Gliocas Sholaimh 15
15
CAIB. XV.
1Ach tha thusa, O Dhé, gràsmhor agus fìor, fad‑fhulangach, agus ann an tròcair ag òrduchadh nan uile nithe.
2Oir ma pheacaicheas sinne, is leatsa sinn, air duinn fios a bhi againn air do chumhachd: ach cha pheacaich sinne, le fios gu ʼm bheil sinn leatsa.
3Oir is fìreantachd iomlan thusa aithneachadh; seadh, is freumh na neo‑bhàsmhorachd eòlas fhaotuinn air do chumhachd.
4Oir ni mò a mheall innleachd aingidh dhaoine sinne, no an ìomhaigh air a breacadh le dathannaibh eugsamhla, saothair neo‑thorail an dathadair;
5Dʼ an toir an sealladh aige amadain gu taobh le bhi ʼmiannachadh ʼna dhéigh, agus mar so tha iad ag iarraidh coslais ìomhaigh marbha, aig nach eil anail sam bith.
6Tha araon iadsan a ta ʼgan deanamh, iadsan a ta ʼgan iarraidh, agus iadsan a ta ʼdeanamh aoraidh dhoibh, ʼnam muinntir a ta ʼgràdhachadh nithe aingidh, agus a ta airidh air a leithid do nithibh a bhi aca chum earbsadh riù.
7Oir tha ʼn criadhadair, aʼ measgadh na crèadha buige, aʼ cumadh gach soitheich le mòran saothaireach air son ar seirbhis; seadh, tha e aʼ deanamh do ʼn aon chreuch araon na soithichean a ta chum gach feuma ceairt, agus mar an ceudna iadsan nach ʼeil; ach air feum gach aoin fa leth se ʼn criadhadair fein is breitheamh.
8Agus aʼ gnàthachadh a shaothaireach gu mì‑gheamnuidh, tha e dhe ʼn aon chriadh aʼ deanamh an dé sin a ta faoin, eadhon esan a rinneadh e fein beagan roimh sin as an talamh, agus a philleas ann an ùine ghoirid chum na talmhainn ceudna, as an tugadh e, an uair a dhʼ iarrar a rìs aʼ bheatha sin a thugadh an iasad dha.
9Gidheadh tha cùram air, cha ʼn e gu ʼm bi mòran saothaireach aige, no gu ʼm bheil a bheatha fein goirid; ach tha e ʼdeanamh strith a thoirt barrachd air òr‑cheardaibh agus air na ceàrdaibh airgid, agus aʼ deanamh dìchill air luchd‑oibre an umha a shamhlachadh, agus tha e ʼga mheas mar ghlòir nithe meallta a dheanamh.
10Is luaithre a chridhe, is suaraiche a dhòchas nʼ an duslach, agus tha a bheatha ni ʼs lugha ann an luach na creadh;
11Do bhrìgh is nach bʼ aithne dha an Tì a rinn e, agus esan a dheachd e le h‑anam deanadach, agus a shéid spiorad beò a stigh ann.
12Dhʼ amhairc iad air ar beatha mar fhearas‑cuideachd, agus air ar n‑aimsire an so mar mhargadh air son buannachd: oir, deir iad, feumaidh sinn gach slighe fhaotuinn, ged bhiodh e le droch mheadhonaibh.
13Oir an duine so, a ta ʼdeanamh shoithichean breòite do stuth talmhaidh, agus ìomhaighean snaighte, tha deagh fhios aige gu ʼm bheil e ciontach os ceann chàich air fad.
14Agus tha uile nàimhdean do shluaigh, aig am bheil iad fo smachd, ro amaideach, agus ni ʼs truaighe na na leanabana fein.
15Oir mheas iad uile iodhola nan cinneach mar dhiathan; aig nach ʼeil aon chuid feum nan sùl a dhʼ fhaicinn, no sròin a tharruing na h‑analach, no cluasan a chlùinntinn, no meòir nan làmh a làimhseachadh; agus a thaobh an cos tha iad mall chum imeachd.
16Oir rinn duine iad, agus dhealbh esan iad a ghabh a spiorad fein an iasad; ach cha ʼn urrainn duine sam bith dia a dheanamh cosmhuil ris fein.
17Oir air da a bhi bàsmhor, tha e ag oibreachadh an nì sin a ta marbh le làmhaibh aingidh: oir is fearr e fein no na nithe dʼ am bheil e aʼ deanamh aoraidh: do bhrìgh gu ʼm bheil esan aon uair beò, ach cha robh iadsan riamh beò.
18Seadh, rinn iad mar an ceudna aoradh do na beathaichibh sin a ta ro ghràineil: oir, air doibh a bhi air an samhlachadh rʼ a chéile, tha cuid ni ʼs miosa na chéile.
19Ni mò am bheil iad maiseach, air chor is gu ʼm biodh iad rʼ an iarraidh mar bheathaichean: ach chaidh iad a ʼs eugais cliù agus beannachd Dhé.
Currently Selected:
Gliocas Sholaimh 15: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017