YouVersion Logo
Search Icon

Gniomhan 11

11
XI. CAIB.
Peadar ga dhion fhein air son na cinnich a ghabhail a stigh do ʼn eaglais: thionndaidh moran ann an Antioch.
1Agus chuala na h-ostail ʼs na braithrean, a bha an Iudéa, gun do ghabh na cinnich fhein ri facal De.
2ʼS nuair chaidh Peadar suas gu Ierusalem, rinn an fheadhainn a bha de ʼn timchioll-ghearradh consachadh ris,
3A g-radh: Car-son chaidh thu stigh gu daoine neo-thimchioll-ghearrte, ʼsa dhʼ ith thu comhla riu?
4Ach thòisich Peadar, agus mhinich e dhaibh ann an ordugh, a g-radh:
5Bha mi ann am baile Ioppe ri urnaigh, ʼs ann am plathadh-inntinn chunnaic mi sealladh, saghach araid a tearnadh, mar lionart mhor air a leigeadh a nuas bho neamh air a ceithir oisinnean, us thainig i gu ruig mise.
6A toirt sula innte, ghabh mi beachd, agus chunuaic mi beathaichean ceithir-chasach na talmhuinn, us ainmhidhean, us beistean snàgach, agus eoin an athair.
7Agus chuala mi cuideachd guth a g-radh rium: Eirich, a Pheadair; marbh, agus ith.
8Us thuirt mise: Na dianar leam sin, a Thighearna: oir cha deach aiteal coichionta no neoghlan riamh a stigh air mo bhial.
9Agus fhreagair an guth an darna uair bho neamh: Na ghlan Dia, na gairm thusa coichionta.
10Agus rinneadh so tri uairean; us ghabhadh a rithist an t-iomlan suas gu neamh.
11Agus seall, ʼsa cheart uair thainig triuir dhaoine thun an tighe anns an robh mi, a chuireadh h-ugam á Cesaréa.
12Us thuirt an Spiorad rium, mi dhol comhla riu gun ag air bith. Agus thainig mar an ciadna an t-siathnar bhraithrean so cuide rium, ʼs chaidh sinn a stigh do thigh an duine.
13Agus dhʼ innis e dhuinn mar a chunnaic e aingeal ʼna thigh, ʼna sheasamh ʼsa g-radh ris: Cuir gu Ioppe, agus gairm an so Simon, dha ʼn co-ainm Peadar,
14A labhras riut briathran leis an sabhailear thu fhein agus do thigh uile.
15ʼS nuair a theann mi ri labhairt, thuirlinn an Spiorad Naomh orra, mar oirnn fhein an toiseach.
16Agus chuimhnich mi air facal an Tighearna, mar a thuirt e: Bhaist Eoin gu dearbh le uisge, ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh.
17A nis ma thug Dia dhaibhse na grasan ciadna, a thug e dhuinne, a chreid anns an Tighearna Iosa Criosta, co mise gum bʼ urrainn domh Dia bhacadh?
18Nuair chual iad so, dhʼ fhan iad samhach; ʼs thug iad gloir do Dhia, a g-radh: Mar so thug Dia do na cinnich cuideachd aithreachas gu beatha.
19A nis shiubhail iadsan, a chaidh sgapadh leis a gheur-leanmhuinn a dhʼ eirich as leth Stephain, gu ruig Phenice, us Ciprus, us Antioch, gun am facal a labhairt ach ris na h-Iudhaich a mhain.
20Ach bha daoine araid dhiu bho Chiprus, agus bho Chiréné, a labhair, air dhaibh dol a stigh do dhʼ Antioch, ris na Greigich cuideachd, a searmonachadh an Tighearna Iosa.
21Agus bha lamh an Tighearna leo: us thionndaidh aireamh mhor de chreidich ris an Tighearna.
22Us thainig iomradh air so gu cluasan na h-eaglais a bha ann an Ierusalem; agus chuir iad Barnabas gu ruig Antioch.
23Air dhasan ruigheachd, us grasan De fhaicinn, ghabh e toileachas; agus bhrosnaich e iad uile gus an Tighearna leanail gu buan le run an cridhe.
24Oir bu duine e, a bha math agus lan de ʼn Spiorad Naomh ʼs de chreideamh. Us chuireadh moran sluaigh ris an Tighearna.
25Us chaidh Barnabas gu Tarsus a shireadh Shauil: ʼsan deigh dha fhaighinn, thug e e gu Antioch.
26Us bha iad an conaltradh ris an eaglais sin bliadhna shlan; us theagaisg iad moran sluaigh, air dhoigh ʼs gur h-ann an Antioch a thugadh Criostaidhean mar ainm air na deisciopuil an toiseach.
27Agus anns na laithean sin thainig faidhean bho Ierusalem gu Antioch.
28Us fear dhiu, dha ʼm bʼ ainm Agabus, a g-eirigh suas, dhʼ fhiach e tromh ʼn Spiorad gum biodh gorta mhor air feadh an domhain gu leir, ni a thachair ri linn Chlaudiuis.
29Agus chuir na deisciopuil rompa, gach aon a reir a chomais, cobhair a chur a dhʼ ionnsuidh nam braithrean a bha tamh ann an Iudéa:
30Ni mar an ciadna a rinn iad, ga chur le lamhan Bharnabais us Shauil thun nan seanair.

Currently Selected:

Gniomhan 11: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in