Bible App logo
Search Icon

Gliocas Sholaimh 17

17
CAIB. XVII.
1Oir is mòr agus do‑labhairt do bhreitheanais: uime sin chaidh anama neo‑àraichte am mearachd.
2Oir an uair a bha dùil aig daoinibh neo‑fhìrinneach an cinneach naomh a shàrachadh; air doibh a bhi air an druideadh suas nan tighibh fein, ʼnam prìosanaich dorchadais, air an ceangladh le geimhlibh oidhche fhada, luidh iad (an sin) air an druidheadh a mach o ʼn fhreasdal bhithbhuan.
3Oir an uair a bha dùil aca a bhi ʼnan luidh folluichte ʼnam peacannaibh uaigneach, bha iad air an sgapadh fo sgàile dhorch na dì‑chuimhne, air doibh a bhi fo iongantas eagallach, agus fo thrioblaid le seallannaibh (neònach).
4Oir ni mò an robh e comusach do ʼn oisinn a ghléidh iad an cumail o eagal: ach bha fuaimean (mar uisgeachan) aʼ tuiteam sìos, aʼ fuaim mu ʼn cuairt doibh, agus nochd samhlaidhean uamhasach iad fein dhoibh le h‑aghaidhibh dubhach.
5Cha bʼ urrainn cumhachd idir teine solus a thoirt doibh; ni mò an robh e comusach do lasraichibh dealrach nan reult marsuinn chum an oidhche uamhasach sin a shoillseachadh.
6Ach nochdadh dhoibh teine air fhadadh leis fein, ro uamhasach: oir, air doibh a bhi fo eagal mòr, shaoil iad gu ʼn robh na nithe a chunnaic iad ni bu mhiosa na ʼn sealladh nach fhac iad idir.
7A thaobh nithe mealltach nan dubh‑chleas, chuireadh sìos iad, agus thugadh achmhasan le masladh dʼ an uaill a thaobh gliocais.
8Oir, iadsan a gheall uamhasan agus trioblaidean a chur air falbh o ʼn anam euslainteach, bha iad fein tinn le h‑eagal, toilltinneach air gàire a dheanamh riù.
9Oir ged nach do chuir nì uamhasach idir eagal orra; gidheadh, air do gheilt a bhi orra le beathaichibh a chaidh seachad, agus le feadraich nathair,
10Bhàsaich iad le h‑eagal, ag àicheadh gu ʼm fac iad an t‑adhar, nach bʼ urrainn doibh air taobh sam bith a sheachnadh.
11Oir tha aingidheachd, air a dìteadh le a fianuis fein, ro ghealtach, agus air a co‑éigneachadh leis aʼ choguis, tilgidhidh i an còmhnuidh a mach nithe searbha.
12Oir cha ʼn ʼeil nì sam bith ann an eagal ach tréigsinn aʼ chuideachaidh a ta reusan aʼ tairgseadh.
13Agus tha an dòchas o ʼn taobh a stigh, air da a bhi ni ʼs lugha, aʼ meas an aineolais ni ʼs mò nʼ an t‑aobhar trìd an tig àmhghair.
14Ach iadsan, aʼ codal an aoin chodail air an oidhche sin, a bha gun teagamh do‑ghìulanta, agus a thàinig orra a mach á ìochdaraibh ifrinn nach gabh seachnadh,
15Bha iad ann an cuid fo àmhghar le seallannaibh uamhasach, agus ann an cuid aʼ fannachadh, le ʼn cridheachaibh ʼgan tréigsinn; oir thàinig grad eagal orra, ris nach robh dùil.
16Mar so a nis, ge bʼ e air bith a thuit sìos an sin, ghléidheadh gu teann e, air a dhruideadh suas ann am prìosain as eugais chrann iarainn.
17Oir cia achd#17.17 achd aca of them bu thuathanach e, no buachaill, no cosnach anns aʼ mhachair, rinneadh gréim air, agus dhʼ fhuiling e an éigin sin nach gabhadh seachnadh; oir bha iad air an ceangladh air fad le aon slabhraidh dorchadais.
18Cia achd ʼse bhʼ ann gaoth aʼ feudail, no fuaim bhinn eun am measg nan geug farsuinge, no tuiteam taitneach uisge aʼ bras‑ruith,
19No fuaim uamhasach chlach air an tilgheadh sìos, no deann‑ruith, nach robh ri léirsinn, bheathaichean luaineach, no bùirich bheucach fhiadh‑bheathaichean ro àllta, no mactalla aʼ bualadh air ais o na beanntaibh fàsail: thug na nithe sin orra fannachadh le h‑eagal.
20Oir tha ʼn saoghal uile aʼ lasadh le solus soilleir, agus cha do bhacadh aon neach ʼnan saothair.
21Os an ceann‑san nan aonar sgaoileadh oidhche throm, samhladh air an dorchadas sin anns am bi iad an déigh sin: ach fathast bha iad ni bu sheirbhe orra fein na bha an dorchadas.

Currently Selected:

Gliocas Sholaimh 17: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in