1 Corintianach 13
13
LAOIDH 49
1 Cor. 13
1-13 Le briathran dhaoin' is ainglean nèimh,
ged labhrainn le sgèimh ghrinn;
Impidh ged chuirinn air gach neach
le teangaidh bhlasta bhinn:
2 Àrd‑fhiosachd Fàidhe ged bu leam,
's ged fhoillsichinn rùn Dhè;
Gun ghràdh, is faoin gach nì dhiubh seo,
cha dèan iad dhomh gnè fheum;
3 Ged ath'rraichinn le creideamh treun,
na slèibhtean às an ceal#13.1-13 ceal àite‑cleachdail,
Is neoni mi gun seirc is gràdh,
cha mhair mo ghràs ach seal.
4 Ged bheathaichinn lem mhaoin am bochd,
's mo chorp ged loisginn fòs,
Airson mo chreideimh, 's mi gun ghràdh,
cha diong e bheag#13.1-13 cha diong e bheag cha toir e buaidh fa‑dheòidh.
5 'S fad‑fhulangach neo‑fharmadach,
's is càirdeil gràdh gun cheist;
Cha dèan e uaill à bheartan fhèin,
's cha sèidear suas e 'm feast.
6 Droch amharas cha bhi aig gràdh,
's nì foighid ri droch dhaoin':
'S fàth#13.1-13 fàth adhbhar bròin leis iomradh uilc is ciont;
's is toigh leis 'n fhìrinn chaoin.
7 Giùlan neo‑iomchaidh 's fuath le seirc,
's fèin‑spèis nan cleasan claon;
Tha cridhe làn le iochd is blàths
do chàch air feadh an t‑sao'il.
8 Giùlainidh gràdh fad ùine mhòir,
le dòchas nithean 's fheàrr;
'S fuilingidh e gu macant' sèimh
iom eucoir agus tàir.
9 Air nèamh is talamh, feadh gach cian
sìor‑riaghlaichidh caomh‑sheirc;
Tràth sguireas teangadh 's fiosachd Fàidh,
buan‑mhairidh gràdh gun cheist.
10 'S neo‑fhoirfe 'n seo gach gràs air bith,
ach tionnsgnaidh làithean 's fheàrr,
San tig làn‑iomlaineachd a‑steach,
san teich gach nì tha ceàrr.
11 An tràth s' nar n‑òige gluaisidh sinn
mar naoidheanan gun iùl:
Chum foirfeachd; ach nuair dh'fhàsas sinn,
thèid leanbaidheachd air chùl.
12 Air thalamh mar tre dhubh‑neul dorch
is lèir dhuinn deàlradh Dhè;
Ach gnùis ri gnùis an nèamh na glòir'
gu soillear chì sinn e.
13 Tha creideamh, dòchas agus gràdh,
an tràth s' an seo le chèil';
Ach creideamh 's dòchas fàilnichidh,
's buan‑mhairidh gràdh gach rè.
14 Oir sluigear dòchas le làn‑sheilbh,
is creideamh le beachd sùl;
'S iad seo na meadhan, 's i chrìoch gràdh
nach tèid gu bràth air chùl.
Currently Selected:
1 Corintianach 13: LSN1987
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1826, 1987
© Scottish Bible Society 1826, 1987