Ròmanaich 8
8
LAOIDH 48
Ròm. 8.31-39
31-39 Le creideamh 's dòchas fògramaid,
geilt, ciont, is dòrainn uainn;.
'S e Dia ar caraid, 's mòr a threis;
cia 'n t‑eascair bheir oirnn buaidh?
2 An Tì thug aon‑mhac air ar son,
mar chobhartach don bhàs;
Nach toir gach tiodhlac eile dhuinn?
's an ceil e oirnn a ghràs?
3 Feuch, fhuair sinn anns a' ghibht bu mhotha
làn‑chòir air nithean 's lùgh#8.31-39 lùgh no lùghadh: a' toirt mionnan, bòid;
Tha Crìosd air nèamh is talamh fòs,
na eàrlas#8.31-39 eàrlas nì no neach a tha mar gheall airson nì no neach eile air gach àgh#8.31-39 àgh aoibhneas, sonas.
4 Cò nis a chuireas ciont à leth
sluaigh thaghta Dhè nan gràs?
Cò dhìteas iad? no dhiùltas sìth,
o dh'fhuiling Crìosd am bàs?
5 Dh'fhuiling e 'm bàs, ach dh'èirich e
gu deas làimh Dhè le buaidh;
'N sin tagraidh e ar cùis gu sìor,
is bheir làn dìon dha shluagh.
6 Cò nis ma‑thà a sgaras sinn
o chaidreamh caomh ar Triath?
An sgaoil aon neach an cuibhreach sin
a cheangail sinn rir Dia?
7 Ged dh'èirich dragh, 's ged bhagair bàs,
's ged iadh gach nàmh mun cuairt,
Tre Chrìosd bheir sinn gu dùbhlanach,
orr uile tuilleadh 's buaidh.
8 Ifrinn no talamh, beath no bàs,
no sàrach ùine buain,
O ghràdh ar Triath cha dealaich sinn,
's cha sgar am feast sinn uaith.
9 Bheir seo dhuinn sonas feadh gach linn,
mar rinn e gus an tràth s';
O shìorraidheachd gu sìorraidheachd
bheir Crìosd dar n‑anman gràdh.
Currently Selected:
Ròmanaich 8: LSN1987
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987