Gniomhan 25
25
XXV. CAIB.
Pol a togail a chuis gu César: an righ Agrippa a g-iarraidh a chluinntinn.
1A nis nuair thainig Festus do ʼn mhor-roinn, chaidh e suas an ceann tri latha bho Chesaréa gu Ierusalem.
2Agus chaidh na h-ard-shagairt agus priomh-dhaoine nan Iudhach air a bhialaobh an aghaidh Phoil, agus dhʼ aslaich iad air,
3A g-iarraidh mar chomain dhaibh ʼna aghaidh, gun orduicheadh e a thoirt gu Ierusalem, iad fhein a dianamh feall-fhalaich air, los a mharbhadh air an t-slighe.
4Ach fhreagair Festus, gun robh Pol air a ghleidheadh ann an Cesaréa: ʼs gun rachadh e fhein an sin gu h-aithghearr.
5Rachadh ma ta, os esan, an fheadhainn a tha comasach ʼnur measg sios comhla rium-sa, agus ma se ʼs gum beil coire san duine, agaireadh iad sin ʼna aghaidh.
6ʼS gun fhuireach ʼnam measg na bʼ fhaide na ochd no deich latha, chaidh e sios do Chesaréa, ʼs an ath latha shuidh e air cathair a bhreitheanais, ʼs dhʼorduich e Pol a thoirt air a bhialaobh.
7Nuair a thugadh an sin e, sheas na h-Iudhaich, a bha air tearnadh bho Ierusalem, mun cuairt da, a cur chuisean lionar agus trom as a leth, nach bʼ urrainn daibh a chomhdach,
8Us fhreagair Pol, ga shaoradh fhein: Cha n-eil mi coireach ann an ni air bith a tha an aghaidh lagh nan Iudhach, no an aghaidh an teampuill, no an aghaidh Chésair.
9Ach le toil comain a chur air na h-Iudhaich, fhreagair Festus Pol, us thuirt e: An aill leat dol suas gu Ierusalem, ʼs an sin dol fo bhreth mu na nichean so am lathair-sa?
10Ach thuirt Pol: Tha mi fo bhreth aig cathair Chésair, an sin is còir breth a thoirt orm: air na h-Iudhaich cha dʼ rinn mi dolaidh, mar is math a tha fios agad.
11Oir ma rinn mi eucoir orra, no coire sam bith toillteanach air bàs, cha n-eil mi diultadh bàs fhulang: ach mur eil bonn aig na nichean a tha iad so cur as mo leth, cha n-fhaod duine sam bith mo liubhairt dhaibh. Tha mi togail mo chuis gu César.
12An sin fhreagair Festus, an deigh dha labhairt ris a chomhairle: Na thog thu do chuis gu César? Gu César theid thu.
13ʼS an ceann beagan laithean, thainig righ Agrippa agus Bernicé a nuas gu Cesaréa gu fàilt a chur air Festus.
14ʼS air dhaibh fanailt an sin moran laithean, dhʼinnis Festus do ʼn righ mu Phol, a g-radh: Dhʼ fhagadh le Felics duine araid ʼna phriosanach,
15Ga thaobh-san, nuair bha mi ann an Ierusalem, thainig ard-shagairt us seanairean nan Iudhach h-ugam, a g-iarraidh binn-ditidh ʼna aghaidh:
16Dha ʼn do fhreagair mi: Cha n-eil e ʼna chleachdadh aig na Romanaich duine air bith a dhiteadh, gus am bi esan a thathas a coireachadh ʼsa luchd-casaid an lathair a cheile, agus cead aige-san e fhein a dhion ʼsa shaoradh bho choire.
17Uime sin air dhaibh so a ruighinn gun dad de dhàil, shuidh mi an ath latha air cathair a bhreitheanais, ʼs dhʼ orduich mi an duine chur na mʼ lathair.
18Nuair a sheas a luchd-casaid suas ʼna aghaidh, cha do chuir iad coire sam bith as a leth, mu nichean a bha mise saoilsinn olc:
19Ach bha ceisdean araid dhe ʼn saobh-chreideamh fhein aca ʼna aghaidh, agus mu dhuine araid Iosa a bha marbh, a bha Pol a cumail a mach a bhith beo.
20Ann an teagamh ma ta mu ʼn ghné cheisde so, dhʼ fharraid mi an robh e deonach dol gu Ierusalem, agus dol an sin fo bhreth mu na nichean so.
21Ach nuair dhʼiarr Pol a ghleidheadh gu breitheanas Augustuis, dhʼorduich mi a ghleidheadh, gus an cuirinn e gu César.
22Us thuirt Agrippa ri Festus: Bu toigh leam fhein an duine so chluinntinn. Am maireach, os esan, cluinnidh tu e.
23An ath latha ma ta, nuair thainig Agrippa agus Bernicé le mor mhorchuis, ʼsa chaidh iad a stigh do thalla na h-eisdeachd maille ris na h-ard-cheannardan us maithean a bhaile, thugadh Pol air ordugh Fhestuis a stigh.
24Us thuirt Festus: A righ Agrippa, agus sibhse a dhaoine uile a tha ʼn so san lathair maille ruinn, tha sibh a faicinn an duine, mu ʼn do ghearain uile shluagh nan Iudhach rium ann an Ierusalem, a g-iarraidh ʼsa glaodhaich nach bu chòir e bhith na bʼ fhaide beo.
25Ach cha dʼ fhuair mise mach gun dʼ rinn e ni toillteanach air bàs. Ach bho na thog e fhein a chuis gu Augustus, chuir mi romham a chur an sin.
26Ga thaobh cha n-eil ni cinnteach agam ri sgriobhadh gu mo thighearna. As leth so thug mi e ʼnur lathair, ʼs gu h-araid ad lathair-sa, a righ Agrippa, air chor ʼs, an deigh a cheasnachadh, gum bi rudeigin agam a sgriobhas mi.
27Oir is neo-reusanta na mʼ shuilean-sa priosanach a chur air adhart, ʼs gun innseadh nan cuisean a thathas a cur as a leth.
Currently Selected:
Gniomhan 25: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017