YouVersion Logo
Search Icon

Gniomhan 21

21
XXI. CAIB.
Pol a dol suas gu Ierusalem: na h-Iudhaich a breith air san teampull.
1ʼS nuair a thachair, ʼs sinn air dealachadh riusan, gun do sheol sinn, thainig sinn le gabhail dhirich gu Coos, ʼs an latha an deigh sin gu Rodes, us á sin gu Patara.
2ʼS air dhuinn long fhaighinn, a bha dol thairis gu Phenice, ghabh sinn air bord, agus sheol sinn.
3ʼS nuair thainig Ciprus ʼnar fradharc, ga fhagail air an laimh chli, sheol sinn gu Siria, us thainig sinn gu Tirus: oir ʼsann an sin bha luchd an t-saghaich ri chur a mach.
4ʼSa faighinn dheisciopul, dhʼ fhuirich sinn an sin seachd latha; thuirt iadsan ri Pol tromh ʼn Spiorad, gun e dhol suas gu Ierusalem.
5Agus a triall an deigh do na laithean sin tighinn gu ceann, ghabh sinn air ar n-adhart, us iadsan uile ʼnar cuideachd le ʼm mnathan ʼs le ʼn cloinn gu taobh-mach a bhaile: us chaidh sinn air ar gluinean air a chladach, us rinn sinn urnaigh.
6Us nuair ghabh sinn beannachd le gach a cheile, chaidh sinn air bord; us thill iadsa dhachaidh.
7Ach a criochnachadh ar turuis-mhara bho Thirus, ghabh sinn sios gu Ptolemais; ʼsa cur fàilt air na braithrean, thamh sinn aon latha comhla riu.
8ʼSa togail oirnn an ath latha, thainig sinn gu Cesaréa. ʼSa dol a stigh do thigh Philip, an soisgeulach, fear de ʼn t-seachdnar, dhʼ fhuirich sinn comhla ris.
9ʼS bha ceathrar nighean aige, oighean a bha ri faidheadaireachd.
10ʼS nuair a thamh sinn an sin beagan laithean, thainig bho Iudéa faidh araid, dha ʼm bʼainm Agabus.
11Agus cho luath ʼsa thainig esan ga ʼr n-ionnsuidh, rug e air crios Phoil: ʼsa ceangal a chasan ʼsa lamhan fhein, thuirt e: Iad so tha an Spiorad Naomh a cantuinn: Am fear leis an leis an crios so, ceanglaidh na h-Iudhaich mar so ann an Ierusalem, us liubhraidh iad seachad e do lamhan nan cinneach.
12Nuair chuala sinn so, ghrios sinne us muinntir an aite air, gun e dhol suas do Ierusalem.
13An sin fhreagair Pol, us thuirt e: Ciod is ciall duibh a gal, ʼsa cradh mo chridhe? Oir tha mise deas cha n-ann gu bhith air mo cheangal a mhain, ach gu bàsachadh ann an Ierusalem air son ainm an Tighearna Iosa.
14ʼS nuair nach bʼ urrainn duinn toirt air ar comhairle a ghabhail, sguir sinn, a g-radh: Toil an Tighearna gun robh diante.
15ʼS an deigh nan laithean sin, air dhuinn bhith reidh, chaidh sinn suas gu Ierusalem.
16Us chaidh cuid dhe na deisciopuil á Cesaréa comhla ruinn, a toirt leo Mnasoin, Ciprianach araid, seann deisciopul, aig an robh sinn gu bhith air aoidheachd.
17ʼS nuair thainig sinn do Ierusalem, ghabh na braithrean gu toileach ruinn.
18ʼ S air an ath latha chaidh Pol a stigh comhla ruinn gu Seumas, agus chruinnicheadh na seanairean uile.
19ʼS nuair a chuir e fàilt orra, dhʼ innis e fos leth na nichean a rinn Dia le mhinistreileachd-sa am measg nan cinneach.
20Air dhaibhse so chluinntinn, thug iad gloir do Dhia, us thuirt iad ris: Tha thu faicinn, a bhrathair, a liuthad mile a tha measg nan Iudhach, a chreid, ʼs tha iad uile eudmhor mu ʼn lagh.
21Ach chual iad mu dʼ dheidhinn-sa, gum beil thu teagasg nan Iudhach a tha measg nan cinneach, Maois a threigsinn, a g-radh, nach còir daibh an clann a thimchioll-ghearradh, no imeachd a reir an abhuist.
