Ecclesiasticus 19
19
CAIB. XIX.
1Cha bhi cosnaiche a ta air a thoirt suas do ʼn mhisge saibhir: agus an tì a nì tàir air nithibh beaga tuitidh e a lìon cuid is cuid,
2Bheir fìon agus mnai air daoinibh tuigseach tuiteam air falbh; agus esan a dhlùth‑leanas ri strìopachaibh fàsaidh e beag‑nàrach.
3Gheibh na leòmann agus na cnuimheagan e mar oighreachd, agus bheirear duine dàna air falbh.
4Tha esan a ta ealamh gu creideas a thoirt eutrom ʼsan inntinn; agus ciontaichidh an tì a pheacaicheas, an aghaidh anama fein.
5Dìtear an neach aig am bheil toilinntinn ann an aingidheachd: ach esan a chuireas an aghaidh thoilinntinnean crùnaidh e a bheatha fein.
6Bithidh esan beò gun chòmhstrith dʼ an comas a theangadh a riaghladh; agus bithidh ni ʼs lugha do ʼn olc aigesan dʼ am bheil fuath do chainnt dhìomhain.
7Na h‑aithris do neach eile an nì sin a dhʼ innsear dhuit, agus cha ʼn ann a ʼs miosʼ a dhʼ éireas duit.
8Cia achd is ann ri caraid no ri nàmhaid, na labhair mu chaithe‑beatha dhaoine eile; agus ma ʼs urrainn thu gun choire, na leig ris iad.
9Oir chual agus chunnaic e thu; agus an uair a thig an t‑àm bheir e fuath dhuit.
10Ma chual thu focal, faigheadh e bàs maille riut fein; agus biodh deagh mhisneach agad, cha sgàin e thu.
11Bithidh amadan ri saothair le focal, mar bhoirionnach ri saothair chloinne.
12Mar shaighead an sàs ann an sléisde duine, mar sin tha focal a ʼm broinn amadain.
13Comhairlich caraid, feudaidh e bhith nach dʼ rinn se e; agus ma rinn, nach dean e ni ʼs mò e.
14Comhairlich do charaid, feudaidh e bhith nach dubhairt se e; agus ma thubhairt, nach abair e tuilleadh e.
15Comhairlich caraid: oir gu minic is fear‑tuaileis e, agus na creid gach sgeul.
16Tha aon ann a thuislicheas ʼna chainnt, ach cha ʼn ann o ʼn chridhe; agus cò e an tì nach dʼ rinn coire le theanga?
17Comhairlich do charaid mu ʼm bagair thu e; agus as eugais feirge, thoir géill do lagh an Tì a ʼs Airde.
18ʼSe eagal an Tighearna aʼ cheud cheum chum gu ʼn (gabh e) riut, agus gheibh gliocas a ghràdh.
19ʼSe eòlas àitheanta an Tighearna teagasg na beatha; agus gheibh iadsan a nì nithe chum a thoileachadh toradh craoibh na neo‑bhàsmhorachd.
20ʼSe eagal an Tighearna gach gliocas; agus tha cur an céill an lagha anns an uile ghliocas, agus eòlas air uile‑chumhachd‑san.
21Ma their seirbhiseach rʼ a mhaighstir, Cha dean mise mar is àill leat; ged a nì e an déigh làimh e, tha e ʼcur feirge airsan a ta ʼga àrachadh.
22Cha ghliocas eòlas na h‑aingidheachd, ni mò aig uair sam bith an i tuigse coimhairle pheacach.
23Tha aingidheachd ann, agus is gràineileachd i; agus tha amadan ann a ʼs eugais gliocais.
24Esan aig am bheil tuigse bheag, agus air am bheil eagal an Tighearna, is fearr e na esan aig am bheil mòran tuigse, agus a ta ʼbriseadh lagha an Tì a ʼs Airde.
25Tha seòltachd ro mhòr ann, a ta mì‑cheart; agus tha e ann a théid gu taobh chum breitheanas a nochdadh; agus tha e ann a ta glic a dhʼ fhìreanaicheas bhreitheanas.
26Tha duine aingidh ann a chrochas a cheann gu brònach sìos; ach ʼsan taobh a stigh, tha e làn ceilg,
27Aʼ cromadh sìos a ghnùis, agus aʼ deanamh mar nach cual e; far nach aithnichear e nì e cron ort mu ʼn toir thu an aire.
28Agus dhʼ easbhuidh cumhachd ma chumar o ʼn pheacadh e; an déigh sin an uair a gheibh e an comas nì e an t‑olc.
29Fainichear duine le ʼshealladh, agus esan aig am bheil tuigse, le ʼghnùis, an uair a chòmhlaicheas tu e.
30Nochdaidh sgeudachadh duine, agus a ghàire mhòir, agus a cheum, ciod e.
Currently Selected:
Ecclesiasticus 19: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017