Ecclesiasticus 10
10
CAIB. X.
1Teagaisgidh breitheamh glic a shluagh fein; agus tha uachdaranachd duine tuigseach air a socrachadh gu ceart.
2Mar a ta breitheamh an t‑sluaigh e fein, mar sin tha na h‑oifigich aige; agus ge bʼ e ciod e riaghlair aʼ bhaile, mar sin tha iadsan a ta chòmhnuidh ann.
3Millidh rìgh amaideach a shluagh fein; ach trìd gliocais na muinntir aig am bheil ùghdarras àitichear am baile.
4Tha cumhachd na talmhainn ann an làimh an Tighearna, agus ann an àm iomchuidh cuiridh e os a cheann aon a ta chum buannachd.
5Tha soirbheas an duine ann an làimh an Tighearna; agus air pearsadh an sgrìobhaiche leagaidh e urram fein.
6Na biodh fuath agad dodʼ choimhearsnach air son gach lochd; agus na dean nì sam bith le cleachdannaibh millteach.
7Tha uabhar gràineil an làthair Dhé agus dhuine; agus leò‑san le chéile nì neach aingidheachd.
8A thaobh ghnothuichean eucorach, lochdan, agus saibhreis air fhaotuinn le ceilg, tha ʼn rìoghachd air a toirt o aon sluagh gu sluagh eile.
9Cʼ arson a ta duslach agus luaithre uaibhreach? Cha ʼn ʼeil nì ann ni ʼs miosa na duine sanntach: oir tha a leithid sin do dhuine aʼ reiceadh anama fein; do bhrìgh, am feadh a ta e beò, tha e aʼ tilgeadh innigh fein air falbh.
10Tha ʼn leigh aʼ gearradh as na h‑euslaint fhadalaich; agus esan a ta an diugh ʼna rìgh bàsaichidh e am màireach.
11Oir an uair a gheibh duine bàs, sealbhaichidh e nithe snàigeach, béistean, agus cnuimheagan.
12Is e toiseach uabhair an uair a theicheas duine o Dhia, agus an uair a ta a chridhe air a thionndadh air falbh o Chruithear fein.
13Oir is toiseach peacaidh uabhar, agus taomaidh esan aig am bheil e, a mach gràineileachd; agus air an aobhar sin thug an Tighearna truaighean coimheach orra, agus thilg e bun os ceann iad gu h‑iomlan.
14Thilg an Tighearna sìos rìgh‑chaithrichean phrionnsan uaibhreach, agus chuir e suas na daoine macanta ʼnan àite.
15Spìon an Tighearna suas freumha nan cinneach uaibhreach, agus shuidhich e na daoine iriosal nan àite.
16Thilg an Tighearna sìos dùchanna nan cinneach, agus mhill se iad gu ruig bunaite na talmhainn.
17Thug e cuid dhiubh air falbh, agus mhill se iad, agus thug e an cuimhneachan air falbh o ʼn talamh.
18Cha dʼ rinneadh uabhar air son dhaoine, no dian‑chorruich air an son‑san a rugadh le mnai.
19Is sìol cinnteach iadsan air am bheil eagal an Tighearna, agus is luibh urramach iadsan aig am bheil gràdh dha; is sìol eas‑urramach iadsan aig nach eil suim do ʼn lagh; is sìol mealltach iadsan a ta ʼbriseadh nan àitheantan.
20Tha esan urramach a ta ʼna phrìomh‑fhear a ʼm measg bhràithre; agus mar sin tha iadsan air am bheil eagal an Tighearna ʼna shùilibh.
21Tha eagal an Tighearna aʼ dol air thoiseach air ùghdarras fhaotuinn: ach caillear e le gairge agus uabhar.
22Cia achd tha e saibhir, uasal, no ìosal, ʼse eagal an Tighearna an glòir.
23Cha ʼn ʼeil e ceart tàir a dheanamh air an duine bhochd aig am bheil tuigse; ni mò tha e iomchuidh duine peacach a mheudachadh.
24Bheirear urram do dhaoinibh mòra, do na breitheamhnaibh, agus do na h‑àrd‑chumhachdaibh; gidheadh cha ʼn ʼeil aon aca ni ʼs mò nʼ an tì air am bheil eagal an Tighearna.
25Ni iadsan a ta saor seirbhis do ʼn t‑seirbhiseach a ta glice; agus esan aig am bheil eòlas cha talaich e an uair a bhios e air ath‑leasachadh.
26Na bi tuilleadh ʼs glic ann an deanamh do ghnothuich fein; agus na dean uaill ann an àm do thrioblaid.
27Is fearr esan a ta ri saothair, agus aig am bheil pailteas do na h‑uile nithe, na esan a ta ʼdeanamh uaill as fein, agus aran a dhìth air.
28A mhic, thoir glòir do tʼ anam ann am macantas, agus thoir urram da a réir inbhe fein.
29Cò a dhʼ fhìreanaicheas an tì a pheacaicheas an aghaidh anama fein? agus cò a bheir urram dàsan a ta toirt eas‑urraim dʼ a bheatha fein?
30Tha urram air a thoirt do ʼn duine bhochd air son innleachd fein, agus do ʼn duine bheartach air son a shaoibhreis.
31Esan a gheibh urram ann am bochduinn, nach mòr ni ʼs mò a gheibh e ann am beartas? agus esan a ta eas‑urramach ann am beartas, nach mòr ni ʼs mò na sin ann am bochduinn?
Currently Selected:
Ecclesiasticus 10: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017