YouVersion Logo
Search Icon

Gniomhan 10

10
X. CAIB.
Tionndadh Chorneliuis: sealladh Pheadair.
1Agus bha duine araid ann an Cesaréa, dha ʼm bʼ ainm Cornelius, ceannard-ciad na buidhne, ris an abrar Eadailteach,
2Duine crabhach, ʼs duine anns an robh eagal De maille ri thigh uile, a bha toirt moran deirce seachad do ʼn t-sluagh, ʼsa dianamh urnaigh ri Dia gun lasachadh:
3Chunnaic esan gu soilleir ann an sealladh, mun cuairt do ʼn naoitheamh uair de ʼn latha, aingeal De a tighinn ga ionnsuidh, ʼsa g-radh ris: A Chorneliuis.
4Agus ri fhaicinn ghlacadh esan le eagal, us thuirt e: Ciod e, a Thighearna? Us thuirt e ris: Dhʼ eirich tʼ urnaighean ʼs do dheirc suas mar chuimhneachan an lathair Dhe.
5Agus cuir daoine a nis gu Ioppe, us gairm an so Simon àraid, dha ʼn co-ainm Peadar:
6Tha e ʼna aoidh aig Simon araid, fear-cartadh-leathrach, aig a bheil a thigh ri taobh na mara: innsidh esan dhut ciod is còir dhut a dhianamh.
7ʼS nuair a dhʼ fhalbh an t-aingeal a labhair ris, ghairm e dithis de fhir-muinntir a thighe, agus saighdear anns an robh eagal an Tighearna, dhiusan a bha fo ʼriaghladh.
8Agus air dha a chuis uile aithris dhaibh, chuir e iad gu Ioppe.
9ʼS air an ath latha nuair a bha iad a triall air an turus ʼsa tarruinn teann air a bhaile, chaidh Peadar mu ʼn t-siathamh uair do bhraighe an tighe a dhianamh urnaigh.
10ʼSa faireachduinn an acrais, bha toil aige blasad air rudeigin. Ach nuair a bha iadsan a deasachadh, thainig plathadh-inntinn air.
11Agus chunnaic e neamh fosgailte, us seorsa de shaghach a tearnadh mar lionart mhor air a leigeil sios bho neamh gu talamh air a ceithir oisinnean,
12Anns an robh a h-uile seorsa de bheathaichean ceithir-chasach, ʼs de bheistean snàgach an talmhuinn, ʼs de dhʼ eoin an athair.
13Agus thainig guth ga ionnsuidh: Eirich, a Pheadair, marbh, agus ich.
14Ach thuirt Peadar: Gum bu fada bhuam e, a Thighearna: oir cha dʼ ich mi riamh ni coichionta no neo-ghlan.
15ʼSa rithist an darna uair labhair an guth ris: Na ghlan Dia, na gairm thusa coichionta.
16Agus rinneadh so tri uairean; us ghrad-thogadh an saghach suas gu neamh.
17ʼSam feadh a bha Peadar an teagamh ann fhein ciod bu bhrigh do ʼn t-sealladh a chunnaic e, seall, bha na daoine, a chuireadh bho Chornelius, aig an dorus, a faighneachd air son tigh Shimoin.
18ʼS nuair a rinn iad guth, dhʼ fharraid iad an robh Simon, dha ʼn co-ainm Peadar, a fuireach an sin.
19Ach san àm san robh Peadar a smaoineachadh air an t-sealladh, thuirt an Spiorad ris: Seall, tha triuir dhaoine ga dʼ shireadh:
20Eirich ma ta, gabh sios, us falbh comhla riu gun ag air bith: oir is mise a chuir iad air adhart.
21An sin Peadar a dol sios thun nan daoine, thuirt e: Seall, is mise an duine a tha sibh a sireadh: Ciod e an t-aobhar mun tainig sibh?
22Thuirt iad: Fhuair Cornelius, ceannard-ciad, duine ceart agus anns a bheil eagal De, ʼs aig a bheil deagh theisteanas bho chinneadh nan Iudhach uile, rabhadh bho aingeal naomh cur ga tʼ iarraidh gu thigh, agus facail a chluinntinn bhuat.
23An sin gan toirt a stigh, thug e fardach dhaibh. ʼS an ath latha dhʼ eirich e, us dhʼ fhalbh e comhla riu; agus chaidh cuid de na braithrean bho Ioppe maille ris.
24ʼS air an ath latha chaidh e stigh do Chesaréa. Agus bha Cornelius a feitheamh riu, ʼs e air gairm ri cheile a luchd-cinnidh ʼsa chairdean bu dilse.
25Us thachair, nuair bha Peadar a dol a stigh, gun deach Cornelius ʼna choinneamh, ʼsa tuiteam aig a chasan rinn e aoradh.
26Ach thog Peadar suas e, a g-radh: Eirich: is duine mi fhein cuideachd.
27ʼSa comhradh ris, chaidh e stigh, ʼs fhuair e moran a bha air cruinneachadh.
28Us thuirt e riu: Is aithne dhuibh cho graineil ʼsa tha e do dhuine a tha ʼna Iudhach companas a chumail ri coigreach, no tighinn ga ionnsuidh: ach dhʼ fhiach Dia dhomhsa, gun duine air bith a ghairm coichionta no neoghlan.