22Ciod a nis ma ta? gu cinnteach ʼs fheudar an sluagh a thional: oir cluinnidh iad gun tainig thu.
23Dian so ma ta tha sinn a g-radh riut: tha ceathrar dhaoine againn, a tha fo bhòid.
24Thoir iad so leat, us naomhaich thu fhein comhla riu, agus cost orra gus an cinn a bhearradh; us bithidh fios aca uile gur briagan na chual iad umad, ʼs gum beil thu fhein na dʼ imeachd a cumail an lagha.
25Ach a thaobh nan cinneach a chreid, sgriobh sinne, a toirt breth, iad a sheachnadh a mhain nichean a chaidh iobradh do dhʼ iodholan, us fala, us ni tachdte, agus striopachais.
26An sin ghabh Pol na daoine, ʼs air an ath latha, air dha bhith air a ghlanadh maille riu, chaidh e stigh do ʼn teampull, a toirt brath mu choimhlionadh laithean a ghlanaidh, ʼs gus an tairgteadh tobhartas air son gach aon dhiu.
27Ach nuair bha na seachd laithean a tarruinn gu ceann, air do na h-Iudhaich, a bha bho Asia, esan fhaicinn san teampull, ghluais iad an sluagh uile, us chuir iad an laimh e, a g-eigheach:
28Fheara Israil, cuidichibh: so agaibh an duine a tha teagasg dhaoine uile feadh gach aite an aghaidh an t-sluaigh, ʼs an lagh, agus an aite so, ʼsa bharr air sin thug e cinnich a stigh do ʼn teampull, us thruaill e an t-ionad naomh so.
29(Oir bha iad air Trophimus á Ephesus fhaicinn comhla ris sa bhaile, us shaoil leo gun tug Pol e stigh do ʼn teampull.)
30Us bha am baile uile fo bhuaireas, agus ruith an sluagh cuideachd. ʼSa breith air Pol, tharruinn iad a mach as an teampull e: us ghrad-dhuineadh na dorsan.
31ʼS nuair bha mhiann orra a mharbhadh, chaidh innse do ard-cheannard na cuideachda gun robh Ierusalem uile troimh cheile.
32Ruith esan san uair gan ionnsuidh, a toirt leis shaighdearan us cheannardan-ciad. Cho luath ʼsa chunnaic iadsan an t-ard-cheannard ʼs na saighdearan, sgair iad de bhualadh Phoil.
33An sin an t-ard-cheannard a tighinn faisg, rug e air, ʼs dhʼ orduich e a cheangal le dà shlabhruidh; agus dhʼ fharraid e, co am fear a bhʼ ann, agus ciod a rinn e.
34Us ghlaodh cuid aon rud, cuid rud eile feadh an t-sluaigh. ʼS bho nach bʼurrainn da cinnteas fhaighinn leis an iorghuill, dhʼ orduich e a thoirt do ʼn chaisteal.
35ʼS nuair thainig e thun na staidhreach, thachair gun robh e air a ghiulan leis na saighdearan as leth ainneart an t-sluaigh.
36Oir lean domhladas sluaigh, a glaodhaich: Cuir as da.
37ʼS nuair a bha Pol gu bhith air a thoirt a stigh do ʼn chaisteal, thuirt e ris an ard-cheannard: Am faod mi facal a radh riut? Thuirt esan: Am beil Greigis agad?
38Nach tusʼ an t-Eiphiteach, a thog roimh na laithean so buaireas, ʼsa tharruinn a mach do ʼn fhasach ceithir mile fear de mhurtairean?
39Us thuirt Pol ris: Is Iudhach mise á Tarsus ann an Silicia, saor-dhuine de bhaile ro ainmeil. Ach se tha mi guidhe ort, gun leig thu dhomh labhairt ris an t-sluagh.
40ʼS nuair leig e leis, sheas Pol air an staidhre, us smeid e la laimh ris an t-sluagh, ʼs nuair rinneadh samhchair mhor, labhair e riu sa chanan Eabhrach, a g-radh:

Currently Selected:

Gniomhan 21: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in