Gliocas Sholaimh 16
16
CAIB. XVI.
1Air an aobhar sin le ʼn leithidibh so rinneadh peanas orra gu dligheach, agus le lìonmhorachd do bheathaichibh chlaoidheadh iad.
2An àite aʼ pheanais so, aʼ buntainn gu gràsmhor ridʼ phobull fein, dhʼ ullaich thu air an son lòn air an robh blas neònach, eadhon gearra‑goirt, chum an càil a bheothuchadh:
3Chum na crìche, air doibh a bhi ʼg iarraidh lòin, gu ʼm feudadh iad, a thaobh seallaidh mhì‑thaitnich nam beathaichean a chuireadh nam measg, fuath a thoirt do ʼn nì sin a dhʼ fheumas iad iarraidh; ach dhʼ fheudadh iadsan, aʼ fulang gainne rè ùine bhig, a bhi air an deanamh nan luchd co‑pàirt do ʼn bhlas neònach.
4Oir bha e dligheach, air doibh‑san a bhi ʼgnàthachadh an‑tighearnais gun tigeadh gainne, nach bʼ urrainn doibh a sheachnadh: ach dhoibh‑san a mhàin bu chòir a nochdadh ciamar a bha na nàimhdean aca air an claoidh.
5Oir an uair a thàinig gairge uamhasach bheathaichean orra‑san, agus chaidh iad a dhìth le gathannaibh nan nathair lùbach, cha do mhair do chorruich gu bràth:
6Ach bha iad rè ùine ghoirid fo thrioblaid, chum a bhi air an earaileachadh, air doibh comhar na slàinte a bhi aca, a chur àithne do lagh‑sa ʼnan cuimhne.
7Oir cha robh esan a thionndaidh e fein ris air a theàrnadh leis an nì a chunnaic e, ach leatsa, Slànuighear nan uile.
8Agus anns an nì so thug thu air do nàimhdibh aideachadh, gur tusa a theasairgeas o gach aingidheachd.
9Oir mharbhadh iadsan le teumaibh nam fionnan‑feòir agus nan cuileag, ni mò a dhʼ fhuaireadh leigheas air am beatha: oir bha iad toillteanach a bhi air am peanasachadh le ʼn leithidibh sin.
10Ach air do chuid mhac cha tug eadhon fiacla nan dràgon nimhneach buaidh: oir bha do thròcair do‑ghnàth maille riù, agus shlànuicheadh iad.
11Oir bha iad air am bioradh chum do bhriathra a chuimhneachadh; agus bha iad gu grad air an teàrnadh, a chum, gun tuiteam ann an trom dhì‑chuimhne, gu ʼm feudadh iad a bhi cuimhneachail an còmhnuidh air do mhaitheas.
12Oir cha bʼ e aon chuid luibh no maoth‑phlàsd a dhʼ aisig iad chum slàinte; ach tʼ fhocal‑sa, O Thighearna, a shlànaicheas na h‑uile nithe.
13Oir tha cumhachd beatha agus bàis agadsa: treòraichidh tu chum geata ifrinn, agus bheir thu a nìos a rìs.
14Marbhaidh duine gun teagamh trìd a dhroch rùin fein; agus cha phill an spiorad, an uair a théid e a mach; ni mò a thig an t‑anam a rìs a théid suas.
15Ach cha ʼn ʼeil e comasach do làmh a sheachnadh.
16Oir bha na h‑an‑diadhaidh, a dhʼ àicheadh eòlas ortsa, air an sgiùrsadh le neart do ghàirdein: rinneadh geur‑leanmhuinn orra le h‑uisgibh coimheach, le clochaibh‑meallain agus frasaibh, nach bʼ urrainn doibh a sheachnadh, agus le teine chnàmhadh iad.
17Oir, ged tha e iongantach, bha barrachd neirt aig an teine anns an uisge, a bhàthas na h‑uile nithe; oir cogaidh an saoghal air son nam fìrean.
18Rè ùine bha ʼn lasair air a lùghdachadh, chum nach loisgeadh e suas na beathaichean a chuireadh an aghaidh nan aingidh: ach dhʼ fheudadh iad fein ʼfhaicinn agus a thuigsinn gu ʼn dʼ rinneadh geur‑leanmhuinn orra le breitheanas Dé.
19Aig àm eile loisgidh e ann am meadhon an uisge, os ceann cumhachd an teine, chum gu ʼm milleadh e toraidh na tìre eucoraich.
20An àite sin bheathaich thu do phobull fein le biadh nan aingeal, agus chuir thu dʼ an ionnsuidh aran o nèamh air ullachadh gun an saothair aca‑san, freagarrach chum deagh‑ghean gach duine a thoileachadh, agus aʼ còrdadh ri gach blas.
21Oir chuir do bheathachadh an céill do thaitneas fein dodʼ chloinn, agus aʼ còrdadh ri càil an tì a dhʼ itheas, choimeasg se e fein ri togradh gach duine.
22Ach dhʼ fhuiling sneachd agus eigh#16.22 eigh ‑ deigh ‑ ice an teine, agus cha do leagh iad, chum fios a bhi aca gu ʼn do mhill teine aʼ losgadh anns aʼ chloich‑mheallainn, agus aʼ sradadh anns an uisge, toraidhean nan nàimhdean.
23Ach chaill so a rìs cuimhne eadhon air a neart fein, chum gu ʼm biodh na fìrean air am beathachadh.
24Oir meudaichidh an creutair a ta ʼdeanamh seirbhis duit‑sa, am Fear‑dealbhaidh, a neart fein an aghaidh nan neo‑fhìrean, chum peanas a dheanamh orra, agus lùghdaichidh e a neart chum am buannachd‑san a dhʼ earbas asad‑sa.
25Air an aobhar sin dhʼ atharraicheadh e air gach uile sheòl, agus bha e ùmhal dodʼ ghràs, a bheathaich na h‑uile nithe, a réir tograidh na muinntir a bha feumach:
26Chum gu ʼm biodh fios aig do chloinn‑sa, O Thighearna, dʼ am bheil thu aʼ toirt gràidh, nach e fàs nam meas a bheathaicheas duine; ach gur e tʼ fhocal‑sa e, a ghléidheas iadsan a chuireas an dòchas annad‑sa.
27Oir an nì sin nach do mhilleadh leis an teine, air da a bhi air a bhlàthachadh le beagan do ghath‑gréine, leagh e gu luath air falbh:
28A chum gu ʼm biodh e aithnichte, gu ʼn cùm sinn air ais aʼ ghrian o bhuidheachas a thabhairt dhuit, agus aig an ùr‑mhaidne gu ʼn dean sinn ùrnuigh riut‑sa.
29Oir leaghaidh dòchas na ʼm mì‑thàingeal air falbh mar liath‑reodha aʼ gheamhraidh, agus ruithidh e air falbh mar uisge gun bhuannachd.
Currently Selected:
Gliocas Sholaimh 16: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017