YouVersion Logo
Search Icon

Soisgeul Lucais 9

9
LAOIDH 39
Lùc. 9.18,19
1Cluinnibh sgeul ait; Tha Ìos' air teachd
ri 'n robh o shean ar dùil!
Lìonar gach cridh le gàirdeachas,
seinnear gu bràth a chliù.
2Tha 'n Spiorad dhòirteadh air gu pailt,
ri fhaicinn anns gach nì:
Tha gliocas, cumhachd, eud, is gràdh,
deàlrach na uile ghnìomh.
3Le theachd, làn shaorar bràighde truagh
bh' aig Sàtan fo chruaidh‑ghlais;
Oir sgaoilidh e gach cuibhreach theann,
is sgealbaidh dorsan prais.
4Le theachd, neul cionta thèid air chùl,
's thig fradharc iùil don dall;
Claisneachd don bhodhar, 's cainnt don bhalbh,
's don bhacach lùth nam ball.
5Le theachd, gheibh bochd is uireas'ach
làn dìol de shaidhbhreas gràis;
An cridhe briste ceanglar suas,
an t‑anam truagh bidh slàn.
6Thàinig latha‑saoraidh ait o 'r Dia,
's mathar ar fiacha dhuinn:
Oir choilean Dia a ghealladh mòr,
is bidh e 'n còmhnaidh leinn.
7Hosana ait do Rìgh na sith!
o seo a‑mach gu bràth;
Co‑fhreagradh nèamh, is muir, is tìr,
le co‑sheirm shìorraidh dha.

Currently Selected:

Soisgeul Lucais 9: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy