II. Chorint 7
7
VII. CAIB.
Gaol an ostail do mhuinntir Chorint: an toileachadh ʼs an uaill a tha e gabhail asda.
1Bhon a tha na gealltanasan so againn ma ta, a chuideachda mo ghraidh, glanamaid sinn fhein bho ʼn h-uile sailche feola agus spioraid, a coimhlionadh naomhachd ann an eagal De.
2Gabhaibh ruinne. Cha do dhochainn sinn duine air bith, cha do thruaill sinn duine air bith, cha do mheall sinn duine air bith.
3Cha n-ann gus ur diteadh a tha mi cantuinn so. Oir thuirt sinn a cheana, gum beil sibh ʼnar cridheachan, gu bàsachadh comhla, no gu bhith beo comhla.
4Is mor mʼ earbsa asaibh, is mor mʼ uaill asaibh, tha mi air mo lionadh le sòlas, tha mʼ aoibhneas ʼnar n-uile thrioblaid pailt thar tomhas.
5Oir nuair thainig sinn gu Macedonia, cha robh fois aig ar feoil, ach dhʼ fhuilig sinn a h-uile trioblaid: cath air an leth-a-mach, eagal air an leth-a-stigh.
6Ach Dia, a tha furtachadh orrasan a tha iriosal, dhʼ fhurtaich e oirnn le tighinn Thituis.
7ʼS cha n-ann le thighinn a mhain, ach leis an toil-inntinn cuideachd leis na thoilicheadh e unnaibhse, a g-innse dhuinn ur deidh, ur bròin, ur n-eud as mo lethse, ann an rathad ʼs gun robh mo shòlas na bu mhua.
8Oir ged a rinn mi brònach sibh le mo litir, cha n-eil aithreachas orm a nis: ged bha aithreachas orm, ʼs mi faicinn gun do chuir an litir sin mulad (ged bu tacan e) oirbh,
9A nis tha aoibhneas orm: cha n-ann gun dʼ rinneadh muladach sibh, ach gun dʼ rinneadh muladach sibh gu aithreachas. Oir rinneadh muladach sibh a reir Dhe, air sheol ʼs nach fuilig sibh dochann bhuainne ann an ni air bith.
10Oir cinnidh an cianalas, a tha a reir Dhe, gu aithreachas steidheil gu sabhaladh: ach cinnidh cianalas an t-saoghail gu bàs.
11Oir, seall, a cheart ni so a rinn muladach sibh a reir Dhe, nach mor an curam tha e g-oibreachadh unnaibh, seadh agus dion, agus doimheadas, agus fiamh, agus déidh, agus eud, agus aicheamhail: anns a h-uile ni dhʼ fhiach sibh sibh fhein neo-thruaillidh sa chuis.
12Uime sin ged a sgriobh mi h-ugaibh, cha n-ann air a shonsan a rinn an t-olc, no air a shonsan a dhʼ fhuilig e, ach a dhʼ fhiachuinn a churaim a thʼ againn dhibh.
13An lathair Dhe: mar sin fhuair sinn furtachd. Ach ʼn ar toil-inntinn, ghabh sinn an ro-bharrachd sòlais á aighear Thituis, a chionn gun robh a spiorad-san air fhurtachadh leibhse uile.
14Agus ma rinn mi uaill sam bith asaibh ris-san, cha nàire dhomh e: ach mar a labhair sinn a h-uile ni ribh ann am firinn, rinneadh mac an ciadna ʼna firinn ar n-uaill asaibh do Thitus.
15Agus tha innibh-san nas ro phailt dhuibhse, ʼs e cuimhneachadh ur n-umhlachd gu leir, ʼs mar a ghabh sibh ris le fiamh agus le ball-chrith.
16Tha mi gabhail toileachaidh gum beil earbsa agam asaibh anns a h-uile ni.
Currently Selected:
II. Chorint 7: MacETN
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017