1
Ròmanaich 14:17-18
Am Bìoball Gàidhlig 1992
ABG1992
Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh. Oir ge bè nì seirbhis do Chrìosd anns na nithean seo, tha e taitneach do Dhia, agus tha e dearbhte do dhaoine.
مقایسه
Ròmanaich 14:17-18 را جستجو کنید
2
Ròmanaich 14:8
Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn.
Ròmanaich 14:8 را جستجو کنید
3
Ròmanaich 14:19
Uime sin leanamaid na nithean a bhios a‑chum sìthe agus na nithean a bhios a‑chum togail suas a chèile.
Ròmanaich 14:19 را جستجو کنید
4
Ròmanaich 14:13
Uime sin na tugamaid breith air a chèile nas mò: ach gum b’fheàrr leibh a’ bhreith seo a thoirt, gun adhbhar tuiteim no oilbheim a thoirt do bhràthair.
Ròmanaich 14:13 را جستجو کنید
5
Ròmanaich 14:11-12
Oir tha e sgrìobhte, Mar as beò mise, tha an Tighearna ag ràdh, lùbaidh gach glùn dhòmhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia. Air an adhbhar sin bheir gach aon againn cunntas uime fhèin do Dhia.
Ròmanaich 14:11-12 را جستجو کنید
6
Ròmanaich 14:1
Gabhaibh ris an neach a tha anfhann anns a’ chreideamh, ach chan ann a‑chum deasbaireachd amharasaich.
Ròmanaich 14:1 را جستجو کنید
7
Ròmanaich 14:4
Cò thusa a tha a’ toirt breith air seirbhiseach duine eile? Da mhaighistir fhèin seasaidh, no tuitidh e: seadh, cumar suas e; oir is comasach Dia air a chumail na sheasamh.
Ròmanaich 14:4 را جستجو کنید