Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 17

17
CAIB. XVII.
1Chruthaich an Tighearn an duine dhe ʼn talamh, agus phill se e dʼ a ionnsuidh a rìs.
2Thug e dhoibh beagan làithean agus ùine ghoirid, agus cumhachd mar an ceudna os ceann nan nithe a ta ann.
3Bhuilich e orra neart leò fein, agus rinn se iad a réir ìomhaigh fein,
4Agus chuir se eagal an duine air gach feòil, agus thug e uachdaranachd dha os ceann bheathaichean agus eunlaith.
5(Fhuair iad feum nan cùig oibre aig an Tighearna, agus anns an sèathamh àite chomh‑pàirtich e riù tuigse, agus anns an seachdamh còmhradh, eadar‑theangair nan smuainte aige.)
6Comhairle, agus teanga, agus sùilean, agus cluasan, agus cridhe, thug e dhoibh chum tuigsinn.
7Os bàrr, lìon se iad le eòlas na tuigse, agus nochd e dhoibh maith agus olc.
8Shuidhich e a shùil air an cridheachaibh, chum mòrachd oibre fein a nochdadh dhoibh.
9Thug e comas doibh glòir a dheanamh ʼna ghnìomharaibh iongantach gu bràth, a chum gu ʼn cuireadh iad le tuigse ʼoibre an céill.
10Agus molaidh na daoine taghta ainm naomh‑san.
11A thuilleadh air so, thug e eòlas doibh, agus lagh na beatha mar oighreachd.
12Rinn e cùmhnant sìorruidh riù, agus nochd e dhoibh a bhreitheanais.
13Chunnaic an sùilean mòrachd a ghlòir, agus chual an cluasan a ghuth ghlòrmhor.
14Agus thubhairt e riù, Seachnaibh gach uile neo‑fhìreantachd; agus thug e àithne do gach duine a thaobh a choimhearsnaich.
15Tha an slighean do ghnàth roimhe, agus cha ʼn fholuichear o shùilibh iad.
16Tha gach duine air a thabhairt do ʼn olc o ʼòige; ni mò am bʼ urrainn dhoibh cridheachan feòla a dheanamh dhoibh fein ann an àit chridheachan clochaidh.
17Oir ann an roinn chinneach na talmhainn uile shuidhich e riaghlair os ceann an t‑sluaigh; ach is e Israeil cuibhrionn an Tighearna:
18A dhʼ àraich e le teagasg, air da a bhi ʼna cheud‑ghin; agus, aʼ tabhairt da soluis a ghràidh, cha tréig se e.
19Uime sin tha ʼn oibre gu léir roimhe mar aʼ ghrian, agus tha a shùilean do ghnàth air an slighibh.
20Cha ʼn ʼeil a h‑aon dʼ an gnìomharaibh eucorach air am foluchadh uaith‑san, ach tha am peacanna gu léir am fianuis an Tighearna.
21Ach air do ʼn Tighearn a bhi gràsmhor, agus eòlach air obair fein, cha dʼ fhàg agus cha do thréig se iad, ach chaomhain se iad.
22Maille ris‑san tha déirce duine mar sheul, agus gléidhidh e deagh ghnìomhara duine mar chloich na sùla, agus bheir e maitheanas da chuid mhac agus nighean.
23An déigh sin éiridh e suas agus bheir e duais doibh, agus ath‑dhìolaidh se iad air an cinn.
24Ach dhoibh‑san a nì aithreachas, thug e cead pilltinn, agus thug e comhfhurtachd dhoibh‑san a dhʼ fhàilnich a ʼm foighidinn.
25Pill ris an Tighearna, agus tréig do pheacanna, dean ùrnuigh an làthair a ghnùis, agus ciontaich ni ʼs lugha.
26Pill a rìs ris an Tì a ʼs Airde, agus tionndaidh air falbh o ʼn olc: oir treòraichidh e thu a mach á dorchadas chum soluis na slàinte; agus tabhair fuath ro shearbh do ghràineileachd.
27Cò a mholas an Tì a ʼs Airde anns an uaigh? a thuilleadh orra‑san a ta beò agus aʼ tabhairt buidheachais?
28Théid buidheachas a dhìth o na mairbh, mar o neach nach ʼeil idir ann: molaidh iadsan a ta beò agus fallain ʼnan cridhe Dia.
29Cia mòr caoimhneas gràdhach an Tighearna ar Dé, agus a thròcair dʼ an taobhsan a philleas ris ann an naomhachd!
30Oir cha ʼn ʼeil na h‑uile nithe ann an daoinibh, do bhrìgh nach ʼeil mac an duine neo‑bhàsmhor.
31Ciod a ʼs dealraiche na ghrian? gidheadh fàilnichidh a solus; agus smuainichidh feòil agus fuil an t‑olc.
32Tha esan aʼ sealltuinn air cumhachd àirde nèimh, agus cha ʼn ʼeil anns na h‑uile dhaoinibh ach duslach agus luaithre.

Currently Selected:

Ecclesiasticus 17: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in