Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 16

16
CAIB. XVI.
1Na iarr mòran cloinne neo‑tharbhaich, ni mò a ghabhas tu toilinntinn ann am macaibh mì‑dhiadhaidh.
2Ged a dhʼ fhàsas iad lìonmhor, na dean gàirdeachas annta, mar bi eagal an Tighearna maille riù.
3Na cuir do dhòchas ʼnam beatha, ni mò a ghabhas tu suim dʼ an lìonmhorachd: oir is fearr aon a ta ceart na mìle; agus is fearr am bàs fhaotuinn gun chloinn, na iadsan a bhi aca a ta an‑diadhaidh.
4Oir bithidh am baile air ath‑lìonadh le h‑aon aig am bheil tuigse; ach bithidh luchd‑dàimhe nan aingidh gu h‑ealamh air am fàsachadh.
5Chunnaic mi mòran nithe a leithid sin lemʼ shùilibh, ach chual mo chluas nithe a ʼs mò na iad sin.
6Lasar teine ann an coimhthional nan aingidh; agus ann an cinneach peacach cuirear corruich ʼna teine.
7Bha e ann an réite ris na seann famhairibh, a chlaoin air falbh ann an neart an amaideachd fein.
8Ni mò a chaomhain e an t‑ionad anns an robh Lot air chuairt, ach thug e gràin doibh air son an uabhair.
9Cha do ghabh e truas ri sluagh an léirsgrios, a thugadh air falbh ʼnam peacannaibh:
10No an sèa ceud mìle fear‑coise, a chruinnicheadh rʼ a chéile ann an cruadhas an cridhe.
11Agus ma tha a h‑aon rag‑mhuinealach am measg an t‑sluaigh, tha e ʼna mhìorbhuil ma théid e as gun pheanas: oir maille ris‑san tha tròcair agus corruich; tha e cumhachdach a thoirt maitheanais, agus a thaomadh feirge a mach.
12Mar a ta a thròcair mòr, mar sin tha a smachdachadh mar an ceudna; bheir e breith air duine a réir oibre.
13Cha téid am peacach as le chuid creach; agus cha bhi foighidinn nan daoine diadhaidh gu dìomhain.
14Réitich an t‑slighe air son gach oibre thròcairich; oir gheibh gach duine a réir obair fein.
15Chruaidhich an Tighearna Pharaoh, chum nach gabhadh e eòlas air, chum gu ʼm biodh oibre cumhachdach air an deanamh aithnichte do ʼn t‑saoghal.
16Tha a thòcair follaiseach do gach creutair; agus dhealaich e a sholus o ʼn dorchadas le h‑adamant.
17Na abair thusa, Foluichidh mi mi fein o ʼn Tighearna: an cuimhnich neach sam bith a ta shuas mi? Cha bhi cuimhne orm am measg na h‑uiread sluaigh; oir ciod e mʼ anam am measg àireimh neo‑chrìochnuichte do chreutairibh?
18Feuch, bithidh nèamh, agus nèamh nan nèamh, an cuan, agus talamh, agus gach nì a ta ann, air an gluasad an uair a dhʼ fhiosraicheas esan.
19Bithidh na beannta mar an ceudna, agus bunaite na talmhainn air an crathadh le ball‑chrith, an uair a dhʼ amhairceas an Tighearna orra.
20Cha smuainich cridhe sam bith air na nithibh sin gu dligheach: agus cò dʼ an urrainn a shligheanna a thuigsinn?
21Is doinionn e nach comasach do dhuine sam bith fhaicinn: oir tha chuid a ʼs mò dʼ a oibribh folluichte.
22Cò a ʼs urrainn oibre a cheartais a chur an céill? no cò a chuireas suas leò? oir tha a chùmhnant am fad as, agus tha deuchainn nan uile nithe aig an deireadh.
23Smuainichidh esan aig nach ʼeil tuigse air nithibh faoin; agus smuainichidh duine amaideach aʼ dol ʼmearachd air dìomhanasaibh.
24A mhic, éisd rium, agus foghluim eòlas, agus comharraich mo bhriathra ʼnad chridhe.
25Foillsichidh mi teagasg le cudthrom, agus cuiridh mi an t‑eòlas aige an céill gu cothromach.
26Tha oibre an Tighearna air an deanamh ann am breitheanas o ʼn toiseach; agus o ʼn àm an dʼ rinn se iad shocraich e an earrainnean fa leth.
27Rinn e oibre fein maiseach a chaoidh, agus tha aʼ chuid a ʼs àraidh dhiubh ʼna làimh chum gach uile lìnn; cha ʼn ʼeil iad aon chuid ri saothair, no sgìth, ni mò a sguireas iad o ʼn oibribh.
28Cha ʼn ʼeil a h‑aon diubh aʼ bacadh an aoin eile, agus cha bhi iad gu bràth eas‑ùmhal dʼ a fhocal.
29An déigh so amhaircidh an Tighearn air an talamh, agus lìonaidh e le bheannachdaibh e.
30Chòmhdaich e ʼaghaidh leis gach uile ghnè nì beò: agus pillidh iad dʼ a ionnsuidh a rìs.

Currently Selected:

Ecclesiasticus 16: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in