1
Romanaich 14:17-18
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
MacETN
Oir cha bhiadh ʼs cha dheoch rioghachd Dhe, ach ceartas, agus sith, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh. Oir esan a tha dianamh seirbhis do Chriosta unnta so, tha e taitinn ri Dia agus measail aig daoine.
Compare
Explore Romanaich 14:17-18
2
Romanaich 14:8
Oir ma ʼs beo sinn, ʼsann do ʼn Tighearna a tha sinn beo; no ma ʼs bàs duinn, ʼsann do ʼn Tighearna is bàs duinn. Uime sin co-dhiu is beatha, no bàs duinn, is leis an Tighearna sinn.
Explore Romanaich 14:8
3
Romanaich 14:19
Mar so leanamaid na nichean a tha gu sith; agus gleidhemid na nichean a bheir deagh shamhla do gach a cheile.
Explore Romanaich 14:19
4
Romanaich 14:13
A so suas ma ta na tugamaid breth, air a cheile, ach gum bu docha a bhreth so thoirt, nach cuir sibh ceap-tuislidh no sgainneal an rathad ur brathar.
Explore Romanaich 14:13
5
Romanaich 14:11-12
Oir tha e sgriobhte: Mar is beo mise, os an Tighearna, lubaidh gach glun dhomhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia. Mar sin bheir a h-uile h-aon againn cunntas air a shon fhein do Dhia.
Explore Romanaich 14:11-12
6
Romanaich 14:1
A nis gabhaibh ris an fhear a tha lag sa chreideamh, cha n-ann le deaspud mu bharalaichean.
Explore Romanaich 14:1
7
Romanaich 14:4
Thusa, co thu a tha toirt breth air seirbhiseach fir eile? Dha mhaighistir fhein seasaidh no tuitidh e: ach seasaidh e: oir tha Dia comasach air a chumail ʼna sheasamh.
Explore Romanaich 14:4
Home
Bible
Plans
Videos