Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 6

6
CAIB. VI.
1Ann an àite caraide, na fàs ʼnadʼ nàmhaid; oir (le sin) sealbhaichidh tu droch ainm, nàire, agus masladh: mar so bithidh am peacach aig am bheil an teanga dhùbailte.
2Na àrdaich thu fein ann an comhairle do chridhe fein; chum nach bi tʼ anam air a reubadh as a chéile mar tharbh (air seachran leis fein).
3Ithidh tu suas do dhuilleach, agus caillidh tu do thoradh, agus fàgaidh tu thu fein mar chraoibh chrìona.
4Millidh droch anam an tì aig am bheil e, agus nì se e ʼna chulaidh‑mhagaidh dʼ a nàimhdibh.
5Cuiridh cainnt thlà càirdean ann an lìonmhorachd, agus meudaichidh teanga mhilis fàiltean càirdeil.
6Bi ann an sìth ri mòran: gidheadh na biodh agad ach aon chomhairliche ann am mìle.
7Mas miann leat caraid fhaotuinn, dearbh e an toiseach, agus na bi bras a thoirt creideis da.
8Oir bithidh fear eigin ʼna charaid air a sgàth fein, agus cha bhi e seasmhach ann an là do thrioblaid‑sa.
9Agus tha caraid ann, air da a bhi air a thionndadh gu nàimhdeas agus buaireas, a gheibh do mhasladh a mach.
10A rìs, tha caraid eigin ʼna chompanach aig aʼ bhòrd, agus cha ʼn fhan e ann an là do thrioblaid‑sa:
11Ach ʼnadʼ shoirbheas bithidh e mar thu fein, agus bithidh e dàn thar do sheirbhisich.
12Ma leagar sìos thu, bithidh e ʼnadʼ aghaidh, agus foluichidh se e fein odʼ ghnùis.
13Dealaich thu fein ridʼ nàimhdibh, agus thoir an aire dodʼ chàirdibh.
14Tha fìor charaid ʼna dhìonadh làidir; agus an tì a fhuair a leithid sin, fhuair e ionmhas.
15Cha ʼn ʼeil nì co cudthromach ri caraid dìleas, agus tha ʼòirdheirceas uile‑luachmhor.
16Is ìocshlaint na beatha caraid dìleas; agus gheibh iadsan e air am bheil eagal an Tighearna.
17Stiùiridh an tì air am bheil eagal an Tighearna a chàirdeas gu ceart; oir mar a ta esan, mar sin bithidh a choimhearsnach mar an ceudna.
18A mhic, faigh eòlas o tʼ òige suas; mar so gheibh thu gliocas dodʼ shean aois.
19Thig dʼ a h‑ionnsuidh mar aon a ta ri h‑àradh#6.19 àradh treabhadh ‑ ploughing agus ri sìol‑chur, agus aʼ fantuinn ri a deagh thoraibh; oir cha dean thu strìth mhòir ann an saoithreachadh mu ʼn cuairt di, ach ithidh tu dʼ a toradh an ath‑ghoirid.
20Tha i ro mhì‑thaitneach do ʼn tì neo‑fhoghluimte: cha ʼn fhan esan a ta gun tuigse maille rithe.
21Luidhidh i air mar chloich mhòir na deuchainn; agus tilgidh e uaith i ann an ùine nach bi fada.
22Oir tha gliocas a réir h‑ainme fein, agus cha ʼn ʼeil i follaiseach do mhòrain.
23Thoir cluas, a mhic, gabh mo chomhairle, agus na diùlt mo sheòladh,
24Agus cuir do chosa ʼna geimhlibh, agus do mhuineal ʼna cuibhreach.
25Cròm sìos do ghualainn, agus giùlan i, agus na bi fo dhoilghios air son a daorsa.
26Thig dʼ a h‑ionnsuidh le tʼ uile chridhe, agus gléidh a slighean le tʼ uile chomas.
27Rannsaich agus iarr, agus nithear aithnichte dhuit i; agus an uair a gheibh thu gréim oirre, na leig as i.
28Oir mu dheireadh gheibh thu a fois, agus tionndaidhear sin chum aoibhneis dhuit.
29An sin bithidh a cuibhrichean ʼnan dìonadh làidirʼ dhuit, agus a slabhraidhean nan trusgan glòire.
30Oir tha grinneas òir uimpe, agus is greus phurpuir a banna.
31Cuiridh tu umad i mar thrusgan urraim, agus cuiridh tu mu ʼn cuairt duit i mar choron aoibhneis.
32A mhic, ma ʼs miann leat, teagaisgear thu; agus ma chleachdas tu tʼ inntinn fein, bithidh tu glic.
33Ma thogras tu éisdeachd, gheibh thu tuigse; agus ma chromas tu do chluas, bithidh tu glic.
34Seas ann am mòr‑chuideachd nan seanair, agus dlùth‑lean ris‑san a ta glic.
35Bi deònach air gach còmhradh diadhaidh a chluinntinn; agus na rachadh cosamhlachda na tuigse seachad ort.
36Agus ma chìth thu duine na tuigse, faigh dʼ a ionnsuidh air uairibh, agus caitheadh do chos ceuman a dhoruis.
37Biodh tʼ inntinn air òrduighibh an Tighearna, agus beachd‑smuainich do‑ghnàth air àitheantaibh‑san; daingnichidh esan do chridhe, agus bheir e gliocas duit air tʼ iarrtas fein.

Currently Selected:

Ecclesiasticus 6: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in