Ephesuis 4
4
IV. CAIB.
Tha e gam brosnachadh gu aontachd, gus an duine ur a chur orra, ʼs am peacadh a sheachnadh.
1Air an aobhar sin tha mise, priosanach an Tighearna, a g-achanaich oirbh, sibh a ghluasad an seol freagrach do ʼn ghairm leis na ghairmeadh sibh,
2Leis a h-uile irioslachd agus ciuineachd, le faighidin, a cur suas ri gach a cheile an carrantachd,
3A gleidheadh gu curamach aonachd an Spioraid ann an ceangal na sithe.
4Aon chorp, agus aon Spiorad, ceart mar ghairmeadh sibh ann an aon dochas ur gairme.
5Aon Tighearna, aon chreideamh, aon bhaisteadh.
6Aon Dia agus Athair nan uile, a tha fos cionn nan uile, us feadh gach uile, agus unnainn uile.
7Ach do ʼn h-uile h-aon againn thugadh grasan, a reir tomhas tobhartas Chriosta.
8Air an aobhar so tha e g-radh: A dol suas do na h-ardaibh, thug e braighdeanas an daorsa: thug e gibhtean do dhaoine.
9A nis gun deach e suas, ciod eile e, ach gun deach e sios an toiseach gu ionaidean iochdrach an talmhuinn?
10Esan a chaidh sios, se cuideachd a chaidh suas fos cionn nan neamh uile, gus a h-uile ni a lionadh.
11Agus thug e cuid gu dearbh ʼnan ostail, us cuid ʼnam faidhean, ach cuid eile ʼnan soisgeulaich, agus cuid eile ʼnam buachaillean ʼs ʼnan ollamhan,#4.11-13 IV.11-13. thug e cuid ʼnan ostail...Gus an coinnich sinn uile, &c. Tha e air innse dhuinn gu soilleir an so, gun dʼ fhag Criosta ʼna Eaglais buachaillean ʼs ollamhan firinneach a sior-thighinn an deigh a cheile, gus na creidich a ghleidheadh ann an aonachd ʼs am firinn.
12Gus na naoimh a dhianamh coimhlionta gu obair an fhrithealaidh, gu corp Chriosta thogail suas:
13Gus an coinnich sinn uile ann an aonachd creidimh agus eolas Mhic Dhe, gu duine coimhlionta, gu tomhas aois lanachd Chriosta;
14Gus nach bi sinn a nis tuille ʼnar cloinn air ar luasgadh a null ʼsa nall, ʼs air ar n-iomain mu ʼn cuairt leis a h-uile gaoith teagaisg le droch-bheart dhaoine, le seoltachd chealgaich a gabhail fàth gu mealladh.
15Ach a cur firinn an gniomh ann an carrantachd, gum fàs sinn suas anns a h-uile ni annsan, agus is e an ceann, Criosta:
16Bho bheil an corp uile air a thàthadh, ʼs air a cheangal ri cheile, leis a bheil a h-uile alt a cuideachadh, a reir na h-oibre ann an tomhas gach buill, a faighinn leasachadh cuirp gus a thogail fhein suas ann an carrantachd.
17So ma ta tha mi g-radh ʼsa togail fianuis air san Tighearna, nach imich sibh á so suas mar na cinnich, a tha g-imeachd a reir faoineas an inntinn fhein,
18Aig am beil an tuigse air a dalladh le tiugh-dhorchadas, iad ʼnan coigrich do bheatha Dhe leis an aineolas a thʼ unnta, a thaobh doille an cridhe.
19Muinntir, le dol gu an-dochas, a liubhair iad fhein do dhruis, do dhʼ oibreachadh a h-uile sailche, do shannt.
20Ach cha n-ann mar sin a dhʼfhaghluim sibhse Criosta;
21Ma se ʼs gun dʼ eisd sibh ris, ʼs gum beil sibh air ur teagasg ann, mar a tha an fhirinn ann an Iosa,
22Sibh a chur dhibh an t-seann duine, a tha, a reir ur ciad chaithe-beatha, air a thruailleadh le dheidh air mearachd.
23Agus bithibh air ur n-urachadh ann an spiorad ur n-inntinn,
24Us cuiribh oirbh an duine ùr, a tha air a chruthachadh a reir Dhe ann an ceartas, agus ann an naomhachd na firinne.
25Uime sin a leigeil dhibh bhriagan, labhraibh an fhirinn a h-uile h-aon ri choimhearsnach, oir is buill sinn dha cheile.
26Gabhaibh fearg, ʼs na peacaichibh: na laidheadh a ghrian air ur feirg.
27Na tugaibh aite do ʼn aibhistear:
28Am fear a ghoid, na goideadh e tuilleadh: ach an aite sin dianadh e obair, a saothrachadh le lamhan na tha math, gus am bi aige gu buileachadh air-san, a tha ann an uireasuidh.
29Na tigeadh droch cainnt idir a mach as ur bial: ach na tha math gu leasachadh creidimh, chum grasan a thoirt do ʼn luchd-eisdeachd.
30Na cuiribh bròn air Spiorad Naomh Dhe, anns an deach ur seuladh thun latha an t-sabhalaidh.
31Biodh a h-uile seirbhe, agus fearg, agus corruich, agus gleadhraich, agus blais-bheum air am fuadach fada bhuaibh maille ris a h-uile gamhlas.
32Agus bithibh caoimhneil iochdor ri cheile, a mathadh do gach a cheile, mar a mhath Dia dhuibh fhein ann an Criosta.
Currently Selected:
Ephesuis 4: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017