Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 18

18
CAIB. XVIII.
1Chruthaich esan a ta beò gu bràth na h‑uile nithe gu coitchionn.
2Tha ʼn Tighearn a mhàin ceart, agus cha ʼn ʼeil neach eile ach esan,
3A ta ʼriaghladh an t‑saoghail le glaic a làimh, agus tha na h‑uile nithe ùmhal dʼ a thoil; oir is Rìgh nan uile e, aʼ dealachadh le chumhachd fein nithe naomha ʼnam measg o nithe mì‑naomha.
4Cò dʼ an tug e cumhachd oibre fein a chur an céill? no cò a gheibh a mach a ghnìomharan urramach?
5Cò a nì suas ann an àireamh neart a mhòrachd‑san? no cò a chuireas a thròcairean an céill?
6A thaobh oibre mhìorbhuileach an Tighearna, cha toirear nì sam bith uatha, ni mò a chuirear nì sam bith riutha, ni mò a gheibhear an stéigh aca a mach.
7An uair a bhios duine ullamh, an sin tha e aʼ tòiseachadh: agus an uair a sguireas e, an sin tha e an teagamh.
8Ciod e an duine, agus ciod a ʼs feum da? ciod is maith, agus ciod is olc dha?
9ʼSe àireamh làithean duine aig aʼ chuid a ʼs faide cùig fichead bliadhna.
10Mar bhraoin uisge do ʼn chuan, agus mar eitean gaireil an coimeas ris aʼ ghaineimh; mar sin tha mìle bliadhna a thaobh làithean na sìorruidheachd.
11Uime sin tha Dia foighidinneach riutha, agus aʼ taomadh a mach a thròcair orra.
12Chunnaic agus mhothuich e gu ʼn robh an crìoch olc; uime sin chuir e a chaoimhneas ann am meud.
13Tha tròcair duine chum a choimhearsnaich; ach tha tròcair an Tighearna chum gach feòla; tha esan aʼ cronachadh, agus ag àrachadh, agus aʼ teagasg, agus aʼ toirt air ais, mar bhuachaill a thaobh a thréid.
14Ni e tròcair orrasan a ghabhas ri teagasg, agus a dhʼ iarras gu dìchiollach an déigh a bhreitheanasa.
15A mhic, na truaill do dheagh ghnìomhara fein, agus na gnàthaich briathra mì‑thaitneach an uair a bheir thu nì seachad.
16Nach lùghdaich an drùchd an teas? mar sin is fearr focal na tiodhlac.
17Feuch, nach fearr focal na tiodhlac? ach tha iad le chéile aig duine gràsmhor.
18Cronaichidh amadan gu h‑iargaltach, agus cuiridh tiodhlac an duine fharmadaich as do na sùilibh.
19Faigh fios mu ʼn labhair thu, agus gabh leigheas mu ʼm fàs thu tinn.
20Roimh bhreitheanas ceasnaich thu fein, agus ann an là an fhiosrachaidh gheibh thu tròcair.
21Irioslaich thu fein mu ʼm fàs thu tinn, agus ann an àm pheacanna nochd aithreachas.
22Na cumadh nì sam bith thu gun do bhòid ìocadh ʼn àm iomchuidh, agus na fan chum aʼ bhàis gun a bhi air dʼ fhìreanachadh.
23Dean deas, mu ʼn dean thu ùrnuigh; agus na bi mar neach a bhrosnaicheas an Tighearna.
24Smuainich air a chorruich a bhios aig an deireadh, agus air àm an dìoghaltais, an uair a thionndaidheas e a ghnùis air falbh.
25An uair a ta gu leòir agad, cuimhnich air àm an ocrais; agus an uair a ta thu beartach, smuainich air bochdainn agus feum.
26O mhaduinn gu feasgair tha ʼn t‑àm air atharrachadh, agus tha na h‑uile nithe air an deanamh gu h‑ealamh a ʼm fianuis an Tighearna.
27Bithidh eagal air duine glice anns gach nì, agus bithidh e air fhaiceall ann an là a pheacaidh an aghaidh oilbheim; ach cha ghabh amadan beachd air ùine.
28Tha eòlas aig gach duine aig am bheil tuigse air gliocas, agus bheir e moladh dhàsan a fhuair a mach i.
29Dhʼ fhàs iadsan aig an robh tuigse ann am briathraibh glice iad fein, agus bhrùchd iad a mach cosamhlachdan maiseach.
30Na lean tʼ ana‑mianna fein, ach cùm thu fein air ais o dʼ shanntaibh.
31Ma bheir thu dodʼ anam fein na mianna a thoilicheas e, nì e thu nadʼ chùis‑mhagaidh dodʼ nàimhdibh fein a ta cur sìos ort.
32Na gabh toilinntinn ann am mòran sògha, ni mò a cheanglas tu thu fein ris aʼ chosdas.
33Na deanar nadʼ dhéircean thu le cuirm a dheanamh le h‑iasad, an uair nach ʼeil nì ʼnad sporran: oir bithidh tu a ʼm feall‑fholluchadh air son do bheatha fein, agus labhrar umad.

Currently Selected:

Ecclesiasticus 18: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in