighearna air, agus dhealraich solas anns a’ phrìosan: agus bhuail e taobh Pheadair, agus dhùisg e e, ag ràdh, Eirich gu grad. Agus thuit a cheanglaichean de a làmhan.
8Agus thubhairt an t‑aingeal ris, Crioslaich thu fhèin, agus ceangail ort do bhonn-bhrògan: agus rinn e mar sin. Agus thubhairt e ris, Tilg d’fhallaing umad, agus lean mise.
9Agus chaidh e a‑mach, agus lean e e; agus cha robh fhios aige gu robh e fìor, an nì a rinneadh leis an aingeal: ach shaoil e gum bu taisbeanadh a chunnaic e.
10Agus air dhaibh dol tron chiad agus an dara faire, thàinig iad a‑chum a’ gheata iarainn a tha a’ treòrachadh don bhaile, a dh’fhosgail dhaibh leis fhèin: agus air dol a‑mach dhaibh, chaidh iad air an aghaidh tro aon sràid, agus air ball dh’fhalbh an t‑aingeal uaithe.
11Agus nuair a thàinig Peadar da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, A‑nis tha fhios agam gu fìrinneach gun do chuir an Tighearna aingeal uaithe, agus gun do shaor e mi o làimh Heroid, agus o uile dhùil poball nan Iùdhach.
12Agus nuair a smaoinich e air a’ chùis, thàinig e gu taigh Mhuire, màthair Eòin, don co‑ainm Marcus, far an robh mòran cruinn, agus iad ri ùrnaigh.
13Agus nuair a bha Peadar a’ bualadh doras a’ gheata, thàinig gruagach dom b’ainm Ròda a dh’èisdeachd.
14Agus nuair a dh’aithnich i guth Pheadair, tre aoibhneas cha d’fhosgail i an geata, ach ruith i a‑steach, agus dh’innis i gu robh Peadar na sheasamh aig a’ gheata.
15Ach thubhairt iad rithe, Tha thu air mhì-chèill. Ach bha ise a’ toirt dearbh-chinnte gu robh e mar sin. An sin thubhairt iad, Is e aingeal a tha ann.
16Ach bhuanaich Peadar a’ bualadh an dorais: agus nuair a dh’fhosgail iad, agus a chunnaic iad e, bha iad làn uamhais.
17Ach air dhàsan smèideadh orra le a làimh iad a bhith nan tosd, chuir e an cèill dhaibh cionnas a thug an Tighearna as a’ phrìosan e. Agus thubhairt e, Innsibh na nithean seo do Sheumas agus do na bràithrean. Agus air dol a‑mach dha, chaidh e gu àit eile.
18Agus air teachd don là bha iomairt nach bu bheag am measg nan saighdearan, ciod a thachair do Pheadar.
19Agus nuair a dh’iarr Herod e, agus nach d’fhuair e e, cheasnaich e an luchd-coimhead, agus dh’òrdaich e an toirt air falbh a‑chum peanais. Agus chaidh e sìos o Iudèa gu Cesarèa, agus rinn e còmhnaidh an sin.
20Agus bha fearg mhòr air Herod ri muinntir Thìruis agus Shìdoin: ach thàinig iadsan a dh’aon inntinn da ionnsaigh, agus air dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt air an crann, dh’iarr iad sìth; do bhrìgh gu robh an tìr air a beathachadh le tìr an rìgh.
21Agus air là òrdaichte, air do Herod a bhith air a sgeadachadh le aodach rìoghail, agus na shuidhe air a rìgh-chathair, labhair e gu deas-bhriathrach riu.
22Agus rinn an sluagh iolach, ag ràdh, Is guth dè seo, agus cha ghuth duine.
23Agus air ball bhuail aingeal an Tighearna e, do bhrìgh nach tug e a’ ghlòir do Dhia: agus dh’itheadh le cnuimhean e, agus chaidh an deò as.
24Ach dh’fhàs facal an Tighearna agus mheudaicheadh e.
25Agus thill Barnabas agus Saul o Ierusalem, air dhaibh am ministrealachd a choileanadh, a’ toirt leo mar an ceudna Eòin, don co‑ainm Marcus.
اکنون انتخاب شده:
Gnìomharan 12: ABG1992
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
مقایسه
کپی
می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017