YouVersion Logo
Search Icon

Gniomhan 24

24
XXIV. CAIB.
Pol ga dhion fhein an lathair an uachdrain; ʼsa teagasg a chreidimh dha.
1An ceann choig latha chaidh an t-ard-shagart Ananias sios maille ri cuid de na seanairean, agus Tertullus fear-tagraidh araid, us chaidh iad thun an uachdrain an aghaidh Phoil.
2ʼS nuair chaidh Pol a ghairm, thòisich Tertullus air a choireachadh, a g-radh: Gu bheil sinn a mealtuinn mor-shithe air do sgath, ʼs gu bheil ioma ni air an ceartachadh le dʼ fhreasdail,
3Is nichean so ris a bheil sinn daonnan agus anns gach aite a gabhail, Fhelics ro urramach, leis a h-uile taingealachd.
4Ach gun tuille moille chur ort, guidheam, gun eisd thu ruinn, as leth do shuairceis, am beagan bhriathran.
5Fhuair sinn an duine so ʼna phlaigh, ʼsa togail cheannairc am measg nan Iudhach uile air feadh an t-saoghail gu h-iomlan, ʼs ʼna cheannard air eiriceachd bhuaireasaich nan Nasarénach;
6A thug ionnsuidh cuideachd air an teampull a thruailleadh, air am bʼ aill leinne, an deigh a ghlacadh, breth a thoirt a reir ar lagh fhein.
7Ach air do Lisias an t-ard-cheannard tighinn oirnn, spion e e le fior ainneart as ar lamhan,
8A g-orduchadh a luchd-casaid a thighinn h-ugadsa: bho ʼm faod thu fhein le cheasnachadh fios a bhith agad air na nichean sin uile a tha sinn a cur as a leth.
9Us chuir na h-Iudhaich leis, a g-radh gur ann mar sin a bha a chuis.
10An sin fhreagair Pol (an t-uachdran a toirt cead dha labhairt): ʼS mi tuigsinn gum beil thu fad moran bhliadhnaichean na dʼ bhritheamh air a chinneadh so, le mor mhisnich freagraidh mi air mo shon fhein.
11Oir faodaidh tu thuigsinn nach eil tuille na dà latha dhiag, bho na chaidh mi suas do Ierusalem a dhʼ aoradh;
12ʼS cha dʼfhuair iad mi san teampull a deaspud ri neach air bith, no na mʼ cheann-aobhair air tional an t-sluaigh, anns na sinagogun, no ʼsa bhaile;
13Agus cha mhua is urrainn daibh comhdach dhut na tha iad a nis cur as mo leth.
14Ach tha mi g-aideach so dhut, gum beil mi air reir an t-seorsa ris an can iadsan eiricich, a dianamh seirbhis do ʼn Athair, ʼs do mo Dhia, a creidsinn gach ni a tha sgriobhte san lagh agus anns na faidhean,
15A cur mo dhochais ann an Dia, ris a bheil duil aca fhein mar an ciadna, gum bi aiseirigh nan ionraic agus nan eucorach ann.
16As leth so tha mi daonnan a stri, fiach am bi cogais neo-lochdach agam an lathair Dhe, ʼs an lathair dhaoine.
17A nis an deigh moran bhliadhnaichean thainig mi a thoirt deirce do mʼ chinneadh, agus tairgsichean, agus bòidean.
18Fhuair iad mi, ʼs mi riu so, air mo ghlanadh san teampull; ʼs cha n-ann le sluagh, cha mhua ʼsann le buaireas.
19Bʼ iad Iudhaich araid bho Asia, dha ʼm bu chòir a bhith ad lathair, agus a thoirt suas, nam biodh a bheag aca na mʼ aghaidh,
20No innseadh iad so fhein, ma fhuair iad coire sam bith unnam, nuair sheas mi air bialaobh na comhairle,
21Saor bho ʼn aon fhacal so a mhain, a ghlaodh mi, ʼs mi na mʼ sheasamh ʼnam measg: Gur h-ann as leth aiseirigh nam marbh a tha mise fo bhreth agaibhse an diugh.
22Ach chuir Felics, ʼs e ro fhiosrach air an aidmheil so, dàil sa chuis, a g-radh: Nuair thig Lisias an t-ard-cheannard a nuas, eisdidh mi ribh.
23Us thug e ordugh do cheannard-ciad a ghleidheadh, agus fois a bhith aige, ʼs gun duine dhe chairdean a bhacadh bho fhrithealadh dha.
24ʼS an ceann beagan laithean thainig Felics le mhnaoi Drusilla, a bha ʼna ban-Iudhaich, ʼs chuir e shireadh Phoil, agus chual e bhuaithe an creideamh a thʼ ann an Iosa Criosta.
25Us nuair bha e labhairt mu cheartas, ʼs mu gheamnachd, ʼs mu ʼn bhreitheanas ri tighinn, fhreagair Felics, ʼs e fo gheilt-chrith: A thaobh so bi falbh a nis: ach nuair bhios àm freagrach agam, cuiridh mi ga dʼ shireadh.
26Bha duil aige cuideachd gun tugte dha airgiod le Pol, as leth so a cur fios air gu tric labhair e ris.
27Ach an deigh do dhà bhliadhna dol seachad, thainig Portius Festus an aite Fhelics. Agus dhʼ fhag Felics, le toil comain a chur air na h-Iudhaich, Pol ceangailte.

Currently Selected:

Gniomhan 24: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in