Romanaich 16
16
XVI. CAIB.
Tha e criochnachadh le cur bheannachd gan ionnsuidh, ʼsa g-iarraidh orra a bhith air am faicill romh ʼn h-uile h-aon a chuireas an aghaidh an teagaisg a fhuair iad.
1ʼS tha mi g-earbsa ribh ar peathar Phebe, a tha seirbhiseachadh na h-eaglais a tha an Cenchre;
2Gun gabh sibh rithe anns an Tighearna, mar a thigeadh do naoimh; ʼs gun cuidich sibh i ann an ni air bith sam bi feum aice oirbh: oir chuidich i fhein moran, agus mise fhein cuideachd.
3Cuiribh fàilt air Prisca ʼs air Acuila, mo luchd-comhnaidh ann an Iosa Criosta;
4(A chuir an amhaichean fhein an sàs air son mo bheatha-sa: ʼs cha mhise a mhain a tha toirt taing dhaibh, ach eaglaisean nan cinneach air fad cuideachd),
5ʼS air an eaglais a tha ʼnan tigh. Cuiribh fàilt air fear mo ghraidh Epenetus, ʼs gur e ciad thoradh Asia ann an Criosta.
6Cuiribh fàilt air Mairi, a shaothraich moran ʼnur measg.
7Cuiribh fàilt air Andronicus ʼs air Iunias, mo dhaimhich ʼs mo cho-phriosanaich; a tha ainmeil measg nan ostal, ʼsa bha romhamsa ann an Criosta.
8Cuiribh fàilt air Ampliatus, aʼs ro ionmhuinn leam anns an Tighearna.
9Cuiribh fàilt air Urbanus, ar fear-cobhair ann an Iosa Criosta, ʼs air Stachis mo ghraidh.
10Cuiribh fàilt air Apelles, a tha dearbhte ann an Criosta.
11Cuiribh fàilt orrasan, a tha de theaghlach Aristoboluis. Cuiribh fàilt air Herodion, mo dhaimheach. Cuiribh fàilt orrasan, a tha de theaghlach Narcissuis, a tha anns an Tighearna.
12Cuiribh fàilt air Triphéna, ʼs air Triphosa a tha ri saothair anns an Tighearna. Cuiribh fàilt air Persis, fear a mhor ghraidh, a ghabh moran saothair anns an Tighearna.
13Cuiribh fàilt air Rufus, taghte san Tighearna, ʼs air a mhathair, ʼs mo mhathair fhein.
14Cuiribh fàilt air Asincritus, Phlegon, Hermas, Patrobas, Hermes, ʼs air na braithrean, a tha maille riu.
15Cuiribh fàilt air Philologus, us Iulia, air Nereus agus a phiuthar, ʼs air Olimpias, agus air na naoimh uile, a tha maille riu.
16Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh. Tha eaglaisean Chriosta uile cur bheannachdan gu ʼr n-ionnsuidh.
17A nis tha mi g-achanaich oirbh, a bhraithrean, sibh a chomharrachadh na feadhnach, a tha togail aimhreite ʼsa toirt sgainneil, a tha an aghaidh an teagaisg a dhʼ ionnsuich sibh, agus seachnaibh iad.
18Oir iadsan, a tha de ʼn t-seorsa so, cha n-eil iad a seirbhiseachadh Chriosta ar Tighearna, ach am bronna fhein; ʼs le cainnt mhilis agus shodalaich tha iad a mealladh cridheachan nan neochiontach.
19Ach tha ur n-umhlachdsa air a foillseachadh anns a h-uile h-aite. Uime sin tha toil-inntinn agam asaibh. Ach bu mhath leam sibh a bhith glic sa mhath, ʼs aon-fhillte san olc.
20ʼS gum brùth Dia na sithe Satan gu h-ealamh fo ʼur casan. Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh.
21Tha Timoti, mo cho-oibriche, a cur bheannachd gu ʼr n-ionnsuidh, agus Lucius, agus Iason, agus Sosipater, mo dhaimhich.
22Tha mise Tertius, a sgriobh an litir so, a cur bheannachd gu ʼr n-ionnsuidh anns an Tighearna.
23Tha Caius, aig a bheil mi na mʼ aoidh, a cur fàilt oirbh, mar tha an eaglais uile. Tha Erastus, iuntasair a bhaile, agus Cuartus, brathair, a cur bheannachd h-ugaibh.
24Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh uile. Amen.
25A nis dhasan, a ʼs urrainn ur daingneachadh a reir mo shoisgeil-sa ʼsa reir teagasg Iosa Criosta, a reir foillseachadh na mistire a bha am falach bho ʼn t-siorruchd,
26(Ach a rinneadh a nis soilleir bho sgriobtuirean nam faidhean a reir ordugh an De shiorruidh, gu umhlachd creidimh) aithnichte do ʼn h-uile cinneadh,
27Do Dhia, glic ʼna aonar, dhasan gun robh tromh Iosa Criosta onair agus gloir fad shaoghal nan saoghal. Amen.
Currently Selected:
Romanaich 16: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017