YouVersion Logo
Search Icon

Gniomhan 9

9
IX. CAIB.
Tionndadh agus eud Phoil: Peadar a leigheas Enéais, ʼsa toirt beo Tabitha.
1Agus chaidh Saul, ʼs e fhathast a seideadh bhagradh us casgairt an aghaidh deisciopuil an Tighearna, thun an ard-shagairt,
2Agus dhʼ iarr e litrichean air gu Damascus thun nan sinagog; los, nam faigheadh e firionnaich us boirionnaich de ʼn aidmheil so, gun tugadh e an geimhlean iad do Ierusalem.
3ʼS nuair a bha e air a thurus, thachair gun robh e teannadh air Damascus; us air ball dhealraich solus bho neamh mun cuairt da.
4ʼSa tuiteam air an làr, chual e guth a cantuinn ris: A Shauil, a Shauil, car-son a tha thu dianamh geur-leanmhuinn ormsa?
5Thuirt esan: Co thu, a Thighearna? Us fhreagair e: Is mi Iosa, air a bheil thusa dianamh geur-leanmhuinn. Is cruaidh dhut breabadh an aghaidh a ghatha.
6Thuirt esan, ʼs e air chrith agus fo fhuathas: A Thighearna, ciod is aill leat mi dhianamh?
7Us thuirt an Tighearna ris: Eirich, us falbh a stigh do ʼn bhaile, agus innsear dhut an sin ciod is còir dhut a dhianamh. Us bha na daoine a bha comhla ris ʼnan seasamh lan ioghnaidh, a cluinntinn guth gu dearbh, ach gun duine fhaicinn.
8Agus dhʼ eirich Saul bho ʼn talamh, ʼs ged dhʼ fhosgail a shuilean cha bu leir dha ni. Ach a breith air laimh air, stiuir iadsan e gu Damascus.
9ʼS bha e an sin tri laithean gun fhradharc, agus cha dʼ ith e agus cha dʼ ol.
10A nis bha deisciopul araid ann an Damascus, dha ʼm bʼ ainm Ananias: us thuirt an Tighearna ris ann an sealladh: Ananiais. Us thuirt esan: Seall mi ʼn so, a Thighearna.
11Us thuirt an Tighearna ris: Eirich, us falbh gus an t-straid ris an canar Direach, us iarr ann an tigh Iudais fear ris an abrar Saul bho Tharsus: oir seall, tha e ri urnaigh.
12(Agus chunnaic e fear, Ananias air ainm, a tighinn a stigh, ʼsa cur a lamhan air, los gum faigheadh e a fhradharc.)
13Ach fhreagair Ananias: A Thighearna, chuala mi bho mhoran mu ʼn duine so a mhiad ʼsa rinn e dhʼ olc air do naoimh ann an Ierusalem;
14Agus tha ordugh an so aige bho na h-ard-shagairt air a h-uile h-aon a cheangal, a tha gairm air tʼ ainmse.
15Ach thuirt an Tighearna ris: Falbh: oir is saghach taghte an duine so dhomhsa, gu mʼ ainm a ghiulan air bialaobh chinneach, us righrean, us chlann Israil.
16Oir fiachaidh mise dha cia mor na nichean a dhʼ fheumas e fhulang as leth mʼ ainmse.
17Us dhʼ fhalbh Ananias, agus chaidh e stigh do ʼn tigh; ʼsa leagadh a lamhan air, thuirt e: A bhrathair Shauil, chuir an Tighearna Iosa, a nochd e fhein dhut san rathad air an robh thu tighinn, mise gus thu dhʼ fhaighinn do fhradhairc, ʼsa bhith air do lionadh leis an Spiorad Naomh.
18Agus ghrad-thuit bho shuilean mar gum biodh ann lannan, agus fhuair e fhradharc, ʼsa g-eirigh suas, bhaisteadh e.
19ʼS nuair a ghabh e biadh, fhuair e furtachd. Us bha e beagan laithean comhla ris na deisciopuil, a bha ann an Damascus.
20ʼS air ball shearmonaich e Iosa sna sinagogan, gur e esan Mac Dhe.
21ʼS bha iadsan uile, a chual e fo ioghnadh, ʼsa g-radh: Nach e so esan a bha toirt sgriosa ann an Ierusalem orrasan, a bha gairm air an ainm so, ʼsa thainig an so a dhʼ aona ghnothach gus an tarruinn an geimhlean thun nan ard-shagart?
