1
Ròmanaich 15:13
Am Bìoball Gàidhlig 1992
ABG1992
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
مقایسه
Ròmanaich 15:13 را جستجو کنید
2
Ròmanaich 15:4
Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
Ròmanaich 15:4 را جستجو کنید
3
Ròmanaich 15:5-6
A‑nis gun tugadh Dia na foighidinn agus na comhfhurtachd dhuibhse a bhith a dh’aon inntinn a‑thaobh a chèile, a rèir Iosa Crìosd: A‑chum gun tugadh sibh a dh’aon inntinn, agus le aon bheul, glòir do Dhia, eadhon Athair an Tighearna Iosa Crìosd.
Ròmanaich 15:5-6 را جستجو کنید
4
Ròmanaich 15:7
Uime sin gabhaibh-se ri chèile, eadhon mar a ghabh Crìosd rinne, a‑chum glòir Dhè.
Ròmanaich 15:7 را جستجو کنید
5
Ròmanaich 15:2
Toilicheadh gach aon againn a choimhearsnach gu a mhath a‑chum a thogail suas.
Ròmanaich 15:2 را جستجو کنید