YouVersion Logo
Search Icon

Romanaich 15

15
XV. CAIB.
Tha e gan comhairleachadh a bhith air an aon bheachd, ʼsa gealltuinn tighinn a shealltuinn orra.
1A nis is còir dhuinne, a tha nas treasa, anfhannachd na feadhnach a tha lag a ghiulan, ʼs cha n-e sinn fhein a thoileachadh.
2Toilicheadh gach aon agaibh a choimhearsnach gu mhath, a thaobh deagh shamhla.
3Oir cha do thoilich Criosta e fhein, ach mar tha e sgriobhte: Thuit masladh na feadhnach, a bha ga dʼ mhaslachadhsa, ormsa.
4Oir nichean sa bith a chaidh sgriobhadh, sgriobhadh iad gu sinne theagasg, los le faighidin ʼs le furtachd nan Sgriobtur, gum biodh dochas againn.
5A nis gun tugadh Dia na faighidin agus na furtachd dhuibh a bhith a dhʼ aon inntinn a thaobh a cheile a reir Iosa Criosta;
6Air chor ʼs gun toir sibh le aon inntinn ʼs le aon bhial gloir do Dhia, ʼs do Athair ar Tighearna Iosa Criosta.
7As leth sin gabhaibh ri cheile, ceart mar ghabh Iosa Criosta ribhse gu gloir Dhe.
8Oir tha mi g-radh gum bʼ e Iosa Criosta fear-frithealaidh an timchioll-ghearraidh air son firinn Dhe, gus na geallaidhnean do na h-aithrichean a dhaighneachadh.
9Ach gum beil aig na cinnich ri gloir a thoirt do Dhia as leth a throcaire, mar tha e sgriobhte: As leth so aidichidh mi dhut am measg nan cinneach, O Thighearna, agus seinnidh mi dha tʼ ainm.
10Agus tha e rithist a g-radh: Biodh aighear oirbh, a chinnich, maille ri phobull.
11ʼS a rithist: Molaibh an Tighearna, a chinnich uile; us miadaichibh a chliu, a phobuill gu leir.
12ʼS tha Isaias a rithist a g-radh: Bithidh friamh bho Iesse, us annsan, a dhʼ eireas suas a riaghladh nan cinneach, cuiridh na cinnich an dochas.
13A nis gun lion Dia an dochais sibh leis a h-uile sòlas agus sith ʼnur creideamh; gus sibh a bhith lan phailt ann an dochas, ʼs an cumhachd an Spioraid Naoimh.
14ʼS tha mise fhein, mo bhraithrean, cinnteach asaibh, gum beil sibh lan graidh, air ur lionadh leis a h-uile eolas, air sheol ʼs gur urrainn duibh a cheile a chomhairleachadh.
15Ach sgriobh mi h-ugaibh, a bhraithrean, nas dàine ann an seol, mar gum bʼ ann gus ur cur an cuimhne: as leth nan gras a bhuilich Dia orm,
16Gus mi bhith na mʼ fhear-frithealaidh aig Iosa Criosta measg nan cinneach: a naomhachadh soisgeul De, gus tairgse nan cinneach a bhith taitneach agus naomhaichte san Spiorad Naomh.
17Uime sin tha aobhar uaill agam ann an Iosa Criosta a thaobh Dhe.
18Oir cha dàna leam guth a radh mu na nichean nach dʼ rinn Criosta leamsa, chum umhlachd nan cinneach leis an fhacal ʼs le gniomhran:
19Le neart chomharraidhnean us mhiarailtean, le cumhachd an Spioraid Naoimh: air chor ʼs gun do chraobh-sgaoil mi Soisgeul Chriosta, bho Ierusalem mun cuairt gu ruig Illiricum.
20ʼS mar sin shearmonaich mi an soisgeul so, cha n-ann far an robh Criosta air ainmeachadh, eagal gun togainn air steidh fir eile, ach mar a tha e sgriobhte:
21 Chi iadsan, ris nach do labhradh uime: us tuigidh iadsan, nach cuala.
22Se so an t-aobhar a chuir eis ro-mhor orm bho thighinn gu ʼr n-ionnsuidh, ʼsa bhac mi gu so.
23Ach a nis bho nach eil cion-fàth agam fuireach sna duchannan sin nas fhaide, ʼs mi ro fhada an geall bho chionn moran bhliadhnaichean air tighinn gu ʼr n-ionnsuidh,
24Nuair theannas mi ri mʼ thurus a ghabhail do ʼn Spainnt, tha mi an dochas gum faic mi sibh san dol seachad, agus gun stiuir sibh mi gu ruig sin, ma se ʼs gum bi mi ʼn toiseach air mealtuinn roinn dhe ʼr conaltradh.
25Ach tha mi nis a dol do Ierusalem a fhrithealadh do na naoimh.
26Oir dheonaich muinntir Mhacedonia ʼs Achaia roinn de chuideachadh a dhianamh ri bochdan nan naomh, a thʼ ann an Ierusalem.
27Oir bʼ e so an toil: agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na cinnich ʼnan comhpairtich de na nichean spioradail aca-san thigeadh orra frithealadh dhaibhse sna nichean aimsireil.
28Nuair ma ta a choimhlionas mi so, ʼsa liubras mi dhaibh an toradh so, triallaidh mi ur rathad-sa do ʼn Spainnt.
29ʼS tha fios agam, nuair thig mi h-ugaibh, gun tig mi ann am pailteas de bheannachdan soisgeul Chriosta.
30Guidheam oirbh ma ta, a bhraithrean, tromh ar Tighearna Iosa Criosta, ʼs tromh charrantachd an Spioraid Naoimh, gun cuidich sibh mi le ʼr n-urnaighean ri Dia air mo shon,
31Los gun saorar mi bho na h-ana-creidich a tha ann an Iudéa, ʼs gum bi tairgse mo sheirbhis taitneach do na naoimh ann an Ierusalem,
32ʼS gun tig mi h-ugaibh an aoibhneas le toil De, ʼs gum faigh mi cofhurtachd maille ribh.
33A nis gun robh Dia na sithe maille ribh uile. Amen.

Currently Selected:

Romanaich 15: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in