Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 9

9
CAIB. IX.
1Na bi fo éud ri mnaoi tʼ uchda fein, agus na teagaisg dhi droch nì ʼnad aghaidh fein.
2Na toir tʼ anam do mhnaoi, chum gu ʼn cuir i a cas air do chuid.
3Na còmhlaich ri strìopaich, air eagal gu ʼn tuit thu ʼna lìontaibh.
4Na cùm mòr chomuinn ri mnaoi a ta na ban‑òranaich, air eagal gu ʼn glacar thu na h‑innleachdaibh.
5Na seall air maighdinn, air eagal gu ʼn tuit thu leis na nithibh sin a ta luachmhor innte.
6Na toir tʼ anam do strìopachaibh, air eagal gu ʼn caill thu tʼ oighreachd fein.
7Na seall mu ʼn cuairt duit air sràidibh aʼ bhaile, ni mò a théid thu air chuairt ʼna ionadaibh aonaranach.
8Tilg do shùil air falbh o bhoirionnach maiseach, agus na seall air maise neach eile; oir chaidh mòran a mhealladh le maise boirionnaich; oir le so tha gràdh air fhadadh mar theine.
9Na dean suidh idir maille ri mnaoi fir eile, agus na suidh sìos leatha ʼnadʼ ghàirdeanaibh, agus na cosd tʼ airgiod maille rithe aig an fhìona; air eagal gu ʼn aom do chridhe dʼ a h‑ionnsuidh, agus mar so gu ʼn tuit thu trìd do mhiann chum sgrios.
10Na tréig seann charaid; oir cha ʼn ʼeil an caraid nuadh gu bhi air a shamhlachadh ris: tha caraid nuadh mar fhìon nuadh; an uair a bhios e aosda òlaidh tu le tlachd e.
11Na biodh farmad ort ri glòir peacaich: oir cha ʼn aithne dhuit ciod is crìoch da.
12Na biodh toilinntinn agad anns an nì sin dʼ am bheil tlachd aig na daoinibh mì‑dhiadhaidh; ach cuimhnich nach téid iad do ʼn uaigh gun pheanas.
13Cùm fad as o ʼn duine aig am bheil cumhachd cur gu bàs; mar so cha bhi teagamh agad mu eagal aʼ bhàis: agus ma thig thu dʼ a ionnsuidh, na faigh cron sam bith, air eagal gu ʼn toir e air ball do bheatha air falbh; cuimhnich gu ʼm bheil thu aʼ gluasad am measg ribeachan, agus gu ʼm bheil thu ʼgluasad air barr‑bhallaibh aʼ bhaile.
14Aʼ mheud ʼsa ta ʼnadʼ chomas, thoir tuairmeis air do choimhearsnach, agus cùm comhairle ri daoinibh glice.
15Biodh do chòmhradh maille ris na daoinibh glice, agus do cho‑labhairt gu léir ann an lagh an Tì a ʼs Airde.
16Itheadh agus òladh daoine treibhdhireach maille riut; agus biodh do ghlòir ann an eagal an Tighearna.
17Bithidh an obair air a h‑earbadh ri làimh an fhir‑ceàirde; agus molar riaghlair glice an t‑sluaigh air son a chòmhraidh.
18Tha fear na droch teanga cunnartach ʼna bhaile fein; agus bheirear fuath dhàsan a ta bras ʼna labhairt.

Currently Selected:

Ecclesiasticus 9: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in