Gliocas Sholaimh 10
10
CAIB. X.
1Ghléidh ise athair na talmhainn a dhealbhadh an toiseach leis fein, agus thug i a mach o ʼn tuiteam aige,
2Agus thug i cumhachd dha nithe a riaghladh.
3Ach an uair a theich an neo‑fhìrean air falbh uaipe ʼna chorruich, chaidh esan mar an ceudna a dhìth anns an fhéirg trìd an do mhort e a bhràthair.
4Air sgàth an do theasairg gliocas an saoghal a bhàthadh leis an dìlinn, agus an do stiùir i cùrsa an fhirein ann am mìr fiodha do bheag luach.
5Os bàrr, air do na cinnich a bhi air an claoidh ʼnan ceannairc aingidh, fhuair i am fìrean a mach, agus ghléidh i neo‑lochdach do Dhia e, agus chùm i làidir e an aghaidh a chaomh‑thruais a thaobh a mhic fein.
6An uair a chaidh na daoine an‑diadhaidh a dhìth, shaor i am fìrean, a theich o ʼn teine a thuit sìos air na cùig bailtibh:
7Tha ʼm fearann fàs, dhe ʼm bheil deatach, aʼ togail fianuis air an aingidheachd aca, eadhon gu ruig an là an diugh, agus luibheanna aʼ giùlan toraidh, nach tig a chaoidh gu bhi abuich: agus tha carradh seasmhach salainn ʼna cuimhneachan air anam mì‑chreideach.
8Oir gun suim aca do ghliocas, fhuair iad cha ʼn e mhàin an dochunn so, chum nach robh fios aca air na nithibh a bha maith, ach mar an ceudna dhʼ fhàg iad ʼnan déigh cuimhneachan do ʼn t‑saoghal air an amaideachd fein: air chor is nach bʼ urrainn doibh eadhon a bhi air am foluchadh a thaobh nan nithe anns an do chiontaich iad.
9Ach shaor gliocas o àmhghar iadsan a fhritheal oirre.
10An uair a theich am fìrean o chorruich a bhràthar, stiùir i e ann an slighibh ceart, nochd i dha rìoghachd Dhé, agus thug i eòlas da air nithibh diadhaidh, rinn i saibhir e ʼna thurasaibh, agus chuir i ann an lìonmhorachd toradh a shaoithreach.
11Sheas i làimh ris ann an sannt aʼ leithid ʼsa shàruich e, agus rinn i beartach e.
12Dhìon i o a nàimhdibh e, agus chùm i tèaruinte e uathsan a bha ri feall‑fholuch; agus ann an còmhstrith shearbh thug i buaidh dha; chum fios a bhi aige gu ʼm bheil diadhachd ni ʼs treasa na na h‑uile.
13An uair a reiceadh am fìrean, cha do thréig i e, ach shaor i o ʼn pheacadh e: chaidh i sìos maille ris chum an t‑sluic,
14Agus cha dʼ fhàg i ann an cuibhreachaibh e, gus an tug i slat‑rìoghail na rìoghachd dha, agus cumhachd nan aghaidh‑san a shàruich e: air an son‑san a rinn casaid ʼna aghaidh, nochd i iad a bhi ʼnam breugairibh, agus thug i glòir bithbhuan dha.
15Shaor i an sluagh ionraic agus an sìol neo‑chiontach o ʼn chinneach a shàruich iad.
16Chaidh i a steach do dhʼ anam seirbhisich an Tighearna, agus sheas i an aghaidh rìghre uamhasach ann am mìorbhuilibh agus comharraibh;
17Thug i do na fìreanaibh duais an saoithreach, stiùir i iad air slighe mhìorbhuilich, agus bha i mar chòmhdach dhoibh air an là, agus mar sholus reulta ʼn àm na h‑oidhche;
18Thug i trìd na Mara Ruaidh iad, agus threòraich i iad tre mhòrain uisge.
19Ach bhàth i an nàimhdean, agus thilg i suas iad o ghrùnnd na doimhne.
20Uime sin mhill na fìreana na neo‑fhìreana, agus mhol iad tʼ ainm naomh‑sa, O Thighearna, agus dhʼ àrdaich iad a dhʼ aon inntinn do làmh, a chathaich air an son.
21Oir dhʼ fhosgail gliocas beul nam balbh, agus rinn i deas‑bhriathrach teanganna na muinntir nach urrainn labhairt.
Currently Selected:
Gliocas Sholaimh 10: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017