Gliocas Sholaimh 13
13
CAIB. XIII.
1Gu cinnteach is dìomhain na h‑uile dhaoine do thaobh nàdair, a ta aineolach air Dia, agus nach bʼ urrainn eòlas fhaotuinn airsan a ta ann, as na nithibh a ta faicinneach: ni mò an dʼ aidich iad am fear‑oibre, le bhi ʼtoirt nan obair fanear;
2Ach mheas iad aon chuid teine, no gaoth, no ʼn t‑adhar luaineach, no cuairt nan reult, no ʼn t‑uisge ànradhach, no soluis nèimhe, a bhi ʼnan diathaibh a ta ʼriaghladh an t‑saoghail.
3Ma ghabh siad iad gu bhi ʼnan diathaibh, air doibh a bhi toillichte le ʼm maise; biodh fios aca cia mòr ni ʼs fearr a ta an Dia aca: oir is e ceud ùghdar na maise a dhealbh iad.
4Ach ma bha iongantas orra air son an cumhachd agus an éifeachd, tuigeadh iad leò sin, cia mòr a ʼs cumhachdaichʼ a ta esan a rinn iad.
5Oir le mòrachd agus maise nan nithe a chruthaicheadh, chithear a réir sin an Tì a rinn iad.
6Ach air son so gidheadh tha iad ni ʼs lugha gu bhi air an coireachadh: oir tha iad feudaidh e bhith, aʼ tuiteam ann am mearachd, ag iarraidh Dhé, agus deònach air ʼfhaotuinn.
7Oir air doibh eòlas a bhi aca air ʼoibribh, tha iad gu cùramach ʼga rannsachadh a mach, agus aʼ creidsinn an seallaidh fein; do bhrìgh gu ʼm bheil na nithe a chithear maiseach.
8Gidheadh ni ʼs mò am bheil iad chum maitheanas fhaotuinn.
9Oir nʼ am bʼ urrainn doibh uiread eòlas a bhi aca, ʼs gu ʼn robh e ʼnan comas tuairmeas a thoirt air an t‑saoghal; cʼ arson nach dʼ fhuair iad ni ʼs luaithe a mach a Thighearna?
10Ach tha iad truagh, agus tha an dòchas‑san ann an nithibh marbha, a ghairm diathan diubh‑san is iad oibre làmh dhaoine, òr agus airgiod, anns an nochdar innleachd, agus coslais bheathaichean, no clach gun fheum, obair seann làimh.
11A nis, saor a leagas fiodh, an déigh dha craobh a ghearradh sìos freagarrach air son na cùise, agus aʼ chairt a rùsgadh dhith gu h‑innleachdach mu ʼn cuairt, agus a h‑oibreachadh gu h‑eireachdail, agus soitheach a dheanamh dhi freagarrach air son feuma beatha an duine;
12Agus air da spruilleach na h‑oibre aige a chaitheadh chum a lòn a dheasachadh, shàsuich se e fein;
13Agus air gabhail an fhuighlich dha am measg nan nithe gun fheum, air da a bhi ʼna mhìr cròm fiodha, agus làn shnaimean, gheàrr e gu h‑innleachdach e, an uair nach robh nì eile aige rʼ a dheanamh, agus dhealbh se e le seòltachd a thuigse, agus chùm se e ʼna ìomhaigh duine;
14No rinn se e cosmhuil ri béist ghràineil eigin, ʼga chòmhdachadh thairis le corcur agus le dath, aʼ cur dreach dearg air, agus aʼ folluchadh gach smal a ta air;
15Agus an uair a rinn e àite freagarrach air a shon, chàruich se ann am balla e, agus theannaich e le h‑iaruinn e:
16Oir dheasaich se e chum nach tuiteadh e, air da fios a bhi aige nach bu chomas da e fein a chuideachadh; oir is ìomhaigh e, aig am bheil feum air còmhnadh.
17An sin nì e ùrnuigh air son a chodach, air son a mhnà agus a chloinne, agus cha ʼn ʼeil nàire air labhairt ris an nì sin aig nach ʼeil beatha.
18Tha e ʼgairm air son slàinte, air an nì sin a ta dìblidh: tha e ʼdeanamh ùrnuigh air son beatha, ris an nì sìn a ta marbh: tha e ag iarraidh gu h‑iriosal air son cuideachaidh, air an nì sin aig am bheil an comas a ʼs lugha chum cuideachadh a dheanamh: agus air son deagh thurais, tha e ʼguidhe air an nì sin nach urrainn cas a chur roimhe:
19Agus air son buannachd agus faotuinn, agus air son deagh shaoirbheis a làmh, tha e ʼg iarraidh comais oibreachaidh airsan a ʼs lugha aig am bheil do chumhachd chum nì sam bith a dheanamh.
Currently Selected:
Gliocas Sholaimh 13: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017