29Air an aobhar sin thainig mi gun ag air bith, nuair a chuireadh gam shireadh. Uime sin farraideam car-son a chuir sibh gam iarraidh?
30Us thuirt Cornelius: Bho chionn cheithir latha gus an uair so, bha mi aig an naoitheamh uair ri urnaigh na mʼ thigh; agus, seall, sheas duine am lathair an eideadh geal, us thuirt e:
31A Chorneliuis, dhʼ eisdeadh ri tʼ urnaigh, agus chuimhnicheadh do dheirc an lathair Dhe.
32Cuir ma ta gu Ioppe, agus gairm an so Simon, dha ʼn co-ainm Peadar: tha e ʼna aoidh an tigh Shimoin, fear-cartadh-leathrach, aig taobh na mara.
33Uime sin chuir mi gun dàil ga dʼ shireadh; agus is math rinn thu tighinn. A nis ma ta tha sinn uile ad lathair a dhʼ eisdeachd ris a h-uile ni a dhʼ orduicheadh dhut leis an Tighearna.
34An sin dhʼ fhosgail Peadar a bhial, us thuirt e: Gu firinneach tha mi tuigsinn nach eil Dia dianamh leth-bhreth air duine seach duine.
35Ach anns a h-uile cinneadh, tha am fear anns am beil fhiamh, ʼsa tha cur ceartais an gniomh, taitneach leis.#10.35 X., 35. Ach anns a h-uile cinneadh, &c. Se sin ri radh gu bheil, cha n-iad na h-Iudhaich a mhain, ach na cinnich cuideachd, ge bʼ e cinneadh dhe ʼm bi iad, taitneach do Dhia, ma bhios eagal De unnta ʼs gun dian iad ceartas. Ach daonnan tha ri thuigsinn gum feum creideamh firinneach a bhith aca, oir as aonais sin, os N. Pol. Eabhr. 11.6, cha n-urrainnear Dia thoileachadh. Bi air tʼ fhaicill ma ta, an aghaidh mearachd na feadhnach, a thuigeadh bho ʼn fhacal so gum faod luchd-leanmhuinn a h-uile seorsa creidimh bhith taitneach do Dhia. Oir bho nach urrainn ach an aon chreideamh firinneach a bhith bho Dhia, ʼsann a dhʼ fheumas aidmheilean eile uile a bhith bho athair nam briag; agus le sin tur neo-thaitneach do Dhia na firinne.
36Chuir Dia am facal gu cloinn Israil, a searmonachadh sithe tromh Iosa Criosta (is esan Tighearna gach ni).
37Is aithne dhuibh ciod am facal a tha air fhoillseachadh feadh Iudéa uile: oir thòisich e bho Ghalile, an deigh a bhaistidh a shearmonaich Eoin:
38Mar a dhʼ ung Dia Iosa bho Nasareth leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; chaidh esan mun cuairt a dianamh math, ʼsa leigheas gach aon a bha air an sàrachadh leis an deomhan: a chionn bha Dia maille ris.
39Agus tha sinne ʼnar fianuisean air na nichean sin uile, a rinn e ann an duthaich nan Iudhach, agus ann an Ierusalem; esan mharbh iadsan ga chrochadh ri crann.
40Thog Dia e so suas air an treas latha, agus dheonaich e a dhianamh follaiseach,
41Cha n-ann do ʼn t-sluagh uile, ach do dhʼ fhianuisean roimh-orduichte le Dia, dhuinne a dhʼ ich ʼsa dhʼ ol comhla ris an deigh dha eirigh bho na mairbh.
42Us dhʼ àithn e oirnn searmonachadh do ʼn t-sluagh agus fianuis a thoirt, gur esan a bha air orduchadh le Dia gu bhith ʼna bhritheamh air bheo ʼs air mhairbh.
43Air-san tha na faidhean uile toirt teisteanais gum faigh iadsan uile, a tha creidsinn ann, mathanas pheacannan ʼna ainm.
44ʼS nuair a bha Peadar a labhairt nam briathran so, thuirlinn an Spiorad Naomh orrasan uile a bha g-eisdeachd ris an fhacal.
45Agus ghabh creidich an timchioll-ghearraidh a thainig comhla ri Peadar ioghnadh, gun deach grasan an Spioraid Naoimh a dhoirteadh air na cinnich mar an ciadna.
46Oir bha iad gan cluinntinn a labhairt le teanganan, ʼsa toirt ard-urraim do Dhia.
47An sin fhreagair Peadar: An urrainn do dhuine air bith uisge a bhacail, los nach baistear iad so, a fhuair an Spiorad Naomh cho math ruinne?
48Agus dhʼ orduich e am baisteadh an ainm an Tighearna Iosa Criosta. An sin ghuidh iad air gum fuiricheadh e comhla riu beagan laithean.

Currently Selected:

Gniomhan 10: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in