YouVersion Logo
Search Icon

Romanaich 3

3
III. CAIB.
Am barrachd a thʼ aig na h-Iudhaich thar na cinnich: tha daoine uile ʼnam peacaich: cha naomhaichear duine air bith le oibrichean an lagha, ach le grasan Chriosta.
1Ciod e ma ta barrachd an Iudhaich? no ciod e math an timchioll-ghearraidh?
2Is mor sin sa h-uile doigh. An toiseach gu dearbh, a chionn gur ann riusan a chaidh briathran Dhe earbsadh.
3Ciod ma ta ma bha cuid dhiu nach do chreid? an dian am mi-chreideamh-san firinn De gun tairbhe? Na leigeadh Dia.
4Oir tha Dia firinneach: ʼs tha h-uile duine ʼna bhriagadair, mar tha e sgriobhte: Los gum firinnichear thu na dʼ bhriathran, ʼs gum buadhaich thu, nuair a bheirear breth ort.#3.4 III. 4. Oir tha Dia firinneach: Tha Dia ʼna aonar firinneach, bhon is Dia e. Tha daoine uile, le ʼn cumhachd fhein, buailteach do bhriagan ʼs do mhearachdan: a dhʼ aindeoin sin coimhlionaidh Dia, oir se an fhirinn e, a ghealladh do ʼn eaglais, gun gleidheadh e i anns a h-uile firinn. (Faic N. Eoin 16.13.)
5Ach ma bheir an t-ana-ceartas againn cliu do cheartas De, ciod a their sinn? Am beil Dia anaceart, a tha cur feirge an ceill? (tha mi labhairt mar dhuine.)
6Fad bho sin: air chaochla doigh ciamar a bheir Dia breth air an t-saoghal so?
7Oir ma tha firinn Dhe a cosnadh leasachadh gloire dhasan bho mʼ bhreigse, car-son a thathas fhathast a toirt breth orm mar pheacach?
8Ach an aite sin (mar thathas gu briagach a cur as ur leth, ʼs mar tha cuid a g-radh gun abair sinn) dianamaid olc gu math a thighinn as: tha iad sin le ceartas air an diteadh.
9Ciod a nis? Am beil sinn toirt barrachd orra? Cha n-eil idir. Oir mhìnich sinn cheana, gum beil araon na h-Iudhaich agus na Greigich fo ʼn pheacadh,
10Mar tha e sgriobhte: Cha n-eil duine ionraic sa bith ann.
11 Cha n-eil a h-aon a tuigsinn, cha n-eil a h-aon a sireadh Dhe.
12 Chlaon iad uile bharr na slighe, dhʼ fhas iad neo-tharbhach gu leir: cha n-eil a h-aon a tha dianamh math, cha n-eil fiu a h-aon.
13 Is uaigh fhosgailte an sgornan, le ʼn teanganan labhair iad gu cealgach: tha nimh nan nathraichean fo ʼm bilean:
14 Tha am bial lan mhollachd us seirbhe:
15 Tha an casan luath gu dortadh fala:
16 Tha sgrios agus truaighe ʼnan slighean:
17 Agus rathad na sithe cha bʼ aithne dhaibh.
18 Cha n-eil eagal De romh ʼn suilean.
19A nis tha fios againn, ciod air bith a their an lagh, gur h-ann riusan a tha fo ʼn lagh a tha e ga labhairt; gu gach bial a dhunadh, ʼs an saoghal uile a dhianamh striochdte do Dhia:
20Oir le oibrichean an lagha cha naomhaichear feoil air bith ʼna lathair. Oir ʼsann bho ʼn lagh a tha eolas a pheacaidh.
21Ach a nis as aonais an lagha tha ceartas De, air an tug an lagh ʼs na faidhean fianuis, air a shoilleireachadh.
22Seadh, ceartas De tromh chreideamh Iosa Criosta do gach neach ʼs air gach neach, a chreideas ann: chionn cha n-eil eadar-dhealachadh ann:
23Oir pheacaich iad uile, us tha iad as easbhuidh gloir Dhe.
24Air dhaibh a bhith air an naomhachadh a nasgaidh le ghrasan, tromh ʼn t-saoradh a thʼ ann an Iosa Criosta,
25A shonraich Dia ʼna reite tromh chreideamh ʼna fhuil, los a cheartas fhiachuinn le mathanas nam peacannan a chaidh seachad,
26Tromh fhad-fhulangas De, los a cheartas fhiachuinn san àm so; gus e fhein a bhith ceart, ʼs ga dhianamh-sa ceart, a tha de chreideamh Iosa Criosta.
27Càite a nis a bheil dʼ uaill? Chuireadh air chul i. Le ciod an lagh? Le lagh nan gniomhran? Cha n-ann: ach le lagh a chreidimh.
28Oir tha sinn a meas gun naomhaichear duine le creideamh, as aonais oibrichean an lagha.#3.28 III. 28. le creideamh, &c. Cha n-e an creideamh, as leth am beil an t-ostal an so cur naomhachadh an duine, earbsa dana gum beil e air a naomhachadh: ach creideamh beo daingeann anns gach ni a gheall no a thaisbean Dia; Eabhr. 11. Creideamh a g-oibreachadh tromh charrantachd ann an Iosa Criosta, Gal. 5.6. An aon fhacal, creideamh as an cinn dochas, gradh, aithreachas, agus gnathachadh nan sacramaid. Agus na h-oibrichean a tha e diultadh, ʼsiad oibrichean an laghʼ a mhain: ʼsiad leithid de ghniomhran ʼsa nithear le lagh naduir, no le lagh Mhaois, mun robh creideamh Chriosta ann: agus cha n-iad idir oibrichean, a tha struthadh bho ʼn chreideamh Chriostail.
29An e Dia nan Iudhach e a mhain? Nach e Dia nan cinneach e mar an ciadna? Seadh nan cinneach mar an ciadna.
30Oir is aon Dia gu dearbh, a tha naomhachadh an timchioll-ghearraidh le creideamh a gus an neo-thimchioll-ghearraidh tromh chreideamh.
31A bheil sinn ma ta cur as do ʼn lagh tromh chreideamh? Fad bho sin: ach tha sinn a steidheachadh an lagha.

Currently Selected:

Romanaich 3: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in