YouVersion Logo
Search Icon

II. Chorint 8

8
VIII. CAIB.
Tha e gam brosnachadh gu deirc phailt a thional gu cobhair air na daoine bochd an Ierusalem.
1Tha sinn a nis, a bhraithrean, a toirt fios dhuibh air grasan De, a thugadh seachad ann an eaglaisean Mhacedonia:
2Se sin, gun robh an aoibhneas pailt ann am mor dhiachuinn na trioblaide, ʼs gun robh an trom bhochduinn pailt gu beartas an aon-fhillteachd aca:
3Oir a reir an comais (tha mi toirt teisteanais dhaibh), us fos cionn an comais, bha iad deonach,
4A griosad oirnn le cruaidh achanaich an tiodhlaicean a ghabhail, agus roinn a bhith aca dhe ʼn fhrithealadh a thathas a dianamh do na naoimh.
5Agus cha n-ann mar bha duil againn, ach thug iad iad fhein an toiseach do ʼn Tighearna, an sin dhuinne le toil De,
6Ann an rathad ʼs gun dʼ iarr sinn air Titus, bhon is e a thòisich, gun criochnaicheadh e an tobhartas so ʼnur measg.
7Agus mar a tha sibh lan-phailt anns a h-uile ni, an creideamh, ʼs am facal, ʼs an eolas, agus anns a h-uile curam, ʼsa bharrachd air so ʼnur carrantachd dhuinne, mar sin gum bi sibh lan-phailt anns an tobhartas so cuideachd.
8Cha n-eil mi g-radh so mar a toirt orduigh: ach le deothas feadhnach eile a brosnachadh deagh thogradh ur carrantachd.
9Oir is aithne dhuibh grasan ar Tighearna Iosa Criosta, ged a bha e beairteach, gun dʼ fhas e bochd air ur sonsa, gus sibhse a bhith beairteach tromh bhochdainn-san.
10Agus air so tha mi toirt mo chomhairle: oir tha so gu buannachd dhuibhse, a thòisich cha n-e mhain air dianamh, ach air a bhith deonach cuideachd bho chionn bliadhna.
11A nis ma ta coimhlionaibh e ann an gniomh; air chor ʼs mar a tha ur n-inntinn dìan ann an togradh, gum bi i sin cuideachd ann an dianadas a reir ʼs mar a thʼ agaibh.
12Oir ma tha an toil adhartach, bithidh i taitneach a reir na thʼ aice, ʼs cha n-ann a reir an ni nach eil aice.
13Oir cha n-ann gu aotromachadh air feadhainn eile, agus lethtrom a chur oirbhse: ach a reir a cheile.
14San àm so dianadh am pailteas agaibhse suas an t-uireasuidh acasan, los gun dian am pailteas acasan suas an t-uireasuidh agaibhse, gus sibh a bhith a reir a cheile, mar tha e sgriobhte:
15 Esan aig an robh moran, cha robh barrachd aige; us esan aig an robh beagan, cha robh gainne air.
16Ach taing do Dhia, a chuir an curam ciadna as ur lethse an cridhe Thituis,
17Oir ghabh e gu dearbh a chomhairle: ach le bhith na bu churamaiche chaidh e h-ugaibh le thoil fhein.
18Chuir sinn comhla ris cuideachd am brathair, a tha cliuiteach anns an t-soisgeul feadh nan eaglaisean gu leir:
19Us cha so uile, ach dhʼ orduicheadh e leis na h-eaglaisean ʼna chompanach ar turuis air son a mhathais so, a tha air a riarachadh leinne gu gloir an Tighearna, ʼs gus ar beachd suidhichte-ne:
20A seachnadh so, gus nach faigheadh duine air bith coire dhuinn as leth a phailteis, a tha air a riarachadh leinn.
21Oir tha sinn a beachdachadh roimh laimh air na tha math, cha n-ann a mhain an lathair Dhe, ach an lathair dhaoine cuideachd.
22Us chuir sinn cuide riu ar brathair, a dhearbh sinn gu tric a bhith dichiollach ann am moran nichean: ach a nis nas dichiollaiche air fad le a mhor earbsa asaibhse,
23Co-dhiu ʼsann as leth Thituis, a tha ʼna chompanach agamsa agus ʼna fhear-cuideachaidh gu ʼr taobhsa, no as leth ar braithrean, ostail nan eaglaisean, gloir Chriosta.
24Uime sin thugaibh lan-dhearbhadh air ur carrantachd, ʼs air an uaill againne asaibh, dhaibhse an lathair nan eaglaisean.

Currently Selected:

II. Chorint 8: MacETN

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in