Bible App logo
Search Icon

Gliocas Sholaimh 9

9
CAIB. IX.
1O Dhé mʼ aithriche, agus a Thighearna na tròcaire, a rinn na h‑uile nithe ledʼ fhocal,
2Agus a dhʼ òrduich do ʼn duine trìd do ghliocais, gu ʼm biodh uachdaranachd aige thairis air na creutairibh a dhealbh thu,
3Agus an talamh a riaghladh a réir ceartais agus fìreantachd, agus breitheanas a chur an gnìomh le cridhe treibhdhireach;
4Tabhair dhomhsa an gliocas, a ta ʼna suidhe ri taobh do rìgh‑chaithreach; agus na diùlt mi o mheasg do chloinne:
5Oir tha mise do sheirbhiseach, agus mac do bhan‑òglaich, ʼnam chreutair dìblidh, agus aig am bheil ùine gheàrr, agus tuilleadh ʼs òga chum breitheanas agus laghanna a thuigsinn.
6Oir dhʼ aindeoin co iomlan ʼsa bhios neach a ʼm measg chloinn nan daoine, gidheadh mar bi do ghliocas‑sa maille ris, cha ghabhar suim sam bith dheth.
7Ròghnaich thusa mi gu bhi ʼnam rìgh dodʼ phobull‑sa, agus ʼnam bhreitheamh dodʼ chuid mhac agus nighean.
8Dhʼ àithn thu dhomh teampull a thogail air do shliabh naomha, agus altair anns aʼ bhaile anns am bheil thu aʼ gabhail còmhnuidh, samhladh do phàilliun naomha, a dhʼ ullaich thu o ʼn toiseach.
9Agus bha gliocas maille riut; aig an robh eòlas air tʼ oibribh, agus a bha a làthair an uair a dhealbh thu an saoghal, agus aig an robh fios air ciod a bha taitneach ʼnadʼ shealladh, agus ceart ʼnadʼ àitheantaibh.
10O cuir a mach i as do nèamhaibh naomha, agus o rìgh‑chaithir do ghlòire, a chum air di a bhi làthair gu ʼn oibrich i maille rium, air chor is gu ʼm bi fios agam ciod a tha taitneach dhuit‑sa.
11Oir tha eòlas agus tuigse aice air na h‑uile nithibh, agus stiùiridh i mi gu stuama ʼnam dheanadas, agus gléidhidh i mi ʼna cumhachd.
12Mar so bithidh mʼ oibre taitneach, agus an sin bheir mi breth fhìrinneach air do phobull, agus bithidh mi airidh air suidhe ann an caithir mʼ athar fein.
13Oir cò e an duine sin aig am bheil eòlas air comhairle Dhé? no cò a ʼs urrainn smuaineachadh ciod i toil an Tighearna?
14Oir tha smuainte dhaoine bàsmhor truagh, agus tha ar n‑innleachdan neo‑chinnteach.
15Oir tha ʼn corp truaillidh aʼ brùthadh sìos an anama, agus tha ʼm pàilliun talmhaidh aʼ sàruchadh na h‑inntinn a ta ʼsmuaineachadh air iomadh nithibh.
16Agus is ann air éigin a bheir sinn tuairmeas cheart mu na nithibh a ta air an talamh, agus is ann le saothair a gheibh sinn a mach na nithe a ta romhainn: ach cò a rannsaich a mach na nithe a ta air nèamh?
17Agus cò a fhuair eòlas air do chomhairle, mar tabhair thu gliocas, agus mar cuir thu do spiorad o ʼn àirde?
18Oir mar so bha na sligheanna aca‑san a bha beò air an talamh air an ath‑leasachadh, agus bha daoine air an teagasg anns na nithibh a ta taitneach dhuit‑sa, agus bha iad air an teàrnadh trìd gliocais.

Currently Selected:

Gliocas Sholaimh 9: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in