Gliocas Sholaimh 14
14
CAIB. XIV.
1A rìs, air da deasachadh chum seòlaidh, agus chum dol troimh nan tonn atmhor, tha e gairmeadh air aʼ mhìr fiodha, a ta ni ʼs groide nʼ an long a ta ʼga ghiùlan.
2Oir gu cinnteach dhealbh toil na buannachd sin, agus thog am fear‑oibre e le ʼinnleachd fein.
3Ach tha do fhreasdal‑sa, O Athair, ʼga stiùireadh: oir rinn thu slighe anns aʼ chuan, agus ceum tèaruinte anns na tonnaibh;
4Aʼ feuchainn gu ʼn urrainn thu teasairginn o gach cunnart; seadh, ged a rachadh duine dhʼ ionnsuidh aʼ chuain gun eòlas.
5Gidheadh cha ʼn àill leat gu ʼm biodh oibre do ghliocais dìomhain, agus air an aobhar sin tha daoine ag earbsadh am beatha fein ri criomain beaga fiodha, agus aʼ dol troimh na fairge anradhaich ann an luing dhìblidh, tha iad air an teasairginn.
6Oir anns an àm o shean mar an ceudna, an uair a chaidh na famhairean uaibhreach a dhìth, chaidh dòchas an t‑saoghail a theasairginn ann an luing dhìblidh, air a stiùireadh ledʼ làimh, agus dhʼ fhàg e sìol a ghinealaich do gach lìnn.
7Oir is beannaichte am fiodh trìd an tig fìreantachd.
8Ach is mallaichte an nì sin a ta air a dheanamh le làmhaibh, araon an nì fein, agus esan a rinn e: esan, do bhrìgh gu ʼn dʼ rinn se e; agus an nì fein, do bhrìgh, air da a bhi truaillidh, gu ʼn do ghaireadh dia dheth.
9Oir tha ʼn t‑an‑diadhaidh agus an t‑an‑diadhachd aige fein, maraon gràineil do Dhia.
10Oir peanasaichear an nì a rinneadh, maille ris‑san a rinn e.
11Uime sin nithear fiosrachadh eadhon air iodholaibh nan Cinneach; do bhrìgh mar chreutairean Dhé gu ʼn dʼ fhàs iad nan gràinealachd, agus nan ceapaibh‑tuislidh do dhʼ anamaibh dhaoine, agus nan ribe do chosaibh nan amaideach.
12Oir bʼ e dealbhadh nan iodhol toiseach strìopachais spioradail, agus bʼ e am faotuinn a mach truaillidheachd na beatha.
13Oir cha mhò a bha iad ann o ʼn toiseach, ni mò a bhios iad ann gu bràth.
14Oir trìd glòire dhìomhain dhaoine thàinig iad a stigh do ʼn t‑saoghal, agus uime sin thig iad gu h‑aighearr gu crìch.
15Oir chuir athair urram air a leanabh mar dhia, air da a bhi air a chlaoidh roimh ʼn àm le bròn, an uair a rinn e ìomhaigh dhe ʼn leanabh aige air a thoirt gu grad air falbh, agus an sin ʼna dhuine marbh, agus thug e dhoibh‑san a bha fuidh deas‑ghnàthannan agus ìobairtean.
16Mar so, ri h‑ùine, ghléidheadh cleachd an‑diadhaidh, air da a bhi air fàs làidir, mar lagh, agus rinneadh aoradh do ìomhaighibh snaighte le àitheantaibh nan rìgh.
17An tì do nach bʼ urràinn daoine urram a thoirt le ʼn làthaireachd, do bhrìgh gu ʼn robh iad a chòmhnuidh am fad as, ghabh iad aogas a ghnùise fad air falbh, agus rinn iad fìor ìomhaigh rìgh air an do chuir iad urram, chum na crìche, leis an dànachd so aca, gu ʼn deanadh iad miodal ris‑san a bha air falbh, mar gu ʼm biodh e làthair.
18Chuidich mar an ceudna dìchioll iongantach an fhir‑ceàirde chum nan aineolach a chur air an aghaidh gu ʼm barrachd saobh‑chràbhaidh.
19Oir ghnàthaich esan, feudaidh e bhith, air da a bhi deònach neach ann an ùghdarras a thoileachadh, innleachd fein air fad chum an coslas a dheanamh air an t‑seòl a ʼs fearr.
20Agus mar so, air am mealladh le maise ha h‑oibre, ghabh aʼ mhòr chuideachd e a nis mar dhia, dʼ an tugadh urram beagan roimh sin ach a mhàin mar do dhuine.
21Agus bha so ʼna aobhar chum an saoghal a mhealladh: oir aʼ deanamh seirbhis aon chuid do dhʼ àmhghar no do dhʼ aintighearnas, thug daoine do chlochaibh no do chrannaibh an t‑ainm a ta do‑chur an céill.
22Os bàrr, cha robh so ni ʼs leòir doibh, gu ʼn deachaidh iad am mearachd ann an eòlas air Dia; ach, do bhrìgh gun robh iad aʼ teachd beò ann an còmhstrith mhòir an aineolais, thug iad sìth mar ainm air na plàighibh mòra sin.
23Oir an uair a mharbh iad an clann fein ann an ìobairtibh, agus a ghnàthaich iad deas‑ghnàthanna uaigneach, no a rinn iad rùitearachd do riaghailtibh coimheach;
24Cha do ghléidh iad aon chuid beatha no pòsadh nis faide neo‑thruaillidh; ach chuir, an dàrna cuid, aon fhear fear eile gu bàs, air neo chuir e gu bròn e le h‑adhaltranas.
25Air chor is gun do rìoghaich anns na h‑uile dhaoinibh, gu h‑iomlan, fuil, mortadh, gadachd, agus cealg, truaillidheachd, neo‑dhìllseachd, buaireasa, mionnan‑eithich,
26Aʼ cur dheagh dhaoine fo thrioblaid, dì‑chuimhne air deagh ghnìomharaibh, truailleadh anam, caochladh ghnè, aimhreite ann am pòsaibh, adhaltranas, agus neo‑ghloine gun nàire.
27Oir is e a bhi ʼdeanamh aoraidh do iodholaibh, nach ainmichear, toiseach, agus aobhar, agus crìoch, gach uile aingidheachd.
28Oir tha iad aon chuid air boile an uair a tha iad subhach, no tha iad aʼ fàistneachd bhreug, no aʼ teachd beò gu neo‑cheart, no gun suim aʼ toirt mhionnan dhocharach.
29Oir do bhrìgh gu ʼm bheil iad ag earbsadh ri h‑iodholaibh, aig nach ʼeil beatha; ged a mhionnaicheas iad gu breugach, gidheadh cha seall iad air an dochunn.
30Uime sin air son an dà aobhair so nithear gu ceart peanas orra: an dà chuid a chionn nach do smuainich iad gu maith mu Dhia, aʼ toirt an aire do dhʼ iodholaibh; agus mar an ceudna a chionn gu ʼn do mhionnaich iad gu h‑eucorach ann am foill, aʼ deanamh tàir air naomhachd.
31Oir cha ʼn e an cumhachd‑san trìd am bheil iad aʼ mionnachadh; ach is e dìoghaltas ceart nam peacach a pheanasaicheas an còmhnuidh ciont nan daoine mì‑dhiadhaidh.
Currently Selected:
Gliocas Sholaimh 14: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017