YouVersion Logo
Search Icon

Soisgeul Lucais 2

2
LAOIDH 37
Lùc. 2.8-15
1Air bhith do bhuachaillean le chèil
a' faireadh treud san oidhch,
Thaisbeanadh aingeal dhaibh o nèamh,
's am magh#2.1 magh raon, achadh lìon e le soills.
2Bu mhòr an oillt, ach thuirt e riutha,
na gabhaibh geilt no sgàth,
Oir sgeul ro ait tha agam dhuibh,
is do gach linn gu bràth.
3'N‑diugh rugadh dhuibh am baile 'n Rìgh,
an Slànaighear, seadh Crìosd,
Feuch, cluinnibh uamsa comharra,
le 'm mothaich sibh gur fìor:
4An naoidhean nèamhaidh gheibh sibh 'n sin
follais do rosgan dhaoin,
'S e paisgt an trusgan an‑uasal.
's na laigh am prasaich fhaoin.
5Labhair an seraph seo, 's air ball
bha 'm magh#2.5 magh raon, achadh de dh'ainglean làn,
A' seinn gu binn do Dhia na sìth,
's b' e seo bu bhrìgh don dàn,
6“Gach glòr do Dhia sna nèamhan shuas,
sìth bhuan air thalamh ta;
Nochd Dia dheagh‑thoil don chinne‑daoin
's cha traogh am feasd a ghràdh.”
LAOIDH 38
Luc. 2.25-33
7 Do Shimeon an duine naomh
dh'innseadh le Spiorad Dhia#2.1 Dhia 'Dhè' (ginideach) a bhiodh air a chleachdadh ann an suidheachadh mar seo gu h‑àbhaisteach, ach tha 'Dhia' air a chleachdadh airson co‑fhreagairt ri fuam an fhacal a tha tighinn dà loidhne na dhèidh: 'Triath',
Gu faiceadh e roimh uair a bhàis,
an Slàn'ghear, Crìosd an Triath.
8 An gealladh sòlasach seo dh'fheith
an naomh, o latha gu latha;
Is cha do mhealladh e na dhùil,
choileanadh chùis na tràth.
9 Nuair thugadh Ìosa rèir an lagh
a‑staigh don teampall naomh.
Do Shimeon dh'fhoillsicheadh cò e,
le Spiorad nèimh gu saor.
10 Na ghàirdean aosda ghlac an naomh
an naoidhean, 's thug e cliù
Do Dhia, 's e seinn le aoibhneas àrd,
's le gàirdeachas na ghnùis.
11 “Nis leig dod òglach triall an sìth
chum sìorraidheachd mar gheall;
On chunnaic mi do shlàint, a Thriath
mo thriall na bitheadh mall.
12 Na làmhan seo, a ghlac mo Rìgh,
na glacadh nì na dhèidh;
'S na sùilean seo a chunnaic Crìosd,
na faiceadh nì fon ghrèin.
13 “Tha 'n t‑slàinte gheall thu dhuinn o shean
's a cho‑gheall thu faraon.
A' dearbhadh dhuinn gur fìor do ghràdh
gu bràth don chinne‑daoin.
14 Seo Grian an àigh le 'm fògrar duibhr
a' Gheintilich gun iùl,
Is anns an cuir do theaghlach taght,
clann Israeil, an dùil.”

Currently Selected:

Soisgeul Lucais 2: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy