Romanaich 2
2
II. CAIB.
Tha e diteadh nan Iudhach, a tha dianamh cùis uaill dhe ʼn lagh gun bhith ga chumail: tha e g-innse co iad na fior Iudhaich.
1Uime sin, tha thu gun leisgeul, O dhuine, co air bith thu a tha toirt breth. Oir leis an ni air a bheil thu toirt breth air an atharrach, tha thu ga dʼ dhiteadh fhein: oir tha thu dianamh nan ceart nichean air a bheil thu toirt breth.
2Oir tha fios againn gum beil breitheanas De a reir na firinne ʼnan aghaidhse, a ni na nichean sin.
3ʼS am beil thusa an duil, O dhuine, a tha toirt breth orrasan a tha dianamh an leithidean sin, ʼs tu fhein gan dianamh, gun tàr thu as bho bhreitheanas De?
4No am beil thu cur suarach saoibhreas a mhathais, us fhaighidin, agus fhad-fhulangais? Nach eil fhios agad gum beil caomhalachd Dhe ga dʼ thaladh gu aithreachas?
5Ach a reir do chruais ʼs do chridhe neo-aithreachail, tha thu tasgadh dhut fhein feirge an aghaidh latha na feirge agus taisbeanadh ceart-bhreitheanas De,
6A bheir do gach neach air reir oibrichean:
7Dhaibhse gu deimhinn, a shireas le faighidin ann an deagh-oibrichean gloir, agus onair, agus neo-thruailleachd, a bheatha shiorruidh:
8Ach dhaibh-san a tha aimhreiteach, ʼs nach striochd do ʼn fhirinn, ach a chreideas an t-olc, fearg us corruich.
9Anshocair us airc air anam gach duine a tha ris an olc, air an Iudhach an toiseach, ʼs an sin air a Ghreigeach:
10Ach gloir, us onair, agus sith do gach neach a tha ris a mhath, do ʼn Iudhach an toiseach, ʼs an sin do ʼn Ghreigeach;
11Oir cha n-eil Dia gabhail ri pearsa seach a cheile.
12Oir co sa bith a pheacaich gun an lagh, theid iad a dhith gun an lagh; agus co sa bith a pheacaich fo ʼn lagh, bheirear breth orra leis an lagh:
13Oir cha n-iad luchd-eisdeachd an lagha a tha naomh an lathair Dhe, ach ʼsiad luchd-cumail an lagha a naomhaichear.
14Oir, nuair a tha na cinnich, aig nach eil an lagh, a cumail le tùr naduir riaghailtean an lagha, tha iad, ʼs iad gun an lagh, ʼnan lagh dhaibh fhein:
15Tha iadsan a fiachuinn obair an lagha sgriobhte ʼnan cridhe, an cogais fhein a togail fianuis dhaibh, agus an smaointean eatorra fhein gan diteadh, no gan dion,
16ʼS an latha air an toir Dia breth air ruin-diomhair dhaoine le Iosa Criosta a reir mo shoisgeil-sa.
17Ach ma theirear Iudhach riutsa, ʼs gum beil thu cur do bhuin as an lagh, ʼsa dianamh uaill á Dia,
18Agus fiosrach air a thoil, ʼsa raghnachadh nan nichean is feumaile, ʼs tu air do theagasg leis an lagh,
19Agus earbsach asad fhein, gum beil thu na dʼ cheann-iuil do na doill, na dʼ sholus dhaibh-san a tha ann an dorchadas,
20Na dʼ fhear-faghluim nan amadan, na dʼ fhear-teagaisg leanaban aig a bheil coltas an eolais, ʼs na firinn, anns an lagh.
21Thusa ma ta a tha teagasg an atharraich, cha n-eil thu ga dʼ theagasg fhein; thusa a tha teagasg nach fhaodar goid, tha thu goid;
22Thusa a tha g-radh nach fhaodar adhaltranas a dhianamh, tha thu dianamh adhaltranais; thusa leis am fuathach iodholan, tha thu ri naomh-ghoid;
23Thusa a tha dianamh cùis uaill dhe ʼn lagh, leis an lagh a bhristeadh tha thu toirt as-onair do Dhia.
24(Oir tha ainm Dhe a faighinn toibheum bhuaibhse am measg nan cinneach, mar tha e sgriobhte.)
25Tha buannachd gu dearbh san timchioll-ghearradh, ma chumas tu an lagh: ach ma ʼs fear-bristeadh an lagha thu, rinneadh do thimchioll-ghearradh ʼna neo-thimchioll-ghearradh.
26Uime sin ma chumas an neo-thimchioll-ghearradh reachdan an lagha, nach measar a neo-thimchioll-ghearradh-sa ʼna thimchioll-ghearradh?
27Agus nach dit an neo-thimchioll-ghearradh sin, a tha thaobh naduir, ma choimhlionas e an lagh, thusa, a tha tromh ʼn litir us tromh ʼn timchioll-ghearradh na dʼ fhear-bristeadh an lagha?
28Oir cha n-Iudhach esan, a tha mar sin air an taobh-mach; ʼs cha mhua is timchioll-ghearradh sin, a tha follaiseach san fheoil:
29Ach is fior Iudhach esan, a tha mar sin san taobh stigh; agus se am fior thimchioll-ghearradh, a tha sa chridhe agus san spiorad, cha n-ann san litir; aig a bheil a chliu cha n-ann bho dhaoine, ach bho Dhia.
Currently Selected:
Romanaich 2: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017