Gliocas Sholaimh 11
11
CAIB. XI.
1Shoirbhich i le ʼn oibribh ann an làimh an fhàidh naoimh.
2Chaidh iad trìd an fhàsaich nach robh air àiteachadh, agus shuidhich iad am pàilliuna ann an ionadaibh far nach robh slighe sam bith.
3Sheas iad an aghaidh an nàimhdean, agus rinn iad dìoghaltas air an eascairdibh,
4An uair a bha tart orra ghairm iad ortsa, agus thugadh uisge dhoibh as aʼ charraig chruaidhe, agus chaidh an tart a chosgadh as aʼ chloich chruaidhe.
5Oir na nithe leis an dʼ rinneadh peanas air an nàimhdibh, leis na nithibh ceudna rinneadh maith dhoibh‑san ʼnam feum.
6Oir an àite tobair aibhne aʼ sìr‑ruith air a truailleadh le fuil shalaich,
7Mar achmhasan soilleir do ʼn àithne trìd an do chuireadh na leanabana gu bàs, thug thusa pailteas uisge dhoibh air sheòl nach robh dùil aca:
8Aʼ cur an céill leis an tart sin, ciamar a rinn thu peanas air an eascairdibh.
9Oir an uair a dhʼ fheuchadh iad, gidheadh ach ann an tròcair smachdaicheadh iad, bha fios aca ciamar a thugadh breith air na daoinibh an‑diadhaidh ann am feirg, agus a chlaoidheadh iad, fo thart air sheòl nach robh na fìreana.
10Oir iadsan dhʼ earalaich agus dhʼ fheuch thu, mar athair; ach aʼ chuid eile dhìt agus pheanasaich thu, mar rìgh searbh.
11Cia achd a bha iad air falbh noʼ làthair bha iad maraon air an claoidh.
12Oir thàinig bròn dà‑fhillte orra, agus osnaich, aʼ cuimhneachadh nan nithe a dhʼ fhalbh.
13Oir an uair a chual iad aʼ chuid eile a bhi ʼfaotuinn buannachd le ʼm peanasaibh fein, bha gnè mhothuchaidh aca thaobh an Tighearna,
14Oir esan a thilg iad a mach le tàir, an uair a bha e fad roimh sin air a chur a mach aig tilgeadh nan leanaban a muigh, airsan bha mòr‑mheas aca aig aʼ chrìch, an uair a thug iad fanear na nithe a thachair.
15Ach air son innleachdan amaideach an aingidheachd, leis an robh iad air am mealladh chum gu ʼn dʼ rinn iad aoradh do nathairichibh a bha dhʼ easbhuidh reusoin, agus do bheathaichibh truaillidh, chuir thusa àireamh mhòir do bhéistibh gun tuigse dʼ an ionnsuidh air son dìoghaltais;
16A chum fios a bhi aca, ge bʼ e ciod leis am peacaich duine, leis an nì ceudna uime sin gu ʼn deanar peanas air.
17Oir cha robh meadhona a dhìth air do làimh uile‑chumhachdaich, a dhealbh an saoghal do stuth gun chumadh, a chur nam measg lìonmhorachd do mhath‑ghamhna agus do leòmhnaibh garga,
18No do fhiadh‑bheathaichibh neo‑aithnichte, làn feirge, air an ùr‑dhealbhadh, aʼ séideadh a mach aon chuid toit theinntich, no fàilean salach deataich sgaoilte, no aʼ tilgeadh sradan uamhasach a mach as an sùilibh;
19Leis am feudadh cha ʼn e mhàin an dochunn aca an cuir air ball a dhìth, ach mar an ceudna iad a bhi gu tur air am milleadh leis an t‑sealladh eagallach.
20Seadh, agus as an eugais sin dhʼ fheudadh iad tuiteam sìos le aon séide, air doibh a bhi air an ruagadh le dìoghaltas, agus air an sgapadh a mach le h‑anail do chumhachd: ach shònraich thusa na h‑uile nithe ann an tomhas, agus àireamh, agus cudthrom.
21Oir is urrainn thusa do mhòr‑neart fhoillseachadh aig gach àm an uair is àill leat; agus cò a ʼs urrainn seasamh an aghaidh cumhachd do làimh‑sa?
22Oir tha ʼn saoghal uile ʼnadʼ làthair mar dhus beag na slige‑tomhais, seadh, mar shileig do dhrùchd na maidne a thuiteas air an talamh.
23Ach nì thu tròcair air na h‑uile; oir is urrainn thu na h‑uile nithe a dheanamh, agus smèididh tu air peacannaibh dhaoine, do bhrìgh gu ʼm bu chòir doibh ath‑leasachadh a dheanamh.
24Oir tha spéis agad do na nithibh a ta ann, agus cha ʼn ʼeil fuath agad do nì sam bith a rinn thu; oir gu bràth cha dheanadh tu nì sam bith, ʼnam biodh fuath agad dha.
25Agus ciamar a mhaireadh nì sam bith, mar biodh e a réir do thoil fein? no air a ghléidheadh, mar biodh e air a ghairm leat fein?
26Tha thusa gidheadh aʼ caomhnadh nan uile: oir is leatsa iad, O Thighearna, thusa a ta gràdhachadh nan anam.
Currently Selected:
Gliocas Sholaimh 11: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017