22Ach ʼsann bu treasa gu mor a chinn Saul, agus chuir e na h-Iudhaich ann an Damascus ʼnam breislich, a comhdach orra gur e so an Criosta.
23Agus air do mhoran laithean a ruith, chuir na h-Iudhaich an comhairle ri cheile gum marbhadh iad e.
24Ach rinneadh am feall-fhalach aithnichte do Shaul. Oir chum iad faire air na geataichean a latha ʼsa dhʼ oidhche, los a bheatha ghabhail.
25Ach na deisciopuil ga thoirt leo san oidhche, ʼs ga chur ann an cliabh, leig iad sios thar a bhalla e.
26ʼS air dha Ierusalem a ruighinn, thug e ionnsuidh air dol an cuideachda nan deisciopul: ach bha sgàth orra uile roimhe, thaobh ʼs nach robh iad a creidsinn gum bu deisciopul e.
27Ach ghabh Barnabas e, us thug e thun nan ostal e; us dhʼ aithris e dhaibh mar a chunnacas leis air an t-slighe an Tighearna, a labhair ris cuideachd, agus mar dhʼ oibrich e gu misneachail ann an Damascus an ainm Iosa.
28Agus bha e dol a stigh ʼsa dol a mach cuide riu ann an Ierusalem, ʼsa g-oibreachadh gu misneachail an ainm an Tighearna.
29Labhair e ris na cinnich cuideachd, agus bha e deaspud ris na Greigich: ach bha iadsan an geall air a mharbhadh.
30Nuair fhuair na braithrean fios air so, thug iad sios e do Chesaréa, agus chuir iad air falbh e gu Tarsus.
31A nis bha sith aig an eaglais air feadh Iudéa uile, us Ghalile, us Shamaria, agus chinn i a g-imeachd an eagal an Tighearna, agus lionadh i le sòlas an Spioraid Naoimh.
32Us thachair, nuair bha Peadar a falbh gan coimhead uile, gun dʼ rainig e na naoimh, a bha tamh an Lidda.
33ʼS fhuair e duine araid an sin, dha ʼm bʼ ainm Enéas, ʼna laidhe air a leabaidh bho chionn ochd bliadhna, air an robh a chrith.
34Us thuirt Peadar ris: Enéais, tha ʼn Tighearna Iosa Criosta ga dʼ leigheas: eirich, us càirich do leaba. Agus dhʼ eirich e san uair.
35Agus chunnaic luchd-comhnuidh Lidda us Sharoin uile e; agus thionndaidh iad ris an Tighearna.
36Agus bha ban-dheisciopul araid ann an Ioppe, dha ʼm bʼ ainm Tabitha, se sin ri radh air eadar-theangachadh Dorcas. Bha i so lan de dheagh oibrichean, ʼs de dheirc a bha i toirt seachad.
37Agus thachair anns na laithean sin, air do thinneas a bualadh, gun do chaochail i. ʼS an deigh dhaibh a nigheadh, chuir iad ann an seomar uachdrach i.
38Agus bho na bha Lidda teann air Ioppe, chuir na deisciopuil, ʼs iad air cluinntinn gun robh Peadar an sin, dithis ga ionnsuidh, a guidhe air: Na dian moille na dʼ thighinn ga ʼr n-ionnsuidh.
39Agus Peadar a g-eirigh, chaidh e comhla riu. ʼS nuair a rainig e, thug iad e gus an seomar uachdrach; agus sheas na bantraichean uile mun cuairt da a gal, ʼsa fiachuinn dha nan cotaichean, ʼs nan deiseachan a rinn Dorcas dhaibh.
40ʼS an deigh an cur uile mach, chaidh Peadar air a ghluinean, agus rinn e urnaigh; ʼsa tionndadh ris a chorp, thuirt e: Thabitha, eirich. Us dhʼ fhosgail i a suilean; ʼsa faicinn Pheadair, dhʼ eirich i ʼna suidhe.
41ʼSa toirt dhi a laimhe, thog e suas i. ʼS air dha na naoimh ʼs na bantraichean a ghairm, liubhair e dhaibh i beo.
42Us rinneadh so follaiseach feadh Ioppe uile; agus chreid moran anns an Tighearna.
43Agus thachair gun dʼ fhuirich e moran laithean ann an Ioppe comhla ri Simon araid, fear-cartadh-leathrach.

Currently Selected:

Gniomhan 9: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in