Gliocas Sholaimh 12
12
CAIB. XII.
1Oir tha do Spiorad neo‑thruaillidh anns na h‑uile nithibh:
2Uime sin tha thusa aʼ smachdachadh aʼ chuid ʼsa chuid na dream a ta ciontachadh, agus aʼ toirt rabhaidh dhoibh le bhi ʼtoirt gu ʼn cuimhne nan nithe anns an do chiontaich iad, chum air doibh an aingidheachd a thréigsinn, gu ʼn creid iad, O Thighearna, annad‑sa.
3Oir bʼ i do thoil‑sa sgrios a dheanamh, le làmhaibh ar n‑aithriche, araon air seann luchd‑àiteachaidh do thìre naoimh,
4Dʼ an robh fuath agad air son a bhi ʼdeanamh oibre ro oillteil dhruidheachdan, agus dhroch ìobairtean:
5Agus mar an ceudna air luchd‑mortaidh neo‑thròcaireach na cloinne, agus air luchd‑ithidh feòla dhaoine, agus chuirmean fola,
6Le ʼn sagartaibh a mach á meadhon an cuideachd iodhol‑aorach, agus air na pàrantaibh a mharbh le ʼn làmhaibh fein anaman aig nach robh cuideachadh:
7A chum gu ʼm faigheadh am fearann, air am bheil meas agad thar gach fearainn eile, luchd‑àiteachaidh measail do chloinn Dhé.
8Gidheadh chuir thu conn‑speacha eadhon orra‑san a chaomhain thu mar dhaoine, air thoiseach air an fheachd agad, chum an sgrios aʼ chuid ʼsa chuid.
9Cha ʼn e nach robh cumhachd agad na daoine mì‑dhiadhaidh a thoirt fo làimh nam fìrean anns aʼ chatha, no am milleadh air ball le beathaichibh garga, no le aon ghuth fiadhaich:
10Ach aʼ toirt breitheanais orra a lìon cuid is cuid, thug thu comas aithreachais doibh, cha ʼn ann gun fhios agad gun robh iad nan ginealach aingidh, agus gu ʼn do thàrmaicheadh am mì‑rùin fein annta, agus nach atharraicheadh an smuainte gu bràth.
11Oir bu shìol mallaichte o ʼn toiseach e; ni mò a thug thusa, air eagal duine sam bith, maitheanas doibh a thaobh nan nithe anns an do pheacaich iad.
12Oir cò a their, Ciod a rinn thu? no cò a sheasas an aghaidh do bhreitheanais? no cò a nì casaid ʼnadʼ aghaidh air son nan cinneach a théid a dhìth, a rinneadh leatsa? no cò a thig gu seasamh ʼnadʼ aghaidh, chum dìoghaltas a dheanamh air son nan neo‑fhìrean?
13Oir ni mò am bheil Dia ann ach thusa, air am bheil cùram nan uile, dʼ am feudadh tu fheuchainn nach ʼeil do bhreitheanas mì‑cheart.
14Ni mò am bi comas aig rìgh no aig an‑tighearna chum cur ʼnadʼ aghaidh a thaobh neach sam bith air an dʼ rinn thu peanas.
15Air aʼ mheud is gu ʼm bheil thusa fein fìrinneach, tha thu ʼg òrduchadh nan uile nithe gu ceart: air duit a bhi ʼsmuaineachadh nach ʼeil e taitneach dodʼ chumhachd esan a dhìteadh nach robh toilltinneach air peanas.
16Oir is toiseach fìreantachd do chumhachd; agus do bhrìgh gur tusa Tighearna nan uile, bheir e ort a bhi gràsmhor do na h‑uile.
17Oir an uair nach creid daoine gu ʼm bheil do chumhachd iomlan, nochdaidh tu do neart; agus ʼnam measg‑san aig am bheil fios air, nì thusa an dànachd follaiseach.
18Ach bheir thusa, aʼ riaghladh do chumhachd, breith le ceartas, agus òrduichidh tu sinn le mòr chaoimhneas: oir feudaidh tusa cumhachd a gnàthachadh an uair is àill leat.
19Oir le a leithid sin do dhʼ oibribh theagaisg thu do shluagh fein, gu ʼm bu chòir do ʼn duine ionraic a bhi tròcaireach, agus thug thu air do chloinn a bhi fo dheagh dhòchas gu ʼm bheil thu aʼ toirt maitheanais peacaidh.
20Oir ma rinn thu peanas air nàimhdibh do chloinne fein, agus orra‑san a dhìteadh gu bàs, le uiread do chùraim, aʼ tabhairt dhoibh ùine agus àite, trìd am feudadh iad a bhi air an saoradh o ʼm mì‑rùn fein;
21Cia mòr am faiceall leis an tug thu breith air do chuid mhac fein, dʼ an do mhionnaich thu dʼ an aithrichibh, agus an dʼ rinn thu cùmhnanta air deagh gheallannaibh?
22Uime sin, do bhrìgh gu ʼm bheil thu ʼgar smachdachadh, tha thu aʼ sgiùrsadh ar nàimhdean mìle uair ni ʼs mò, a chum, an uair a bheir sinn breith, gu ʼm bu chòir duinn smuaineachadh gu cùramach air do mhaitheas, agus an uair a bheirear breith oirnn fein, gu ʼm bu chòir duinn sealltuinn air son tròcaire.
23Air an aobhar sin, do bhrìgh gu ʼn tàinig daoine beò gu mì‑stuama agus gu h‑eucoireach, bhuair thu iad le ʼn truaillidheachdan fein.
24Oir chaidh iad fad air seacharan air slighibh na mearachd, agus mheas iad mar dhiathan, iadsan air an dʼ rinneadh tàir am measg bheathaichean an nàimhdean, air doibh a bhi air am mealladh mar chlann gun tuigse.
25Uime sin chuir thu breitheanas dʼ an ionnsuidh‑san a dheanamh fochaid orra, mar dhʼ ionnsuidh chloinne a ʼs eugais reusoin.
26Ach iadsan nach biodh air an ath‑leasachadh leis an smachdachadh sin, leis an dʼ rinn e beadradh riù, fairichidh iad breitheanas airidh air Dia.
27Oir, feuch, a thaobh nan nithe air an dʼ rinn iad talach an uair a rinneadh peanas orra, ʼse sin, air an son‑san a smuainich iad a bhi ʼnan diathaibh; (a nis) air dhoibh a bhi air am peanasachadh leò, an uair a chunnaic iad e, dhʼ aidich iad esan mar an Dia fìor, a dhiùlt iad roimh sin aithneachadh; agus uime sin thàinig dìteadh ro mhòr orra.
Currently Selected:
Gliocas Sholaimh 12: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017