YouVersion Logo
Search Icon

Romanaich 14

14
XIV. CAIB.
Gum feum na daoine laidir cur suas ris na daoine laga: comhairlean an aghaidh a bhith toirt breth, us sgainneil.
1A nis gabhaibh ris an fhear a tha lag sa chreideamh, cha n-ann le deaspud mu bharalaichean.
2Oir tha fear a creidsinn gum faod e a h-uile ni ithe: ach am fear a tha lag, itheadh e luibhean.
3Na tugadh am fear a tha g-icheadh tàire dhasan nach eil a g-icheadh; ʼs am fear nach eil a g-icheadh, na tugadh e breth air-san a tha g-icheadh: oir ghabh Dia ris.
4Thusa, co thu a tha toirt breth air seirbhiseach fir eile? Dha mhaighistir fhein seasaidh no tuitidh e: ach seasaidh e: oir tha Dia comasach air a chumail ʼna sheasamh.
5Oir tha fear a toirt breth eadar latha agus latha: ʼs tha fear eile a toirt an aon bhreth air a h-uile latha; biodh gach duine dìan ʼna bheachd fhein.
6Am fear a tha gabhail suime de ʼn latha, tha e gabhail suime dheth do ʼn Tighearna: ʼs am fear a tha g-icheadh, tha e g-icheadh do ʼn Tighearna: oir tha e toirt taing do Dhia. ʼS am fear nach eil a g-icheadh, ʼsann do ʼn Tighearna nach eil e a g-icheadh, agus tha e toirt taing do Dhia.
7Cha n-eil duine againn beo dha fhein, ʼs cha n-eil duine a faighinn a bhàis dha fhein.
8Oir ma ʼs beo sinn, ʼsann do ʼn Tighearna a tha sinn beo; no ma ʼs bàs duinn, ʼsann do ʼn Tighearna is bàs duinn. Uime sin co-dhiu is beatha, no bàs duinn, is leis an Tighearna sinn.
9ʼSann air son so fhein a fhuair Criosta bàs ʼsa dhʼ eirich e a rithist, los a bhith ʼna Thighearna air mhairbh ʼs air bheo.
10Ach ciod h-uige a tha thusa a toirt breth air do bhrathair? No car-son a tha thusa sealltuinn sios air do bhrathair? Oir seasaidh sinn uile air bialaobh cathair-bhreitheanais Chriosta.
11Oir tha e sgriobhte: Mar is beo mise, os an Tighearna, lubaidh gach glun dhomhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia.
12Mar sin bheir a h-uile h-aon againn cunntas air a shon fhein do Dhia.
13A so suas ma ta na tugamaid breth, air a cheile, ach gum bu docha a bhreth so thoirt, nach cuir sibh ceap-tuislidh no sgainneal an rathad ur brathar.
14Oir is fiosrach agus lan-earbsach mi anns an Tighearna Iosa, nach eil ni air bith neoghlan deth fhein, ach tha e neoghlan dhasan, a tha ga shaoilsinn neoghlan.
15Ach ma ʼs cuis-dhuilichinn biadh do dʼ bhrathair, cha n-eil thu an sin a g-imeachda reir na carrantachd. Na cuir a dhith le dʼ bhiadh duine air son an dʼ fhuilig Criosta am bàs.
16Na biodh ma ta ar math fo dhroch iomradh.
17Oir cha bhiadh ʼs cha dheoch rioghachd Dhe, ach ceartas, agus sith, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.
18Oir esan a tha dianamh seirbhis do Chriosta unnta so, tha e taitinn ri Dia agus measail aig daoine.
19Mar so leanamaid na nichean a tha gu sith; agus gleidhemid na nichean a bheir deagh shamhla do gach a cheile.
20Na cuir as do obair Dhe as leth bhiadh. Oir gu dearbh tha h-uile ni glan: ach is olc e do ʼn duine, a dhʼ icheas le sgainneal.
21Is math an ni gun fheoil icheadh, ʼs gun fhion ol, no ni eile a dhianamh a bheir oilbheum no sgainneal dha dʼ bhrathair, no a lagaicheas e.
22Am beil creideamh agad? Biodh e agad dhut fhein an lathair Dhe. Is beannaichte esan nach eil ga dhiteadh fhein san ni sin a tha e meas a bhith ceadaichte dha.
23Ach esan a bheir an aire, tha e air a dhiteadh, ma dhʼ icheas e: a chionn nach ann bho chreideamh. Oir is peacadh gach ni nach eil bho chreideamh.

Currently Selected:

Romanaich 14: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in