Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 7

7
CAIB. VII.
1Na dean olc sam bith, uime sin cha tig cron ʼnadʼ char.
2Teich air falbh o ʼn neo‑fhìrean, agus tionndaidhidh aingidheachd air falbh uait.
3A mhic, na sìol‑chuir air claisibh na neo‑fhìreantachd, agus cha bhuain thu iad seachd‑fillte.
4Na h‑iarr uachdaranachd on Tighearna, ni mò o ʼn rìgh caithir an urraim.
5Na fìreanaich thu fein am fianuis an Tighearna; agus na dean uaill á do ghliocas an làthair an rìgh.
6Na h‑iarr a bhi ʼnadʼ bhreitheamh, air duit a bhi eu‑comasach aingidheachd a thoirt air falbh; gun fhios uair air bith gu ʼm bi eagal pearsaidh aʼ chumhachdaich ort, agus gu ʼn cuir thu ceap‑tuislidh ann an slighe tʼ ionracais fein.
7Na dean oilbheum an aghaidh mòr‑chuideachd aʼ bhaile, agus an sin cha tilg thu thu fein sìos am measg an t‑sluaigh.
8Na ceangal aon pheacadh air peacadh eile; oir ann an aon cha ʼn fhàgar gun pheanas thu.
9Na abair, Seallaidh Dia air lìonmhorachd mʼ ìobairtean: agus an uair a dhʼ ìobaireas mi do ʼn Dia a ʼs àirde, gabhaidh e ris.
10Na bi gealtach an uair a nì thu ùrnuigh, agus na dearmad déirce a thabhairt.
11Na dean fochaid air duine san bith ann an searbhadas ʼanama; oir tha aon ann a dhʼ ìslicheas agus a dhʼ àrdaicheas.
12Na dealbh breug an aghaidh do bhràthar: ni mò a nì thu a leithid sin ridʼ charaid.
13Na gnàthaich gnè bhréige sam bith; oir cha ʼn ʼeil an cleachd sin gu maith.
14Na gnàthaich mòran bhriathar ann am mòr‑chuideachd nan seanair; agus na cleachd faoin‑chòmhradh ʼn àm duit a bhi ʼg ùrnuigh.
15Na fuathaich obair ghoirt, no tuathanachas a dhʼ òrdaich an Tì a ʼs àirde.
16Na cuir thu fein ann an àireamh mhòir‑chuideachd nam peacach, ach cuimhnich nach dean corruich moille mhòir.
17Irioslaich tʼ anam gu mòr; oir is teine agus cnuimheagan#7.17 cnuimheagan small worms, maggots dìoghaltas nan an‑diadhaidh.
18Na atharraich caraid air chor sam bith air son nì maith idir, no bràthair dìleas air son òir Ophir,
19Na tréig boirionnach glic agus maith; oir tha a gràs os ceann an òir.
20An uair a ta do sheirbhiseach ag oibreachadh gu fìrinneach, na dean olc air, no am fear‑tuarasdail a ta ʼga thoirt fein suas gu h‑iomlan air do sgàth‑sa.
21Biodh gràdh aig tʼ anam do dheagh sheirbhiseach, agus na meall a shaorsa uaith.
22Am bheil spréidh agad? biodh sùil agad orra; agus ma tha iad chum buannachd, gléidh iad maille riut.
23Am bheil clann agad? teagaisg iad, agus lùb am muineal sìos o ʼn òige.
24Am bheil nigheana agad? gabh cùram dʼ an corp, agus na nochd thu fein aoibhneach dʼ an taobh.
25Faigh do nighean air a pòsadh, agus mar so bithidh cùis chudthromach air a deanamh leat: ach thoir seachad i do dhuine aig am bheil tuigse.
26Am bheil bean agad a réir tʼ inntinn? na tréig i: ach na toir thu fein thairis do bhoirionnach eutroim.
27Thoir urram do tʼ athair le tʼ uile chridhe, agus na dì‑chuimhnich àmhghairean do mhàthar.
28Cuimhnich gu ʼn do ghineadh thu leò‑san: agus ciamar a dhʼ ath‑dhìolas tu dhoibh na nithe a rinn iad air do shon?
29Le tʼ uile chridhe biodh eagal an Tighearna ort, agus thoir urram dʼ a shagartaibh.
30Gràdhaich esan a rinn thu le tʼ uile neart, agus na tréig a sheirbhisich.
31Biodh eagal an Tighearna ort, agus thoir urram dʼ a shagart; agus thoir da a chuibhrionn, mar a dhʼ àithneadh dhuit: na ceud‑thoraidh, agus an ìobairt‑eusaontais, agus tiodhlac nan guaillean, agus ìobairt na naomhachd, agus ceud‑thoraidh nan nithe naomha.
32Agus sìn do làmh do ʼn bhochd, chum gu ʼm bi do bheannachd iomlan.
33Tha gràs aig tiodhlac ann an sealladh gach duine beò; oir cha chùm na mairbh air ais e.
34Na dìobair a bhi maille riù‑san a ta ʼgul, agus dean caoidh maille riù‑san a ta ri caoidh.
35Na bi mall a dhʼ fhiosrachadh nan tinn; oir le sin gràdhaichear thu.
36Ge bʼ e nì a ghabhas tu os làimh, cuimhnich aʼ chrìoch, agus cha dean thu mearachd gu bràth.

Currently Selected:

Ecclesiasticus 7: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in