Gniomhan 22
22
XXII. CAIB.
Pol a g-innse do ʼn t-sluagh an doigh air na thionndaidh e: cha deach a sgiursadh a thaobh gun robh e ʼna Romanach.
1A dhaoine, a bhraithrean, us aithrichean, eisdibh a nis ri mo lethsgeul a tha mi dol a thoirt duibh.
2ʼS nuair a chual iadsan gur ann sa chanan Eabhrach a labhair e riu; bha iad nas samhaiche.
3Us thuirt e: Is Iudhach mise a rugadh ann an Tarsus Chilicia, ach a chaidh àrach sa bhaile so, air mʼ fhaghlum aig casan Ghamalieil a reir firinn lagh nan aithrichean, eudmhor mu ʼn lagh, mar a tha sibh fhein uile an diugh;
4A rinn geur-leanmhuinn air an aidmheil so gu bàs, a ceangal ʼsa cur am priosan fhirionnach mar-aon agus bhoirionnach,
5Mar a thogas an t-ard-shagart fianuis dhomh, ʼs na seanairean uile, bho ʼn dʼ fhuair mi litrichean cuideachd thun nam braithrean, us chaidh mi gu Damascus, gus an toirt ceangailte as a sin gu Ierusalem, los gun rachadh an smachdachadh.
6Agus thachair, ʼs mi triall ʼsa tarruinn teann air Damascus mu mhiadhon latha, gun do shoillsich gu grad solus mor mun cuairt domh bho neamh;
7ʼSa tuiteam gu làr, chuala mi guth a g-radh rium: A Shauil, a Shauil, car-son atha thu gam gheur-leanmhuinn-sa?
8Agus fhreagair mi: Co thu, a Thighearna? Us thuirt e rium: Is mi Iosa bho Nasareth, air a bheil thusa dianamh geur-leanmhuinn.
9Us iadsan, a bha cuide rium, chunnaic iad gu dearbh an solus, ach cha chual iad a ghuthsa, a labhair rium.
10Us thuirt mise: Ciod a ni mi, a Thighearna? Us thuirt an Tighearna rium: Eirich, agus falbh gu Damascus; us innsear dhut an sin mu na nichean uile is còir dhut a dhianamh.
11Agus bho nach bu leir dhomh le soilleireachd an t-soluis sin, thainig mi gu Damascus air mo stiuradh air laimh le mo chompanaich.
12Agus Ananias araid, duine air reir an lagha, ʼs aig an robh deagh theisteanas bho na h-Iudhaich uile, a bha tamh an sin,
13A tighinn gam ionnsuidh, ʼsa seasamh lamh rium, thuirt e rium: A bhrathair Shauil, seall naird. Agus sa cheart uair sheall mi naird air.
14Ach thuirt esan: Roimh-dhʼorduich Dia ar n-aithrichean thu, los gun tuigeadh tu a thoil, ʼs gum faiceadh tu an t-Aon naomh, ʼs gun cluinneadh tu an guth as a bhial:
15Oir bithidh thu do dhaoine uile na dʼ fhianuis dha air na nichean a chunnaic ʼsa chuala tu.
16Agus a nis car-son a tha thu dianamh moille? Eirich, ʼs bi air do bhaisteadh, agus nigh dhiot do pheacannan a gairm air ainmse.
17Us thachair nuair a thainig mi rithist gu Ierusalem, ʼsa bha mi ri urnaigh san teampull, gun tainig plathadh-inntinn orm,
18ʼS gum fac mi e a g-radh rium: Greas ort, us fag Ierusalem gu h-ealamh: a chionn nach gabh iad do theisteanas mu mʼ dheidhinn.
19Us thuirt mise: A Thighearna, tha fios aca gun robh mise tilgeadh am priosan, ʼsa sgiursadh anns gach sinagog, na feadhnach a chreid unnadsa;
20ʼS nuair a dhoirteadh fuil Stephain, tʼ fhianuis, bha mise san lathair ʼsa g-aontachadh leo, ʼsa gleidheadh am falluinnean-sa a bha ga mharbhadh.
21Us thuirt e rium: Bi falbh: oir cuiridh mi thu thun nan cinneach a tha an cein.
22Agus dhʼ eisd iad ris gus am facal so, ʼs an sin thog iad an guth, a g-radh: Togaibh bharr an talmhuinn a leithid so de dhuine: oir cha cheart e bhith beo.
23ʼS nuair a bha iadsan a g-eigheach, ʼsa tilgeil an aodaich dhiu, ʼsa caitheamh duslaich san athar,
24Dhʼ orduich an t-ard-cheannard gun tugteadh do ʼn chaisteal e, ʼs gun rachadh a sgiursadh ʼsa riasladh, gus am faigheadh e mach car-son a bha iad a glaodhaich mar so ʼna aghaidh.
25ʼS air dhaibh a cheangal le iallan, thuirt Pol ris a cheannard-chiad a bha lamh ris: Am beil e laghail dhuibh duine a tha ʼna Romanach a sgiursadh, ʼs e neo-dhìte?
26Nuair chual an ceannard-ciad so, chaidh e thun an ard-cheannaird, us dhʼ innis e dha, a g-radh: Ciod a tha thu dol a dhianamh? oir is saor Romanach an duine so.
27ʼS an t-ard-cheannard a tighinn ga ionnsuidh, thuirt e ris: Innis dhomh an Romanach thu. Ach thuirt esan: Seadh.
28Us fhreagair an t-ard-cheannard: Choisinn mise air suim mhoir an t-saorsa so. Us thuirt Pol: Ach rugadh mise saor.
29Air an aobhar sin ghrad-dhʼfhag an fheadhainn a bha dol gus a riasladh e. Us bha eagal cuideachd air an ard-cheannard, an deigh dha thuigsinn gum bu shaor Romanach e, agus a thaobh gun do cheangail e e.
30Ach an ath latha air dha bhith an geall air fios na bu chinntiche fhaighinn car-son a bha na h-Iudhaich a cur choire as a leth, dhʼ fhuasgail e e, agus dhʼorduich e do na sagairt ʼs do ʼn chomhairle uile tighinn cruinn; ʼsa toirt Phoil a mach, chuir e air am bialaobh e.
Currently Selected:
Gniomhan 22: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017